Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
Lùcas 23
1
Agus air èirigh dan cuideachd uile, thug iad e gu Pilat.
2
Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.
3
Agus dh’fheòraich Pilat dheth, ag ràdh, An tusa rìgh nan Iùdhach? Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Tha thu ga ràdh.
4
An sin thubhairt Pilat ris na h‑àrd-shagartan agus ris an t‑sluagh, Chan eil mi a’ faotainn coire air bith anns an duine seo.
5
Agus bha iadsan na bu ro‑dhèine, ag ràdh, Tha e a’ buaireadh an t‑sluaigh, a’ teagasg tro Iudèa uile, a’ tòiseachadh o Ghalile gus an t‑àite seo.
6
Nuair a chuala Pilat mu Ghalile, dh’fheòraich e am bu Ghalilèach an duine.
7
Agus nuair a chuala e gum b’ann fo uachdaranachd Heroid a bha e, chuir e e gu Herod, a bha e fhèin ann an Ierusalem anns na làithean sin.
8
Agus nuair a chunnaic Herod Iosa, bha aoibhneas mòr air: oir bha dèidh aige rè ùine fhada air esan fhaicinn, do bhrìgh gun cuala e mòran uime; agus bha dùil aige gum faiceadh e mìorbhail-eigin air a dhèanamh leis.
9
An sin dh’fheòraich e mòran de cheistean dheth; ach cha tug e freagradh sam bith air.
10
Agus sheas na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ga chasaid gu dian.
11
Ach chuir Herod agus a luchd-cogaidh ann an neo-mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e.
12
Agus rinneadh Pilat agus Herod nan càirdean da chèile anns an là sin: oir bha iad roimhe sin an naimhdeas ri chèile.
13
Agus nuair a ghairm Pilat an ceann a chèile na h‑àrd-shagartan, agus na h‑uachdarain, agus an sluagh,
14
Thubhairt e riu, Thug sibh am ionnsaigh-sa an duine seo, mar neach a tha a’ tionndadh an t‑sluaigh a thaobh: agus, feuch, air dhomh a cheasnachadh nur làthair, cha d’fhuair mi coire air bith anns an duine seo a‑thaobh nan nithean sin mum bheil sibh a’ dèanamh casaid air;
15
No mar an ceudna Herod: oir chuir mi da ionnsaigh sibh, agus, feuch, cha do rinneadh nì air bith leis toilltinneach air bàs.
16
Uime sin, air dhòmhsa a smachdachadh, leigidh mi as e.
17
(Oir b’èiginn dha aon a leigeadh as dhaibh air an fhèill.)
18
Agus ghlaodh iad a‑mach a dh’aon ghuth, ag ràdh, Beir uainn am fear seo, agus leig air a chomas dhuinn Barabas:
19
(Neach airson ceannairc àraidh a rinneadh anns a’ bhaile, agus airson mortaidh, a thilgeadh am prìosan.)
20
Air an adhbhar sin labhair Pilat riu a‑rìs, air dha a bhith toileach Iosa a chur fa sgaoil.
21
Ach ghlaodh iadsan, ag ràdh, Ceus e, ceus e.
22
Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e.
23
Agus laigh iadsan air le guthan mòra, ag iarraidh esan a cheusadh: agus bhuadhaich an guthan-san, agus guthan nan àrd-shagart.
24
Agus thug Pilat breith gun dèante na dh’iarr iad.
25
Agus leig e a‑mach dhaibh esan a thilgeadh ann am prìosan airson ceannairc agus mortaidh, an neach a dh’iarr iad; ach thug e thairis Iosa den toil.
26
Agus an tràth a thug iad leo e, rug iad air Sìmon, duine àraidh o Chirène, a bha a’ teachd on dùthaich, agus chuir iad an crann-ceusaidh air, ga ghiùlan an dèidh Iosa.
27
Agus lean cuideachd mhòr e den t‑sluagh, agus de mhnathan, a bha mar an ceudna ri bròn, agus ga chaoineadh-san.
28
Ach air tionndadh do Iosa riu, thubhairt e, A nigheanan Ierusaleim, na guilibh air mo shon-sa, ach guilibh air ur son fhèin, agus airson ur cloinne:
29
Oir feuch, tha na làithean a’ teachd anns an abair iad, Is beannaichte na mnathan neo-thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne.
30
An sin tòisichidh iad air a ràdh ris na beanntan, Tuitibh oirnne; agus ris na cnuic, Falaichibh sinn.
31
Oir ma nì iad na nithean seo ris a’ chrann ùr, ciod a nì iad ris a’ chrìonaich?
32
Agus thugadh mar an ceudna dithis eile, a bha nan luchd droch-bheairt, a‑chum a bhith air an ceusadh maille ris.
33
Agus nuair a thàinig iad don àite den goirear Calbhari, an sin cheus iad e fhèin, agus na droch dhaoine, fear dhiubh air a làimh dheis, agus am fear eile air a làimh chlì.
34
An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air.
35
Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè.
36
Agus rinn na saighdearan mar an ceudna fanaid air, a’ teachd da ionnsaigh, agus a’ tairgse fìon-geur dha.
37
Agus ag ràdh, Mas tu rìgh nan Iùdhach, teasairg thu fhèin.
38
Agus bha sgrìobhadh mar an ceudna air a sgrìobhadh os a chionn, ann an litrichean Grèigis, agus Laidinn, agus Eabhra, IS E SEO RÌGH NAN IÙDHACH.
39
Agus thug aon de na droch dhaoine a chrochadh toibheum dha, ag ràdh, Mas tu Crìosd, saor thu fhèin agus sinne.
40
Ach fhreagair am fear eile, agus chronaich e e, ag ràdh, Nach eil eagal Dhè ort, agus gu bheil thu fon aon dìteadh ris?
41
Agus sinne da‑rìribh ann an ceartas; oir tha sinn a’ faotainn nan nithean sin a thoill ar gnìomharan: ach cha do rinn an duine seo cron air bith.
42
Agus thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, cuimhnich ormsa nuair a thig thu dod rìoghachd.
43
Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut gum bi thu maille riumsa an‑diugh ann am Pàrras.
44
Agus bha e mu thimcheall na siathamh uaire, agus bha dorchadas air an talamh uile gus an naoidheamh uair.
45
Agus dhorchaicheadh a’ ghrian, agus reubadh brat-roinn an teampaill na mheadhon.
46
Agus nuair a ghlaodh Iosa le guth mòr, thubhairt e, Athair, tha mi a’ tiomnadh mo spioraid ad làmhan-sa: agus nuair a thubhairt e seo, thug e suas an deò.
47
A‑nis nuair a chunnaic an ceannard-ceud an nì a rinneadh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, Gu fìrinneach b’ionracan an duine seo.
48
Agus an sluagh uile a chruinnich a dh’ionnsaigh an t‑seallaidh sin, nuair a chunnaic iad na nithean a rinneadh, thill iad air an ais, a’ bualadh an uchd.
49
Agus sheas a luchd-eòlais uile, agus na mnathan a lean e o Ghalile, fad as, ag amharc air na nithean sin.
50
Agus, feuch, duine àraidh dom b’ainm Iòseph, comhairleach, a bha na dhuine math, agus na fhìrean;
51
(Cha d’aontaich an duine seo len comhairle no len gnìomh;) o Arimatèa, baile leis na h‑Iùdhaich; neach mar an ceudna aig an robh sùil ri rìoghachd Dhè.
52
Chaidh esan gu Pilat, agus dh’iarr e corp Iosa.
53
Agus air dha a thoirt a‑nuas, phaisg e ann an lìon-aodach e, agus chuir e ann an uaigh e a chladhaicheadh à carraig, anns nach do chuireadh aon duine riamh roimhe.
54
Agus b’e sin là an ullachaidh, agus bha an t‑sàbaid am fagas.
55
Agus lean na mnathan a thàinig maille ris o Ghalile, agus chunnaic iad an uaigh, agus cionnas a chuireadh a chorp.
56
Agus thill iad, agus dh’ullaich iad spìosraidh agus ola deagh fhàile; agus ghabh iad tàmh air là na sàbaid, a rèir na h‑àithne.
Lùcas 23:1
Lùcas 23:2
Lùcas 23:3
Lùcas 23:4
Lùcas 23:5
Lùcas 23:6
Lùcas 23:7
Lùcas 23:8
Lùcas 23:9
Lùcas 23:10
Lùcas 23:11
Lùcas 23:12
Lùcas 23:13
Lùcas 23:14
Lùcas 23:15
Lùcas 23:16
Lùcas 23:17
Lùcas 23:18
Lùcas 23:19
Lùcas 23:20
Lùcas 23:21
Lùcas 23:22
Lùcas 23:23
Lùcas 23:24
Lùcas 23:25
Lùcas 23:26
Lùcas 23:27
Lùcas 23:28
Lùcas 23:29
Lùcas 23:30
Lùcas 23:31
Lùcas 23:32
Lùcas 23:33
Lùcas 23:34
Lùcas 23:35
Lùcas 23:36
Lùcas 23:37
Lùcas 23:38
Lùcas 23:39
Lùcas 23:40
Lùcas 23:41
Lùcas 23:42
Lùcas 23:43
Lùcas 23:44
Lùcas 23:45
Lùcas 23:46
Lùcas 23:47
Lùcas 23:48
Lùcas 23:49
Lùcas 23:50
Lùcas 23:51
Lùcas 23:52
Lùcas 23:53
Lùcas 23:54
Lùcas 23:55
Lùcas 23:56
Lùcas 1 / Lùc 1
Lùcas 2 / Lùc 2
Lùcas 3 / Lùc 3
Lùcas 4 / Lùc 4
Lùcas 5 / Lùc 5
Lùcas 6 / Lùc 6
Lùcas 7 / Lùc 7
Lùcas 8 / Lùc 8
Lùcas 9 / Lùc 9
Lùcas 10 / Lùc 10
Lùcas 11 / Lùc 11
Lùcas 12 / Lùc 12
Lùcas 13 / Lùc 13
Lùcas 14 / Lùc 14
Lùcas 15 / Lùc 15
Lùcas 16 / Lùc 16
Lùcas 17 / Lùc 17
Lùcas 18 / Lùc 18
Lùcas 19 / Lùc 19
Lùcas 20 / Lùc 20
Lùcas 21 / Lùc 21
Lùcas 22 / Lùc 22
Lùcas 23 / Lùc 23
Lùcas 24 / Lùc 24