A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnìomharan 1



1
Rinn mi an ciad leabhar, a Theophiluis, mu thimcheall nan uile nithean a thòisich Iosa air a dhèanamh agus a theagasg,
2
Gus an là anns an do thogadh suas e, an dèidh dha, tron Spiorad Naomh, àitheantan a thoirt do na h‑abstoil a thagh e:
3
Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:
4
Agus air dha a bhith maille riu, dh’àithn e dhaibh gun iad a dhol o Ierusalem, ach feitheamh ri gealladh an Athar, arsa esan, a chuala sibh uamsa.
5
Oir bhaist Eòin gu deimhinn le uisge: ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh, air bheag làithean an dèidh seo.
6
Uime sin nuair a chruinnich iad an ceann a chèile, dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Thighearna, an aisig thu aig an àm seo an rìoghachd do Israel?
7
Ach thubhairt esan riu, Cha bhuin e dhuibhse fios nan aimsir no nan àm fhaotainn, a chuir an t‑Athair na chumhachd fhèin.
8
Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.
9
Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, thogadh suas e, agus iadsan ga fhaicinn; agus thug neul as an sealladh e.
10
Agus am feadh a bha iadsan a’ geur-amharc gu nèamh, agus esan a’ dol suas, feuch, sheas dithis fhear làimh riu ann an aodach geal;
11
Agus thubhairt iad, Fheara Ghalile, carson a tha sibh nur seasamh ag amharc gu nèamh? An t‑Iosa seo a thogadh suas uaibh gu nèamh, is amhail sin a thig e, mar a chunnaic sibh e a’ dol do nèamh.
12
An sin thill iad gu Ierusalem, on t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann-ola, a tha am fagas do Ierusalem, astar là sàbaid as.
13
Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach, far an robh a’ fantainn Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais.
14
Bhuanaich iad seo uile a dh’aon inntinn ann an ùrnaigh (agus ann an guidhe), maille ris na mnathan, agus Muire màthair Iosa, agus maille ra bhràithrean.
15
Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).
16
Fheara agus a bhràithrean, b’èiginn an sgriobtar seo a bhith air a choileanadh, a ro‑labhair an Spiorad Naomh le beul Dhaibhidh timcheall Iùdais, a bha na cheann-iùil acasan a ghlac Iosa.
17
Oir bha e air àireamh maille rinne, agus fhuair e cuibhreann den fhrithealadh seo.
18
A‑nis cheannaich am fear seo fearann le duais na h‑eucoir; agus air dha tuiteam sìos air a aghaidh, sgàin e anns a’ mheadhon, agus bhrùchd a mhionach uile a‑mach.
19
Agus rinneadh seo aithnichte do luchd-àiteachaidh Ierusaleim uile: air chor is gun abrar ris an fhearann sin nan cainnt fhèin, Aceldama, sin ri ràdh, Fearann fala.
20
Oir tha e sgrìobhte ann an leabhar nan Salm, Biodh a àite-còmhnaidh na fhàsach, agus na gabhadh neach sam bith tàmh ann: agus, Glacadh neach eile a dhreuchd.
21
Air an adhbhar sin is còir aon de na daoine sin a bha maille rinne, rè na h‑aimsir sin uile anns an deachaidh an Tighearna Iosa a‑steach agus a‑mach nar measg,
22
A’ tòiseachadh o bhaisteadh Eòin, gus an là anns an do thogadh suas uainn e, a bhith air a dhèanamh na fhianais air a aiseirigh-san maille rinne.
23
Agus shònraich iad dithis, Iòseph ris an abrar Barsabas, dom bu cho-ainm Iustus, agus Matias.
24
Agus rinn iad ùrnaigh, agus thubhairt iad, Thusa a Thighearna, don aithne cridheachan nan uile dhaoine, foillsich cò den dithis seo a thagh thu,
25
A ghabhail cuibhrinn den fhrithealadh agus den abstolachd seo, on do thuit Iùdas le seachran, gu dol da àite fhèin.
26
Agus thilg iad an crannchur; agus thuit an crannchur air Matias; agus bha e air àireamh maille ris an aon-abstol-deug.











Gnìomharan 1:1

Gnìomharan 1:2

Gnìomharan 1:3

Gnìomharan 1:4

Gnìomharan 1:5

Gnìomharan 1:6

Gnìomharan 1:7

Gnìomharan 1:8

Gnìomharan 1:9

Gnìomharan 1:10

Gnìomharan 1:11

Gnìomharan 1:12

Gnìomharan 1:13

Gnìomharan 1:14

Gnìomharan 1:15

Gnìomharan 1:16

Gnìomharan 1:17

Gnìomharan 1:18

Gnìomharan 1:19

Gnìomharan 1:20

Gnìomharan 1:21

Gnìomharan 1:22

Gnìomharan 1:23

Gnìomharan 1:24

Gnìomharan 1:25

Gnìomharan 1:26







Gnìomharan 1 / Gnì 1

Gnìomharan 2 / Gnì 2

Gnìomharan 3 / Gnì 3

Gnìomharan 4 / Gnì 4

Gnìomharan 5 / Gnì 5

Gnìomharan 6 / Gnì 6

Gnìomharan 7 / Gnì 7

Gnìomharan 8 / Gnì 8

Gnìomharan 9 / Gnì 9

Gnìomharan 10 / Gnì 10

Gnìomharan 11 / Gnì 11

Gnìomharan 12 / Gnì 12

Gnìomharan 13 / Gnì 13

Gnìomharan 14 / Gnì 14

Gnìomharan 15 / Gnì 15

Gnìomharan 16 / Gnì 16

Gnìomharan 17 / Gnì 17

Gnìomharan 18 / Gnì 18

Gnìomharan 19 / Gnì 19

Gnìomharan 20 / Gnì 20

Gnìomharan 21 / Gnì 21

Gnìomharan 22 / Gnì 22

Gnìomharan 23 / Gnì 23

Gnìomharan 24 / Gnì 24

Gnìomharan 25 / Gnì 25

Gnìomharan 26 / Gnì 26

Gnìomharan 27 / Gnì 27

Gnìomharan 28 / Gnì 28