Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
Eòin 13
1
A‑nis ro fhèill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gu robh a uair air teachd, anns an rachadh e as an t‑saoghal seo a‑chum an Athar, air dha a mhuinntir fhèin a bha anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e gu crìch iad.
2
Agus nuair a bha an t‑suipear thairis (air don diabhal a‑nis a chur ann an cridhe Iùdais Iscarioit, mac Shìmoin, esan a bhrath),
3
Air do fhios a bhith aig Iosa gun tug an t‑Athair na h‑uile nithean na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann a dh’ionnsaigh Dhè a bha e a’ dol;
4
Dh’èirich e on t‑suipeir, agus chuir e dheth a fhallaing, agus ghlac e làmh-anart, agus cheangail e uime e.
5
Na dhèidh sin, thaom e uisge ann an soitheach-ionnlaid, agus thòisich e air casan nan deisciobal ionnlad, agus an tiormachadh leis an làmh-anart a bha ceangailte uime.
6
An sin thàinig e gu Sìmon Peadar: agus thubhairt esan ris, A Thighearna, a bheil thusa ag ionnlad mo chasan-sa?
7
Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, An nì seo a tha mi a’ dèanamh chan aithne dhutsa a‑nis; ach bidh fhios agad air an dèidh seo.
8
Thubhairt Peadar ris, Cha nigh thu mo chasan-sa gu bràth. Fhreagair Iosa e, Mura nigh mi thu, chan eil cuid agad maille rium.
9
Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, chan iad mo chasan a‑mhàin, ach mar an ceudna mo làmhan agus mo cheann.
10
Thubhairt Iosa ris, An tì a tha air ionnlad, chan eil feum aige ach a chasan ionnlad, ach tha e gu h‑iomlan glan: agus tha sibhse glan, ach chan eil sibh uile glan.
11
Oir bha fhios aige cò a bhrathadh e; uime sin thubhairt e, Chan eil sibh uile glan.
12
An sin, an dèidh dha an casan ionnlad, agus a fhallaing a ghabhail da ionnsaigh, shuidh e a‑rìs, agus thubhairt e riu, A bheil fhios agaibh ciod a rinn mi dhuibh?
13
Tha sibh a’ gairm Maighistir agus Tighearna dhìomsa: agus tha sibh ag ràdh gu math; oir is mi sin.
14
Uime sin ma dh’ionnlaid mise, ur Tighearna agus ur Maighistir, ur casan-se, is còir dhuibhse mar an ceudna casan a chèile ionnlad.
15
Oir thug mi eisempleir dhuibh, a‑chum mar a rinn mise dhuibh, gun dèanadh sibhse mar an ceudna.
16
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha mhò an t‑òglach na a mhaighistir, agus cha mhò an teachdaire na an tì a chuir uaithe e.
17
Mas aithne dhuibh na nithean seo, is beannaichte sibh ma nì sibh iad.
18
Chan eil mi a’ labhairt oirbh uile: is aithne dhomh cò a thagh mi: ach is èiginn an sgriobtar a choileanadh, An tì a tha ag ithe arain maille rium, thog e a shàil am aghaidh.
19
A‑nis tha mi ag ràdh seo ribh mun tig e gu crìch, a‑chum nuair a thàrlas e, gun creid sibh gur mise e.
20
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise uam, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.
21
Air do Iosa na nithean seo a ràdh, bha e fo thrioblaid na spiorad, agus rinn e fianais, agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibh mise.
22
An sin dh’amhairc na deisciobail air a chèile, fo amharas cò uime a labhair e.
23
A‑nis bha aon de a dheisciobail na laighe ann an uchd Iosa, neach a b’ionmhainn le Iosa.
24
Air an adhbhar sin smèid Sìmon Peadar airsan, gum feòraicheadh e cò uime a labhair e.
25
An sin air dhàsan aomadh ri uchd Iosa, thubhairt e ris, A Thighearna cò e?
26
Fhreagair Iosa, Is e an tì sin e don toir mise an greim, an dèidh dhomh a thumadh. Agus nuair a thum e an greim, thug e e do Iùdas Iscariot, mac Shìmoin.
27
Agus an sin an dèidh a’ ghreama, chaidh Sàtan a‑steach annsan. An sin thubhairt Iosa ris, An nì a tha thu a’ dèanamh, dèan gu grad e.
28
A‑nis cha do thuig aon dhiubh-san a bha nan suidhe aig a’ bhòrd carson a thubhairt e seo ris.
29
Oir shaoil cuid dhiubh, do bhrìgh gu robh an sporan aig Iùdas, gun dubhairt Iosa ris, Ceannaich na nithean a tha a dh’uireasbhaidh oirnn a‑chum na fèille; no gun tugadh e nì‑eigin do na bochdan.
30
An sin an dèidh dhàsan an greim a ghabhail, chaidh e a‑mach air ball; agus bha an oidhche ann.
31
Uime sin, nuair a chaidh esan a‑mach, thubhairt Iosa, A‑nis tha Mac an Duine air a ghlòrachadh, agus tha Dia air a ghlòrachadh ann.
32
Ma tha Dia air a ghlòrachadh ann, glòraichidh Dia esan mar an ceudna ann fhèin, agus air ball glòraichidh e e.
33
A chlann bheag, fhathast ùine bheag tha mise maille ribh. Iarraidh sibh mi: agus mar a thubhairt mi ris na h‑Iùdhaich, Don àite don tèid mise, chan eil e an comas dhuibhse teachd; mar sin tha mi ag ràdh ribhse a‑nis.
34
Aithne nuadh tha mi a’ toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gun gràdhaich sibh fhèin a chèile mar an ceudna.
35
Le seo aithnichidh na h‑uile dhaoine gur sibh mo dheisciobail-sa, ma bhios gràdh agaibh fhèin da chèile.
36
Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, càit an tèid thu? Fhreagair Iosa e, Don àite don tèid mi, chan urrainn thusa a‑nis mo leantainn; gidheadh leanaidh tu mi na dhèidh seo.
37
Thubhairt Peadar ris, a Thighearna, carson nach urrainn mi do leantainn a‑nis? Leigidh mi sìos m’anam air do shon.
38
Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon-sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean.
Eòin 13:1
Eòin 13:2
Eòin 13:3
Eòin 13:4
Eòin 13:5
Eòin 13:6
Eòin 13:7
Eòin 13:8
Eòin 13:9
Eòin 13:10
Eòin 13:11
Eòin 13:12
Eòin 13:13
Eòin 13:14
Eòin 13:15
Eòin 13:16
Eòin 13:17
Eòin 13:18
Eòin 13:19
Eòin 13:20
Eòin 13:21
Eòin 13:22
Eòin 13:23
Eòin 13:24
Eòin 13:25
Eòin 13:26
Eòin 13:27
Eòin 13:28
Eòin 13:29
Eòin 13:30
Eòin 13:31
Eòin 13:32
Eòin 13:33
Eòin 13:34
Eòin 13:35
Eòin 13:36
Eòin 13:37
Eòin 13:38
Eòin 1 / Иоан 1
Eòin 2 / Иоан 2
Eòin 3 / Иоан 3
Eòin 4 / Иоан 4
Eòin 5 / Иоан 5
Eòin 6 / Иоан 6
Eòin 7 / Иоан 7
Eòin 8 / Иоан 8
Eòin 9 / Иоан 9
Eòin 10 / Иоан 10
Eòin 11 / Иоан 11
Eòin 12 / Иоан 12
Eòin 13 / Иоан 13
Eòin 14 / Иоан 14
Eòin 15 / Иоан 15
Eòin 16 / Иоан 16
Eòin 17 / Иоан 17
Eòin 18 / Иоан 18
Eòin 19 / Иоан 19
Eòin 20 / Иоан 20
Eòin 21 / Иоан 21