A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Eòin 7



1
Agus an dèidh nan nithean sin, bha Iosa ag imeachd mun cuairt ann an Galile: oir cha b’àill leis a bhith ag imeachd ann an Iudèa, a chionn gu robh na h‑Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh.
2
Agus bha fèill nan Iùdhach, eadhon fèill nam pàillean, am fagas.
3
Uime sin thubhairt a bhràithrean ris, Imich as a seo agus rach do Iudèa, a‑chum gum faic do dheisciobail mar an ceudna d’obraichean a tha thu a’ dèanamh.
4
Oir cha dèan neach air bith aon nì am falach, a dh’iarras e fhèin a bhith am follais: ma tha thu a’ dèanamh nan nithean seo, nochd thu fhèin don t‑saoghal.
5
Oir cha do chreid a bhràithrean fhèin ann.
6
An sin thubhairt Iosa riu, Cha tàinig m’àm‑sa fhathast; ach tha ur n‑àm‑se a‑ghnàth deas.
7
Chan eil e an comas don t‑saoghal sibhse fhuathachadh; ach fuathaichidh e mise, do bhrìgh gu bheil mi a’ toirt fianais ma thimcheall, gu bheil a obraichean olc.
8
Rachaibh-se suas a‑chum na fèille seo: cha tèid mise suas fhathast a‑chum na fèille seo, do bhrìgh nach eil m’àm fhathast air a choileanadh.
9
Nuair a thubhairt e na nithean seo riu, dh’fhan e ann an Galile.
10
Ach nuair a chaidh a bhràithrean suas, an sin chaidh esan suas mar an ceudna a‑chum na fèille, chan ann am follais, ach mar gum b’ann an uaigneas.
11
An sin dh’iarr na h‑Iùdhaich e air an fhèill, agus thubhairt iad, Càit a bheil e?
12
Agus bha borbhan mòr am measg an t‑sluaigh ma thimcheall: oir thubhairt cuid, Is duine math e: ach thubhairt cuid eile, Chan eadh; ach tha e a’ mealladh an t‑sluaigh.
13
Gidheadh cha do labhair neach sam bith gu follaiseach uime, air eagal nan Iùdhach.
14
A‑nis mu mheadhon na fèille, chaidh Iosa suas don teampall, agus theagaisg e.
15
Agus ghabh na h‑Iùdhaich iongantas, ag ràdh, Cionnas as aithne don duine seo litrichean, agus nach d’fhòghlaim e?
16
Fhreagair Iosa iad, agus thubhairt e, Cha leam fhèin mo theagasg, ach leis-san a chuir uaithe mi.
17
Mas àill le neach sam bith a thoil-san a dhèanamh, bidh fios aige mun teagasg, an ann o Dhia a tha e, no a bheil mise a’ labhairt uam fhèin.
18
An tì a labhras uaithe fhèin, tha e ag iarraidh a ghlòire fhèin: ach ge bè a dh’iarras glòir an tì a chuir uaithe e, tha esan fìrinneach, agus chan eil eucoir air bith ann.
19
Nach tug Maois an lagh dhuibh, agus gidheadh chan eil aon neach agaibh a’ coileanadh an lagha? Carson a tha sibh ag iarraidh mise a mharbhadh?
20
Fhreagair an sluagh agus thubhairt iad, Tha deamhan agad: cò a tha ag iarraidh do mharbhadh?
21
Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Rinn mise aon obair, agus tha iongantas oirbh uile air an adhbhar sin.
22
Thug Maois dhuibh an timcheall-ghearradh (chan e gur ann o Mhaois a tha e, ach o na h‑athraichean), agus timcheall-ghearraidh sibhse duine air an t‑sàbaid.
23
Ma tha duine air an t‑sàbaid a’ gabhail timcheall-ghearraidh, a‑chum nach bi lagh Mhaois air a briseadh, a bheil fearg agaibh riumsa, a chionn gun do rinn mi duine gu h‑iomlan slàn air an t‑sàbaid?
24
Na tugaibh breith a rèir coslais, ach thugaibh breith cheart.
25
An sin thubhairt cuid de mhuinntir Ierusaleim, Nach e seo esan a tha iad ag iarraidh a mharbhadh?
26
Agus, feuch, tha e a’ labhairt gu follaiseach, agus chan eil iad ag ràdh nì sam bith ris: a bheil dearbh-fhios aig na h‑uachdarain gur e seo da‑rìribh Crìosd?
27
Gidheadh is aithne dhuinn an duine seo, cia as dha: ach nuair a thig Crìosd, chan aithne do neach air bith cia as dha.
28
An sin ghlaodh Iosa anns an teampall, agus e a’ teagasg, ag ràdh, Is aithne dhuibh araon mise, agus cia as dhomh: agus cha tàinig mi uam fhèin, ach tha esan fìor a chuir uaithe mi, air nach eil eòlas agaibhse.
29
Ach tha eòlas agamsa air; oir is ann uaithe a tha mi, agus chuir esan uaithe mi.
30
An sin dh’iarr iad a ghlacadh: ach cha do chuir neach air bith làmh ann, a chionn nach robh a uair fhathast air teachd.
31
Agus chreid mòran den t‑sluagh ann, agus thubhairt iad, Nuair a thig Crìosd, an dèan e nas mò de mhìorbhailean na iad sin a rinn an duine seo?
32
Chuala na Pharasaich gu robh an sluagh a’ borbhanaich nan nithean seo ma thimcheall: agus chuir na Pharasaich agus na h‑àrd-shagartan maoir ga ghlacadh.
33
An sin thubhairt Iosa, Fhathast tamall beag tha mise maille ribh, agus an sin tha mi a’ dol a‑chum an tì a chuir uaithe mi.
34
Iarraidh sibh mi, agus chan fhaigh sibh mi: agus don àite anns am bi mi, chan urrainn sibhse teachd.
35
An sin thubhairt na h‑Iùdhaich eatorra fhèin, Càit an tèid am fear seo, nach faigh sinn e? An tèid e a‑chum na muinntir a tha air an sgapadh am measg nan Greugach, agus an teagaisg e na Greugaich?
36
Ciod i a’ chainnt seo a thubhairt e, Iarraidh sibh mi, agus chan fhaigh sibh mi: agus don àite anns a bheil mise, chan urrainn sibhse teachd?
37
Air an là dheireannach, là mòr sin na fèille, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e am ionnsaigh-sa, agus òladh e.
38
An tì a chreideas annamsa, mar a tha an sgriobtar ag ràdh, sruthaidh as a bhroinn aibhnichean de uisge beò.
39
(Ach labhair e seo mun Spiorad, a bha iadsan a chreideadh annsan gu fhaghail: oir cha robh an Spiorad fhathast air a thabhairt, do bhrìgh nach robh Iosa fhathast air a ghlòrachadh.)
40
Uime sin, nuair a chuala mòran den t‑sluagh a’ chainnt seo, thubhairt iad, Gu fìrinneach is e seo am Fàidh.
41
Thubhairt cuid eile, Is e seo Crìosd. Ach thubhairt dream eile, An ann o Ghalile a thig Crìosd?
42
Nach dubhairt an sgriobtar gun tig Crìosd de shìol Dhaibhidh, agus à Betlehem, am baile anns an robh Daibhidh?
43
Air an adhbhar sin dh’èirich eas-aonachd am measg an t‑sluaigh air a shon-san.
44
Agus b’àill le cuid dhiubh a ghlacadh; ach cha do chuir duine air bith làmh ann.
45
An sin thàinig na maoir a‑chum nan ard-shagart agus nam Pharasach; agus thubhairt iadsan riu, Carson nach tug sibh leibh e?
46
Fhreagair na maoir, Cha do labhair duine riamh mar an duine seo.
47
An sin fhreagair na Pharasaich iad, A bheil sibhse mar an ceudna air ur mealladh?
48
An do chreid aon air bith de na h‑uachdarain ann, no de na Pharasaich?
49
Ach an sluagh seo aig nach eil eòlas an lagha, tha iad mallaichte.
50
Thubhairt Nicodèmus riu (esan a thàinig da ionnsaigh anns an oidhche, air dha a bhith na aon dhiubh),
51
A bheil ar lagh-ne a’ toirt breith air duine sam bith gus an cluinn e uaithe fhèin an toiseach, agus gus am bi fhios aige ciod a tha e a’ dèanamh?
52
Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, A bheil thusa mar an ceudna o Ghalile? Rannsaich, agus faic: oir à Galile cha d’èirich fàidh.
53
Agus dh’imich gach aon da thaigh fhèin.











Eòin 7:1
Eòin 7:2
Eòin 7:3
Eòin 7:4
Eòin 7:5
Eòin 7:6
Eòin 7:7
Eòin 7:8
Eòin 7:9
Eòin 7:10
Eòin 7:11
Eòin 7:12
Eòin 7:13
Eòin 7:14
Eòin 7:15
Eòin 7:16
Eòin 7:17
Eòin 7:18
Eòin 7:19
Eòin 7:20
Eòin 7:21
Eòin 7:22
Eòin 7:23
Eòin 7:24
Eòin 7:25
Eòin 7:26
Eòin 7:27
Eòin 7:28
Eòin 7:29
Eòin 7:30
Eòin 7:31
Eòin 7:32
Eòin 7:33
Eòin 7:34
Eòin 7:35
Eòin 7:36
Eòin 7:37
Eòin 7:38
Eòin 7:39
Eòin 7:40
Eòin 7:41
Eòin 7:42
Eòin 7:43
Eòin 7:44
Eòin 7:45
Eòin 7:46
Eòin 7:47
Eòin 7:48
Eòin 7:49
Eòin 7:50
Eòin 7:51
Eòin 7:52
Eòin 7:53






Eòin 1 / Eòi 1
Eòin 2 / Eòi 2
Eòin 3 / Eòi 3
Eòin 4 / Eòi 4
Eòin 5 / Eòi 5
Eòin 6 / Eòi 6
Eòin 7 / Eòi 7
Eòin 8 / Eòi 8
Eòin 9 / Eòi 9
Eòin 10 / Eòi 10
Eòin 11 / Eòi 11
Eòin 12 / Eòi 12
Eòin 13 / Eòi 13
Eòin 14 / Eòi 14
Eòin 15 / Eòi 15
Eòin 16 / Eòi 16
Eòin 17 / Eòi 17
Eòin 18 / Eòi 18
Eòin 19 / Eòi 19
Eòin 20 / Eòi 20
Eòin 21 / Eòi 21