1 |
A‑nis ro fhèill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gu robh a uair air teachd, anns an rachadh e as an t‑saoghal seo a‑chum an Athar, air dha a mhuinntir fhèin a bha anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e gu crìch iad. |
2 |
Agus nuair a bha an t‑suipear thairis (air don diabhal a‑nis a chur ann an cridhe Iùdais Iscarioit, mac Shìmoin, esan a bhrath), |
3 |
Air do fhios a bhith aig Iosa gun tug an t‑Athair na h‑uile nithean na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann a dh’ionnsaigh Dhè a bha e a’ dol; |
4 |
Dh’èirich e on t‑suipeir, agus chuir e dheth a fhallaing, agus ghlac e làmh-anart, agus cheangail e uime e. |
5 |
Na dhèidh sin, thaom e uisge ann an soitheach-ionnlaid, agus thòisich e air casan nan deisciobal ionnlad, agus an tiormachadh leis an làmh-anart a bha ceangailte uime. |
6 |
An sin thàinig e gu Sìmon Peadar: agus thubhairt esan ris, A Thighearna, a bheil thusa ag ionnlad mo chasan-sa? |
7 |
Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, An nì seo a tha mi a’ dèanamh chan aithne dhutsa a‑nis; ach bidh fhios agad air an dèidh seo. |
8 |
Thubhairt Peadar ris, Cha nigh thu mo chasan-sa gu bràth. Fhreagair Iosa e, Mura nigh mi thu, chan eil cuid agad maille rium. |
9 |
Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, chan iad mo chasan a‑mhàin, ach mar an ceudna mo làmhan agus mo cheann. |
10 |
Thubhairt Iosa ris, An tì a tha air ionnlad, chan eil feum aige ach a chasan ionnlad, ach tha e gu h‑iomlan glan: agus tha sibhse glan, ach chan eil sibh uile glan. |
11 |
Oir bha fhios aige cò a bhrathadh e; uime sin thubhairt e, Chan eil sibh uile glan. |
12 |
An sin, an dèidh dha an casan ionnlad, agus a fhallaing a ghabhail da ionnsaigh, shuidh e a‑rìs, agus thubhairt e riu, A bheil fhios agaibh ciod a rinn mi dhuibh? |
13 |
Tha sibh a’ gairm Maighistir agus Tighearna dhìomsa: agus tha sibh ag ràdh gu math; oir is mi sin. |
14 |
Uime sin ma dh’ionnlaid mise, ur Tighearna agus ur Maighistir, ur casan-se, is còir dhuibhse mar an ceudna casan a chèile ionnlad. |
15 |
Oir thug mi eisempleir dhuibh, a‑chum mar a rinn mise dhuibh, gun dèanadh sibhse mar an ceudna. |
16 |
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha mhò an t‑òglach na a mhaighistir, agus cha mhò an teachdaire na an tì a chuir uaithe e. |
17 |
Mas aithne dhuibh na nithean seo, is beannaichte sibh ma nì sibh iad. |
18 |
Chan eil mi a’ labhairt oirbh uile: is aithne dhomh cò a thagh mi: ach is èiginn an sgriobtar a choileanadh, An tì a tha ag ithe arain maille rium, thog e a shàil am aghaidh. |
19 |
A‑nis tha mi ag ràdh seo ribh mun tig e gu crìch, a‑chum nuair a thàrlas e, gun creid sibh gur mise e. |
20 |
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise uam, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi. |
21 |
Air do Iosa na nithean seo a ràdh, bha e fo thrioblaid na spiorad, agus rinn e fianais, agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibh mise. |
22 |
An sin dh’amhairc na deisciobail air a chèile, fo amharas cò uime a labhair e. |
23 |
A‑nis bha aon de a dheisciobail na laighe ann an uchd Iosa, neach a b’ionmhainn le Iosa. |
24 |
Air an adhbhar sin smèid Sìmon Peadar airsan, gum feòraicheadh e cò uime a labhair e. |
25 |
An sin air dhàsan aomadh ri uchd Iosa, thubhairt e ris, A Thighearna cò e? |
26 |
Fhreagair Iosa, Is e an tì sin e don toir mise an greim, an dèidh dhomh a thumadh. Agus nuair a thum e an greim, thug e e do Iùdas Iscariot, mac Shìmoin. |
27 |
Agus an sin an dèidh a’ ghreama, chaidh Sàtan a‑steach annsan. An sin thubhairt Iosa ris, An nì a tha thu a’ dèanamh, dèan gu grad e. |
28 |
A‑nis cha do thuig aon dhiubh-san a bha nan suidhe aig a’ bhòrd carson a thubhairt e seo ris. |
29 |
Oir shaoil cuid dhiubh, do bhrìgh gu robh an sporan aig Iùdas, gun dubhairt Iosa ris, Ceannaich na nithean a tha a dh’uireasbhaidh oirnn a‑chum na fèille; no gun tugadh e nì‑eigin do na bochdan. |
30 |
An sin an dèidh dhàsan an greim a ghabhail, chaidh e a‑mach air ball; agus bha an oidhche ann. |
31 |
Uime sin, nuair a chaidh esan a‑mach, thubhairt Iosa, A‑nis tha Mac an Duine air a ghlòrachadh, agus tha Dia air a ghlòrachadh ann. |
32 |
Ma tha Dia air a ghlòrachadh ann, glòraichidh Dia esan mar an ceudna ann fhèin, agus air ball glòraichidh e e. |
33 |
A chlann bheag, fhathast ùine bheag tha mise maille ribh. Iarraidh sibh mi: agus mar a thubhairt mi ris na h‑Iùdhaich, Don àite don tèid mise, chan eil e an comas dhuibhse teachd; mar sin tha mi ag ràdh ribhse a‑nis. |
34 |
Aithne nuadh tha mi a’ toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gun gràdhaich sibh fhèin a chèile mar an ceudna. |
35 |
Le seo aithnichidh na h‑uile dhaoine gur sibh mo dheisciobail-sa, ma bhios gràdh agaibh fhèin da chèile. |
36 |
Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, càit an tèid thu? Fhreagair Iosa e, Don àite don tèid mi, chan urrainn thusa a‑nis mo leantainn; gidheadh leanaidh tu mi na dhèidh seo. |
37 |
Thubhairt Peadar ris, a Thighearna, carson nach urrainn mi do leantainn a‑nis? Leigidh mi sìos m’anam air do shon. |
38 |
Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon-sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Eòin 13:1 |
Eòin 13:2 |
Eòin 13:3 |
Eòin 13:4 |
Eòin 13:5 |
Eòin 13:6 |
Eòin 13:7 |
Eòin 13:8 |
Eòin 13:9 |
Eòin 13:10 |
Eòin 13:11 |
Eòin 13:12 |
Eòin 13:13 |
Eòin 13:14 |
Eòin 13:15 |
Eòin 13:16 |
Eòin 13:17 |
Eòin 13:18 |
Eòin 13:19 |
Eòin 13:20 |
Eòin 13:21 |
Eòin 13:22 |
Eòin 13:23 |
Eòin 13:24 |
Eòin 13:25 |
Eòin 13:26 |
Eòin 13:27 |
Eòin 13:28 |
Eòin 13:29 |
Eòin 13:30 |
Eòin 13:31 |
Eòin 13:32 |
Eòin 13:33 |
Eòin 13:34 |
Eòin 13:35 |
Eòin 13:36 |
Eòin 13:37 |
Eòin 13:38 |
|
|
|
|
|
|
Eòin 1 / Eòi 1 |
Eòin 2 / Eòi 2 |
Eòin 3 / Eòi 3 |
Eòin 4 / Eòi 4 |
Eòin 5 / Eòi 5 |
Eòin 6 / Eòi 6 |
Eòin 7 / Eòi 7 |
Eòin 8 / Eòi 8 |
Eòin 9 / Eòi 9 |
Eòin 10 / Eòi 10 |
Eòin 11 / Eòi 11 |
Eòin 12 / Eòi 12 |
Eòin 13 / Eòi 13 |
Eòin 14 / Eòi 14 |
Eòin 15 / Eòi 15 |
Eòin 16 / Eòi 16 |
Eòin 17 / Eòi 17 |
Eòin 18 / Eòi 18 |
Eòin 19 / Eòi 19 |
Eòin 20 / Eòi 20 |
Eòin 21 / Eòi 21 |