1 |
Agus thàrladh air a’ chiad là sàbaid an dèidh an dara là de fhèill na càisge gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair; agus spìon a dheisciobail na diasan arbhair, agus dh’ith iad, an dèidh am bruthadh len làmhan. |
2 |
Agus thubhairt cuid de na Pharasaich riu, Carson a tha sibh a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte ri dhèanamh air làithean na sàbaid? |
3 |
Agus fhreagair Iosa iad, agus thubhairt e, Nach do leugh sibhse an nì seo a rinn Daibhidh, nuair a bha acras air fhèin, agus orrasan a bha maille ris; |
4 |
Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a ghabh e aran na fianais, agus a dh’ith e fhèin, agus a thug e mar an ceudna dhaibhsan a bha maille ris; nì nach eil ceadaichte ithe ach do na sagartan a‑mhàin? |
5 |
Agus thubhairt e riu, Is Tighearna Mac an Duine air an t‑sàbaid fhèin. |
6 |
Thàrladh mar an ceudna air sàbaid eile gun deachaidh e a‑steach don t‑sionagog, agus gun do theagaisg e; agus bha an sin duine aig an robh a làmh dheas air seargadh. |
7 |
Agus rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire, a dh’fheuchainn an lèighseadh e air an t‑sàbaid; a‑chum gum faigheadh iad cùis-dhìtidh na aghaidh. |
8 |
Ach thuig esan an smuaintean, agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich, agus seas a‑mach anns a’ mheadhon. Agus dh’èirich esan, agus sheas e. |
9 |
An sin thubhairt Iosa riu, Feòraichidh mise aon nì dhibh: A bheil e ceadaichte air làithean na sàbaid math a dhèanamh, no olc, anam a shaoradh, no a sgrios? |
10 |
Agus air dha amharc mun cuairt orra uile, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus rinn e sin: agus dh’aisigeadh a làmh slàn dha mar an làmh eile. |
11 |
Agus lìonadh iadsan le cuthach; agus labhair iad ri chèile, ciod a dhèanadh iad ri Iosa. |
12 |
Agus anns na làithean sin chaidh esan gu beinn a dhèanamh ùrnaigh, agus bhuanaich e rè na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia. |
13 |
Agus air teachd don là, ghairm e da ionnsaigh a dheisciobail; agus thagh e dà‑fhear-dheug asda, den do ghairm e Abstoil: |
14 |
Sìmon, air an tug e mar an ceudna Peadar mar ainm, agus Anndras a bhràthair, Seumas agus Eòin, Philip agus Bartolomèus, |
15 |
Mata agus Tòmas, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon den goirear Selotes, |
16 |
Iùdas bràthair Sheumais, agus Iùdas Iscariot, esan a bha na fhear-brathaidh. |
17 |
Agus thàinig e a‑nuas leo, agus sheas e air ionad còmhnard, agus coitheanal a dheisciobal, agus buidheann mhòr-shluaigh o Iudèa uile agus o Ierusalem, agus o chois fairge Thìruis agus Shìdoin, muinntir a thàinig ga èisdeachd, agus gu bhith air an leigheas on easlaintean; |
18 |
Agus iadsan a bha air am pianadh le spioradan neòghlan: agus lèighseadh iad. |
19 |
Agus dh’iarr an sluagh uile beantainn ris: oir chaidh cumhachd a‑mach as, agus shlànaich e iad uile. |
20 |
Agus thog e suas a shùilean air a dheisciobail, agus thubhairt e, Is beannaichte sibhse a tha bochd: oir is leibh rìoghachd Dhè. |
21 |
Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis; oir sàsaichear sibh. Is beannaichte sibhse a tha a’ caoidh a‑nis: oir gàiridh sibh. |
22 |
Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a chuireas iad as an cuideachd sibh, agus a bheir iad cainnt mhaslach dhuibh, agus a thilgeas iad a‑mach ur n‑ainm mar olc, airson Mac an Duine. |
23 |
Dèanaibh-se gàirdeachas anns an là sin, agus leumaibh le aoibhneas: oir feuch, is mòr ur duais air nèamh: oir is ann mar sin a rinn an athraichean air na fàidhean. |
24 |
Ach is an‑aoibhinn dhuibhse a tha saoibhir: oir fhuair sibh ur sòlas. |
25 |
Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha sàthach: oir bidh acras oirbh. Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ gàireachdaich a‑nis: oir nì sibh bròn agus gul. |
26 |
Is an‑aoibhinn dhuibhse nuair a labhras daoine math umaibh: oir is ann mar sin a rinn an athraichean ris na fàidhean brèige. |
27 |
Ach tha mi ag ràdh ribhse a tha ag èisdeachd, Gràdhaichibh ur naimhdean, dèanaibh math dhaibhsan lem fuathach sibh; |
28 |
Beannaichibh iadsan a tha gur mallachadh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn gu naimhdeil ribh. |
29 |
Ris an tì a bhuaileas thu air aon ghiall, cùm an giall eile; agus don tì a bheir d’fhallaing dhìot, na bac do chòta mar an ceudna. |
30 |
Thoir do gach neach a dh’iarras ort; agus on neach a bheir uat do mhaoin, na iarr air ais i. |
31 |
Agus mar a b’àill leibh daoine a dhèanamh dhuibh, dèanaibh-se mar an ceudna dhaibhsan. |
32 |
Oir ma ghràdhaicheas sibh iadsan aig a bheil gràdh dhuibh, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir gràdhaichidh peacaich fhèin an dream aig a bheil gràdh dhaibh. |
33 |
Agus ma nì sibh math don mhuinntir a nì math dhuibh, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir nì peacaich an nì seo fhèin mar an ceudna. |
34 |
Agus ma bheir sibh iasad dhaibhsan om bheil dùil agaibh ri a fhaotainn a‑rìs, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir bheir peacaich fhèin iasad do pheacaich, a‑chum gum faigh iad uiread a‑rìs. |
35 |
Ach gràdhaichibh-se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc. |
36 |
Bithibh-se uime sin tròcaireach, mar a tha ur n‑Athair tròcaireach. |
37 |
Agus na tugaibh breith agus cha toirear breith oirbh: na dìtibh, agus cha dìtear sibh: thugaibh maitheanas, agus bheirear maitheanas dhuibh. |
38 |
Thugaibh uaibh, agus bheirear dhuibh; deagh thomhas, air a gheinneadh agus air a chrathadh ri chèile, agus a’ cur thairis, bheir daoine nur n‑uchd; oir leis an tomhas len tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs. |
39 |
Agus labhair e cosamhlachd riu, Am faod an dall dall a threòrachadh? Nach tuit iad le chèile ann an sloc? |
40 |
Chan eil an deisciobal os cionn a mhaighistir: ach ge bè neach a tha coileanta, bidh e mar a mhaighistir. |
41 |
Agus carson a tha thu a’ faicinn an smùirnein a tha an sùil do bhràthar, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near na sail a tha ann ad shùil fhèin? |
42 |
No cionnas a dh’fhaodas tu a ràdh rid bhràthair, A bhràthair, leig dhomh an smùirnean a thoirt as do shùil, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near an t‑sail a tha ann ad shùil fhèin? A chealgair, tilg a‑mach air tùs an t‑sail as do shùil fhèin, agus an sin is lèir dhut gu soilleir an smùirnean a tha ann an sùil do bhràthar a thoirt aisde. |
43 |
Oir cha deagh chraobh a bheir a‑mach droch thoradh: agus cha droch chraobh a bheir a‑mach deagh thoradh. |
44 |
Oir aithnichear gach craobh air a toradh: oir cha tionail daoine fìgean de dhroighinn, no caoran fìona den fheàrr-dhris. |
45 |
Bheir duine math nì math a‑mach à deagh ionmhas a chridhe; agus bheir droch dhuine nì olc a‑mach à droch ionmhas a chridhe: oir is ann à pailteas a chridhe a labhras a bheul. |
46 |
Agus carson a ghoireas sibh, A Thighearna, a Thighearna, dhìomsa, agus nach dèan sibh na nithean a tha mi ag ràdh? |
47 |
Gach neach a thig am ionnsaigh-sa, agus a chluinneas mo bhriathran, agus a nì iad, feuchaidh mi dhuibh cò ris as cosmhail e: |
48 |
Is cosmhail e ri duine a thog taigh, agus a chladhaich domhain, agus a chuir a’ bhunait air carraig: agus nuair a thàinig an tuil, bhuail an sruth gu dian air an taigh sin, agus cha b’urrainn e a charachadh; oir bha e air a shuidheachadh air carraig. |
49 |
Ach an tì a chluinneas agus nach dèan, is cosmhail e ri duine a thog taigh air an talamh gun bhunait, air an do bhuail an sruth gu dian, agus air ball thuit e: agus bu mhòr tuiteam an taighe sin.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Lùcas 6:1 |
Lùcas 6:2 |
Lùcas 6:3 |
Lùcas 6:4 |
Lùcas 6:5 |
Lùcas 6:6 |
Lùcas 6:7 |
Lùcas 6:8 |
Lùcas 6:9 |
Lùcas 6:10 |
Lùcas 6:11 |
Lùcas 6:12 |
Lùcas 6:13 |
Lùcas 6:14 |
Lùcas 6:15 |
Lùcas 6:16 |
Lùcas 6:17 |
Lùcas 6:18 |
Lùcas 6:19 |
Lùcas 6:20 |
Lùcas 6:21 |
Lùcas 6:22 |
Lùcas 6:23 |
Lùcas 6:24 |
Lùcas 6:25 |
Lùcas 6:26 |
Lùcas 6:27 |
Lùcas 6:28 |
Lùcas 6:29 |
Lùcas 6:30 |
Lùcas 6:31 |
Lùcas 6:32 |
Lùcas 6:33 |
Lùcas 6:34 |
Lùcas 6:35 |
Lùcas 6:36 |
Lùcas 6:37 |
Lùcas 6:38 |
Lùcas 6:39 |
Lùcas 6:40 |
Lùcas 6:41 |
Lùcas 6:42 |
Lùcas 6:43 |
Lùcas 6:44 |
Lùcas 6:45 |
Lùcas 6:46 |
Lùcas 6:47 |
Lùcas 6:48 |
Lùcas 6:49 |
|
|
|
|
|
|
Lùcas 1 / Lùc 1 |
Lùcas 2 / Lùc 2 |
Lùcas 3 / Lùc 3 |
Lùcas 4 / Lùc 4 |
Lùcas 5 / Lùc 5 |
Lùcas 6 / Lùc 6 |
Lùcas 7 / Lùc 7 |
Lùcas 8 / Lùc 8 |
Lùcas 9 / Lùc 9 |
Lùcas 10 / Lùc 10 |
Lùcas 11 / Lùc 11 |
Lùcas 12 / Lùc 12 |
Lùcas 13 / Lùc 13 |
Lùcas 14 / Lùc 14 |
Lùcas 15 / Lùc 15 |
Lùcas 16 / Lùc 16 |
Lùcas 17 / Lùc 17 |
Lùcas 18 / Lùc 18 |
Lùcas 19 / Lùc 19 |
Lùcas 20 / Lùc 20 |
Lùcas 21 / Lùc 21 |
Lùcas 22 / Lùc 22 |
Lùcas 23 / Lùc 23 |
Lùcas 24 / Lùc 24 |