Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
Eòin 1
1
Anns an toiseach bha am Facal, agus bha am Facal maille ri Dia, agus b’e am Facal Dia.
2
Bha e seo air tùs maille ri Dia.
3
Rinneadh na h‑uile nithean leis; agus as eugmhais cha do rinneadh aon nì a rinneadh.
4
Annsan bha beatha, agus b’i a’ bheatha solas dhaoine.
5
Agus tha an solas a’ soillseachadh anns an dorchadas, agus cha do ghabh an dorchadas e.
6
Chuireadh duine o Dhia, dom b’ainm Eòin.
7
Thàinig esan mar fhianais, a‑chum fianais a thoirt mun t‑solas, a‑chum gun creideadh na h‑uile trìdsan.
8
Cha b’esan an solas sin, ach chuireadh e a‑chum gun tugadh e fianais mun t‑solas.
9
B’e seo an solas fìor a tha a’ soillseachadh gach uile dhuine a tha a’ teachd a‑chum an t‑saoghail.
10
Bha e anns an t‑saoghal, agus rinneadh an saoghal leis, agus cha d’aithnich an saoghal e.
11
Thàinig e a dh’ionnsaigh a dhùthcha fhèin, agus cha do ghabh a mhuinntir fhèin ris.
12
Ach a mheud is a ghabh ris, thug e dhaibh cumhachd a bhith nan cloinn do Dhia, eadhon dhaibhsan a tha a’ creidsinn na ainm:
13
A bha air an gineamhain, chan ann o fhuil, no o thoil na feòla, no o thoil duine, ach o Dhia.
14
Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.
15
(Thug Eòin fianais uime, agus ghlaodh e, ag ràdh, Is e seo an tì mun do labhair mi, An tì a tha a’ teachd am dhèidh, tha toiseach aige orm; oir bha e romham.)
16
Agus as a lànachd-san fhuair sinne uile, agus gràs airson gràis.
17
Oir thugadh an lagh le Maois, ach thàinig an gràs agus an fhìrinn le Iosa Crìosd.
18
Chan fhaca neach air bith Dia riamh; an t‑aon-ghin Mic, a tha ann an uchd an Athar, is esan a dh’fhoillsich e.
19
Agus is e seo fianais Eòin nuair a chuir na h‑Iùdhaich sagartan agus Lèbhithich o Ierusalem, a‑chum gum fiosraicheadh iad dheth, Cò thusa?
20
Dh’aidich esan, agus cha d’àich e; ach dh’aidich e, Cha mhi Crìosd.
21
Agus dh’fheòraich iad dheth, Ciod mas eadh? An tu Elias? Agus thubhairt e, Cha mhi. An tu am fàidh? Agus fhreagair e, Cha mhi.
22
An sin thubhairt iad ris, Cò thu? A‑chum gun toir sinn freagradh dhaibhsan a chuir uapa sinn: ciod a tha thu ag ràdh mud thimcheall fhèin?
23
Thubhairt e, Is mise guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Dèanaibh dìreach slighe an Tighearna, mar a thubhairt am fàidh Esaias.
24
Agus an dream a chuireadh leis an teachdaireachd, b’ann de na Pharasaich iad.
25
Agus dh’fheòraich iad dheth, agus thubhairt iad ris, Carson mas eadh a tha thu a’ baisteadh, mura tu Crìosd, no Elias, no am fàidh?
26
Fhreagair Eòin iad, ag ràdh, Tha mise a’ baisteadh le uisge; ach tha neach na sheasamh nur measg, nach aithne dhuibh;
27
Is e seo an tì, a tha a’ teachd am dhèidh-sa, aig a bheil toiseach orm, neach nach airidh mise air barr-iall a bhròige fhuasgladh.
28
Rinneadh na nithean seo ann am Betani air an taobh thall de Iòrdan, far an robh Eòin a’ baisteadh.
29
Air an là màireach chunnaic Eòin Iosa a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e, Feuch Uan Dhè, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!
30
Is e seo an tì mun dubhairt mi, Tha fear a’ teachd am dhèidh aig a bheil barrachd orm; oir bha e romham.
31
Agus cha robh aithne agamsa air: ach a‑chum gum biodh e air fhoillseachadh do Israel, uime sin thàinig mi a’ baisteadh le uisge.
32
Agus thug Eòin fianais, ag ràdh, Chunnaic mi an Spiorad a’ teachd a‑nuas mar chalaman o nèamh, agus ghabh e còmhnaidh air.
33
Agus cha b’aithne dhòmhsa e: ach an tì a chuir mi a bhaisteadh le uisge, thubhairt esan rium, Ge bè air am faic thu an Spiorad a’ teachd a‑nuas agus a’ gabhail còmhnaidh, is e sin an tì a bhaisteas leis an Spiorad Naomh.
34
Agus chunnaic mi, agus rinn mi fianais, gur e seo Mac Dhè.
35
Air an là màireach a‑rìs sheas Eòin agus dithis de a dheisciobail;
36
Agus air dha amharc air Iosa, agus e ag imeachd, thubhairt e, Feuch Uan Dhè!
37
Agus chuala an dithis dheisciobal e a’ labhairt, agus lean iad Iosa.
38
Agus air tionndadh do Iosa, chunnaic e iad ga leantainn, agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibh ag iarraidh? Thubhairt iadsan ris, Rabbi (is e sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, A Mhaighistir), càit a bheil thu a’ gabhail còmhnaidh?
39
Thubhairt e riu, Thigibh agus faicibh. Thàinig iad agus chunnaic iad càit an robh e a’ gabhail còmhnaidh, agus dh’fhan iad maille ris air an là sin: oir bha e mu thimcheall na deicheamh uaire.
40
B’e Anndras, bràthair Shìmoin Pheadair, aon den dithis a chuala Eòin a’ labhairt, agus a lean esan.
41
Fhuair esan air tùs a bhràthair fhèin Sìmon, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne am Mesias, is e sin, air eadar-theangachadh, Crìosd.
42
Agus thug e a‑chum Iosa e; agus nuair a dh’amhairc Iosa air, thubhairt e, Is tusa Sìmon mac Iòna: gairmear Cèphas dhìot, is e sin air eadar-theangachadh, Peadar.
43
Air an là na dhèidh sin, bu toil le Iosa dol a‑mach do Ghalile, agus fhuair e Philip, agus thubhairt e ris, Lean mise.
44
A‑nis bha Philip o Bhetsaida, baile Anndrais agus Pheadair.
45
Fhuair Philip Natànael, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne an tì mun do sgrìobh Maois anns an lagh, agus na fàidhean, Iosa o Nàsaret, mac Iòseiph.
46
Agus thubhairt Natànael ris, Am faod nì math air bith teachd à Nàsaret? Thubhairt Philip ris, Thig agus faic.
47
Chunnaic Iosa Natànael a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e uime, Feuch Israeleach da‑rìribh, anns nach eil cealg!
48
Thubhairt Natànael ris, Cionnas as aithne dhut mi? Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Mun do ghairm Philip thu, nuair a bha thu fon chrann-fhìge, chunnaic mise thu.
49
Fhreagair Natànael agus thubhairt e ris, Rabbi, is tusa Mac Dhè; is tu Rìgh Israeil.
50
Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, A chionn gun dubhairt mi riut, chunnaic mi thu fon chrann-fhìge, a bheil thu a’ creidsinn? Chì thu nithean as mò na iad seo.
51
Agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, na dhèidh seo chì sibh nèamh fosgailte, agus aingil Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air Mac an Duine.
Eòin 1:1
Eòin 1:2
Eòin 1:3
Eòin 1:4
Eòin 1:5
Eòin 1:6
Eòin 1:7
Eòin 1:8
Eòin 1:9
Eòin 1:10
Eòin 1:11
Eòin 1:12
Eòin 1:13
Eòin 1:14
Eòin 1:15
Eòin 1:16
Eòin 1:17
Eòin 1:18
Eòin 1:19
Eòin 1:20
Eòin 1:21
Eòin 1:22
Eòin 1:23
Eòin 1:24
Eòin 1:25
Eòin 1:26
Eòin 1:27
Eòin 1:28
Eòin 1:29
Eòin 1:30
Eòin 1:31
Eòin 1:32
Eòin 1:33
Eòin 1:34
Eòin 1:35
Eòin 1:36
Eòin 1:37
Eòin 1:38
Eòin 1:39
Eòin 1:40
Eòin 1:41
Eòin 1:42
Eòin 1:43
Eòin 1:44
Eòin 1:45
Eòin 1:46
Eòin 1:47
Eòin 1:48
Eòin 1:49
Eòin 1:50
Eòin 1:51
Eòin 1 / Eòi 1
Eòin 2 / Eòi 2
Eòin 3 / Eòi 3
Eòin 4 / Eòi 4
Eòin 5 / Eòi 5
Eòin 6 / Eòi 6
Eòin 7 / Eòi 7
Eòin 8 / Eòi 8
Eòin 9 / Eòi 9
Eòin 10 / Eòi 10
Eòin 11 / Eòi 11
Eòin 12 / Eòi 12
Eòin 13 / Eòi 13
Eòin 14 / Eòi 14
Eòin 15 / Eòi 15
Eòin 16 / Eòi 16
Eòin 17 / Eòi 17
Eòin 18 / Eòi 18
Eòin 19 / Eòi 19
Eòin 20 / Eòi 20
Eòin 21 / Eòi 21