A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnìomharan 23



1
Agus air dearcadh do Phòl air a’ chomhairle, thubhairt e, Fheara agus a bhràithrean, anns an uile dheagh chogais chaith mise mo bheatha a‑thaobh Dhè gus an là‑an‑diugh.
2
Agus dh’àithn an t‑àrd-shagart Ananias dhaibhsan, a bha nan seasamh làimh ris, a bhualadh air a’ bheul.
3
An sin thubhairt Pòl ris, Buailidh Dia thusa, a bhalla ghealaichte: oir a bheil thusa ad shuidhe a thoirt breith ormsa a rèir an lagha, agus an aghaidh an lagha ag òrdachadh mo bhualadh?
4
Agus thubhairt iadsan a sheas làimh ris, A bheil thusa a’ toirt ana-cainnt do àrd-shagart Dhè?
5
An sin thubhairt Pòl, Cha robh fhios agam, a bhràithrean, gum b’e an t‑àrd-shagart e: oir tha e sgrìobhte, Na labhair olc mu uachdaran do phobaill.
6
Ach nuair a thuig Pòl gu robh cuid dhiubh nan Sadusaich, agus a’ chuid eile nam Pharasaich, ghlaodh e anns a’ chomhairle, Fheara agus a bhràithrean, is Pharasach mise, mac Pharasaich: is ann as leth dòchas agus aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt am breitheanas.
7
Agus air dhàsan seo a labhairt, dh’èirich còmhstri eadar na Pharasaich agus na Sadusaich: agus roinneadh an coitheanal an aghaidh a chèile.
8
Oir tha na Sadusaich ag ràdh nach eil aiseirigh, no aingeal, no spiorad ann; ach tha na Pharasaich ag aideachadh gach aoin dhiubh.
9
Agus dh’èirich gàir mhòr: agus air seasamh suas do na sgrìobhaichean a bha air taobh nam Pharasach, chathaich iad nan aghaidh, ag ràdh, Chan eil sinne a’ faotainn cron air bith anns an duine seo: ach ma labhair spiorad no aingeal ris, na cogamaid an aghaidh Dhè.
10
Agus nuair a dh’èirich connsachadh mòr eatorra, air don àrd-cheannard a bhith fo eagal gu rachadh Pòl a tharraing as a chèile leo, dh’àithn e do na saighdearan dol sìos, agus esan a thogail leis an làimh làidir as am meadhon, agus a thoirt don chaisteal.
11
Agus air an oidhche na dhèidh sin, sheas an Tighearna làimh ris, agus thubhairt e, Biodh misneach mhath agad, a Phòil; oir mar a rinn thu fianais mum thimcheall-sa ann an Ierusalem, is amhail sin as èiginn dhut fianais a dhèanamh anns an Ròimh.
12
Agus air teachd don là, chruinnich dream àraidh de na h‑Iùdhaich an ceann a chèile, agus chuir iad iad fhèin fo mhallachadh, ag ràdh nach itheadh agus nach òladh iad gus am marbhadh iad Pòl.
13
Agus bha iad os cionn dà‑fhichead fear a rinn an co‑mhionnachadh seo.
14
Agus thàinig iad a‑chum nan àrd-shagart, agus nan seanairean, agus thubhairt iad, Chuir sinne sinn fhèin fo àrd-mhallachadh, nach blaiseamaid nì sam bith gus am marbhamaid Pòl.
15
A‑nis uime sin iarraibh-se maille ris a’ chomhairle air an àrd-cheannard, gun tugadh e dur n‑ionnsaigh-se e a‑màireach, mar gum biodh a rùn oirbh fios fhaotainn na bu choileanta air nì‑eigin ma thimcheall; agus tha sinne deas a‑chum esan a mharbhadh, mun tig e am fagas dhuibh.
16
Agus nuair a chuala mac-peathar Phòil am feall-fhalach seo, thàinig e, agus air dha dol a‑steach don chaisteal, dh’innis e sin do Phòl.
17
An sin ghairm Pòl da ionnsaigh aon de na ceannardan-ceud, agus thubhairt e, Thoir an t‑òganach seo a‑chum an àrd-cheannaird; oir tha nì àraidh aige ri innse dha.
18
An sin thug e leis e, agus threòraich e e a‑chum an àrd-cheannaird, agus thubhairt e, Ghairm Pòl am prìosanach mise da ionnsaigh, agus ghuidh e orm an t‑òganach seo a thoirt ad ionnsaigh-sa, aig a bheil nì‑eigin ri innse dhut.
19
An sin rug an t‑àrd-cheannard air a làimh, agus chaidh e a lethtaobh an uaigneas maille ris, agus dh’fheòraich e dheth, Ciod a tha agad ri innse dhòmhsa?
20
Agus thubhairt esan, Rinn na h‑Iùdhaich comhairle iarraidh ortsa gun tugadh tu Pòl a‑màireach don chomhairle, mar gum biodh iad gu rannsachadh nas gèire a dhèanamh air nì‑eigin ma thimcheall.
21
Ach na aontaich thusa leo: oir tha os cionn dà‑fhichead fear dhiubh ri feall-fhalach na aghaidh, a chuir iad fhèin fo mhallachadh, nach ith agus nach òl iad gus am marbh iad e: agus a‑nis tha iad ullamh, a’ feitheamh ri gealladh uatsa.
22
An sin leig an t‑àrd-cheannard uaithe an t‑òganach, agus dh’àithn e dha, ag ràdh, Feuch nach innis thu do neach sam bith gun d’fhoillsich thu na nithean seo dhòmhsa.
23
Agus ghairm e da ionnsaigh dà cheannard-ceud, agus thubhairt e, Ullaichibh dà cheud saighdear a thèid gu Cesarèa, agus deich agus trì-fichead marcach, agus dà cheud fear-sleagha, air an treas uair den oidhche.
24
Agus ullaichibh eich, a‑chum air dhaibh Pòl a chur orra, gun toir iad e gu tèarainte a‑chum an uachdarain Felics.
25
Agus sgrìobh e litir air a’ mhodh seo:
26
Beatha agus slàinte o Chlaudius Lisias, a‑chum an uachdarain ro‑òirdheirc Felics.
27
Ghlacadh an duine seo leis na h‑Iùdhaich, agus nuair a bha iad air tì a mharbhadh, thàinig mise orra le saighdearan, agus theasairg mi e, a’ tuigsinn gum bu Ròmanach e.
28
Agus air dhomh a bhith toileach air fios an adhbhair fhaotainn airson an d’agair iad e, thug mi sìos e a‑chum an comhairle-san:
29
Agus thuig mi gu robh e air agairt mu cheistean den lagh fhèin, gun nì sam bith air a chur as a leth a b’airidh air bàs no air ceanglaichean.
30
Ach nuair a dh’innseadh dhomh gu robh na h‑Iùdhaich gu foill a chaitheadh air an duine, air ball chuir mi ad ionnsaigh-sa e, agus thug mi àithne mar an ceudna da luchd-casaid gach cùis a bha aca na aghaidh a chur an cèill ad làthair-sa. Slàn leat.
31
An sin air do na saighdearan Pòl a ghabhail, a rèir mar a dh’àithneadh dhaibh, thug iad anns an oidhche e gu Antipatris.
32
Agus air an là màireach leig iad don mharc-shluagh dol leis, agus thill iad fhèin don chaisteal.
33
Agus nuair a chaidh iad a‑steach do Chesarèa, agus a thug iad an litir don uachdaran, chuir iad mar an ceudna Pòl na fhianais.
34
Agus nuair a leugh an t‑uachdaran an litir, dh’fhiosraich e ciod an dùthaich on robh e. Agus nuair a thuig e gur ann o Chilicia a bha e,
35
Thubhairt e, Eisdidh mi riut, nuair a thig do luchd-casaid mar an ceudna. Agus dh’àithn e esan a choimhead ann an talla-breitheanais Heroid.











Gnìomharan 23:1
Gnìomharan 23:2
Gnìomharan 23:3
Gnìomharan 23:4
Gnìomharan 23:5
Gnìomharan 23:6
Gnìomharan 23:7
Gnìomharan 23:8
Gnìomharan 23:9
Gnìomharan 23:10
Gnìomharan 23:11
Gnìomharan 23:12
Gnìomharan 23:13
Gnìomharan 23:14
Gnìomharan 23:15
Gnìomharan 23:16
Gnìomharan 23:17
Gnìomharan 23:18
Gnìomharan 23:19
Gnìomharan 23:20
Gnìomharan 23:21
Gnìomharan 23:22
Gnìomharan 23:23
Gnìomharan 23:24
Gnìomharan 23:25
Gnìomharan 23:26
Gnìomharan 23:27
Gnìomharan 23:28
Gnìomharan 23:29
Gnìomharan 23:30
Gnìomharan 23:31
Gnìomharan 23:32
Gnìomharan 23:33
Gnìomharan 23:34
Gnìomharan 23:35






Gnìomharan 1 / Gnì 1
Gnìomharan 2 / Gnì 2
Gnìomharan 3 / Gnì 3
Gnìomharan 4 / Gnì 4
Gnìomharan 5 / Gnì 5
Gnìomharan 6 / Gnì 6
Gnìomharan 7 / Gnì 7
Gnìomharan 8 / Gnì 8
Gnìomharan 9 / Gnì 9
Gnìomharan 10 / Gnì 10
Gnìomharan 11 / Gnì 11
Gnìomharan 12 / Gnì 12
Gnìomharan 13 / Gnì 13
Gnìomharan 14 / Gnì 14
Gnìomharan 15 / Gnì 15
Gnìomharan 16 / Gnì 16
Gnìomharan 17 / Gnì 17
Gnìomharan 18 / Gnì 18
Gnìomharan 19 / Gnì 19
Gnìomharan 20 / Gnì 20
Gnìomharan 21 / Gnì 21
Gnìomharan 22 / Gnì 22
Gnìomharan 23 / Gnì 23
Gnìomharan 24 / Gnì 24
Gnìomharan 25 / Gnì 25
Gnìomharan 26 / Gnì 26
Gnìomharan 27 / Gnì 27
Gnìomharan 28 / Gnì 28