1 |
A‑nis dhruid riu fèill an arain neo-ghortaichte, den goirear a’ chàisg. |
2 |
Agus bha na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ag iarraidh cionnas a dh’fhaodadh iad esan a chur gu bàs; oir bha eagal an t‑sluaigh orra. |
3 |
An sin chaidh Sàtan ann an Iùdas don co‑ainm Iscariot, a bha de àireamh an dà‑fhir-dheug. |
4 |
Agus dh’imich e, agus labhair e ris na h‑àrd-shagartan agus ri ceannardan an teampaill, cionnas a bhrathadh e esan dhaibh. |
5 |
Agus bha iad subhach, agus rinn iad coicheangal airgead a thoirt dha. |
6 |
Agus gheall esan, agus dh’iarr e àm iomchaidh air a bhrath dhaibh gun an sluagh a bhith an làthair. |
7 |
An sin thàinig là an arain neo-ghortaichte, anns am b’èiginn an t‑uan-càisge a mharbhadh. |
8 |
Agus chuir e uaithe Peadar agus Eòin, ag ràdh, Imichibh, agus ullaichibh dhuinn a’ chàisg, a‑chum gun ith sinn i. |
9 |
Agus thubhairt iadsan ris, Càit an àill leat sinn a dh’ullachadh? |
10 |
Agus thubhairt e riu, Feuch, air dhuibh dol a‑steach don bhaile, tachraidh oirbh duine, a’ giùlan soitheach uisge; leanaibh e don taigh anns an tèid e a‑steach. |
11 |
Agus abraibh ri fear-an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh riut, Càit a bheil an seòmar aoidheachd anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail? |
12 |
Agus feuchaidh e dhuibh àrd-sheòmar farsaing, uidheamaichte: ullaichibh an sin. |
13 |
Agus dh’imich iad agus fhuair iad mar a thubhairt e riu: agus dh’ullaich iad a’ chàisg. |
14 |
Agus an tràth a thàinig an uair, shuidh e sìos, agus an dà‑abstol-dheug maille ris. |
15 |
Agus thubhairt e riu, Le mòr-thogradh mhiannaich mi a’ chàisg seo ithe maille ribh ro dhomh fulang: |
16 |
Oir tha mi ag ràdh ribh, nach ith mi dhith tuilleadh gus an coileanar i ann an rìoghachd Dhè. |
17 |
Agus ghlac e cupan, agus air dha buidheachas a thabhairt, thubhairt e, Gabhaibh seo, agus roinnibh eadaraibh fhèin e: |
18 |
Oir tha mi ag ràdh ribh, nach òl mi de thoradh na fìonain gus an tig rìoghachd Dhè. |
19 |
Agus ghlac e aran, agus an dèidh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, Is e seo mo chorp-sa a tha air a thoirt air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa. |
20 |
Agus mar an ceudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an tiomnadh nuadh ann am fhuil-sa, a dhòirteadh air ur son-se. |
21 |
Ach feuch, làmh an tì a bhrathas mise maille rium air a’ bhòrd. |
22 |
Agus gu fìrinneach tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar a dh’òrdaicheadh: ach is an‑aoibhinn don duine sin leis am brathar e. |
23 |
Agus thòisich iadsan air fiosrachadh eatorra fhèin, cò aca a bha gus an nì seo a dhèanamh. |
24 |
Agus bha mar an ceudna còmhstri eatorra, cò aca a bu mhò a bhiodh. |
25 |
Ach thubhairt esan riu, Tha aig rìghrean nan Cinneach tighearnas orra; agus goirear daoine fialaidh dhiubhsan, aig a bheil ùghdarras orra. |
26 |
Ach na bithibh-se mar sin: ach an neach as mò nur measg, biodh e mar an neach as òige; agus an tì as àirde, mar esan a tha ri frithealadh. |
27 |
Oir cò aca as mò, an tì a shuidheas air bòrd, no esan a fhrithealas? Nach e an tì a shuidheas; ach tha mise nur measg-se mar fhear-frithealaidh. |
28 |
Is sibhse iadsan a dh’fhan maille riumsa ann am dheuchainnean; |
29 |
Agus tha mise ag òrdachadh dhuibh rìoghachd, mar a dh’òrdaich m’Athair dhòmhsa; |
30 |
A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd-sa ann am rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil. |
31 |
Agus thubhairt an Tighearna, A Shìmoin, a Shìmoin, feuch, dh’iarr Sàtan sibhse, a‑chum ur criaradh mar chruithneachd. |
32 |
Ach ghuidh mise air do shon-sa, nach dìobradh do chreideamh thu: agus nuair a dh’iompaichear thu, neartaich do bhràithrean. |
33 |
Agus thubhairt esan ris, A Thighearna, tha mise ullamh gu dol maille riut araon a‑chum prìosain, agus a‑chum bàis. |
34 |
Agus thubhairt esan, Tha mi ag ràdh riut, a Pheadair, nach goir an coileach an‑diugh gus an àich thu trì uairean gur aithne dhut mi. |
35 |
Agus thubhairt e riu, Nuair a chuir mi uam sibh gun sporan agus gun mhàla, agus gun bhrògan, an robh uireasbhaidh nì sam bith oirbh? Agus thubhairt iad, Cha robh. |
36 |
An sin thubhairt e riu, Ach a‑nis ge bè aig a bheil sporan, togadh e e, agus mar an ceudna a mhàla: agus an tì aig nach eil claidheamh, reiceadh e a fhallaing, agus ceannaicheadh e aon. |
37 |
Oir tha mi ag ràdh ribh, gur èiginn fhathast an nì seo a tha sgrìobhte a choileanadh annamsa. Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach: oir tha crìoch aig na nithean ud a tha mum thimcheall-sa. |
38 |
Agus thubhairt iadsan, A Thighearna, feuch, tha dà chlaidheamh an seo. Agus thubhairt esan riu, Is leòr e. |
39 |
Agus air dha dol a‑mach, chaidh e, mar a bu ghnàth leis, gu Sliabh nan Crann-ola; agus lean a dheisciobail e. |
40 |
Agus nuair a thàinig e don àite, thubhairt e riu, Dèanaibh ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh. |
41 |
Agus thàirngeadh esan uapa mu thimcheall urchar cloiche, agus leig e e fhèin air a ghlùinean, agus rinn e ùrnaigh, |
42 |
Ag ràdh, Athair, mas toil leat, cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh chan e mo thoil-sa, ach do thoil-sa gu robh dèante. |
43 |
Agus dh’fhoillsicheadh dha aingeal o nèamh, ga neartachadh. |
44 |
Agus air dha a bhith ann an cruaidh-ghleac anama, rinn e ùrnaigh na bu dùrachdaiche: agus bha a fhallas mar bhraonan mòra fala a’ tuiteam sìos air an talamh. |
45 |
Agus air dha èirigh o ùrnaigh, thàinig e a‑chum a dheisciobal, agus fhuair e nan cadal iad tro thùirse, |
46 |
Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh nur cadal? Eiribh, agus dèanaibh ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh. |
47 |
Agus nuair a bha e fhathast a’ labhairt, feuch, sluagh, agus dh’imich esan dom b’ainm Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, romhpa, agus dhruid e ri Iosa, a‑chum a phògadh. |
48 |
Ach thubhairt Iosa ris, A Iùdais, a bheil thu le pòig a’ brath Mac an Duine? |
49 |
Agus nuair a chunnaic iadsan a bha ma thimcheall-san an nì a bha gu tachairt, thubhairt iad ris, A Thighearna, am buail sinn leis a’ chlaidheamh? |
50 |
Agus bhuail aon dhiubh seirbhiseach an àrd-shagairt, agus gheàrr e dheth a chluas dheas. |
51 |
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, Fuilingibh gu seo. Agus bhean e ra chluais, agus shlànaich e i. |
52 |
An sin thubhairt Iosa ris na h‑àrd-shagartan agus ri ceannardan an teampaill, agus ris na seanairean, a thàinig da ionnsaigh, An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le bataichean, mar gum b’ann an aghaidh fir-reubainn? |
53 |
Nuair a bha mi gach là maille ribh anns an teampall, cha do shìn sibh a‑mach ur làmhan am aghaidh: ach is seo ur n‑uair-se, agus cumhachd an dorchadais. |
54 |
An sin rug iad air, agus thug iad leo e do thaigh an àrd-shagairt. Agus lean Peadar am fad uaithe e. |
55 |
Agus air dhaibh teine fhadadh ann am meadhon an talla, agus suidhe sìos maille ri chèile, shuidh Peadar nam meadhon. |
56 |
Ach chunnaic cailinn àraidh e na shuidhe aig an teine, agus air dhi amharc gu geur air, thubhairt i, Bha am fear seo mar an ceudna maille ris. |
57 |
Agus dh’àich esan e, ag ràdh, A bhean, chan aithne dhomh e. |
58 |
Agus beagan na dhèidh sin chunnaic neach eile e, agus thubhairt e, Is ann dhiubh thusa mar an ceudna. Agus thubhairt Peadar, A dhuine, chan ann. |
59 |
Agus mu thimcheall ùine aon uaire na dhèidh sin, chòmhdaich neach eile air, ag ràdh, Gu fìrinneach bha am fear seo mar an ceudna maille ris; oir is Galilèach e. |
60 |
Agus thubhairt Peadar, A dhuine, chan aithne dhomh ciod a tha thu ag ràdh. Agus air ball, am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, ghoir an coileach. |
61 |
Agus air tionndadh don Tighearna, dh’amhairc e air Peadar: agus chuimhnich Peadar facal an Tighearna, mar a thubhairt e ris, Mun goir an coileach, àichidh tu mi trì uairean. |
62 |
Agus chaidh Peadar a‑mach, agus ghuil e gu goirt. |
63 |
Agus rinn na daoine a chùm Iosa fanaid air, ga bhualadh. |
64 |
Agus nuair a dh’fhalaich iad a shùilean, bhuail iad e anns an aghaidh, agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Dèan fàidheadaireachd cò e a bhuail thu. |
65 |
Agus labhair iad mòran de nithean eile gu toibheumach na aghaidh. |
66 |
Agus nuair a bha an là air teachd, chruinnich seanadh an t‑sluaigh, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean an ceann a chèile, agus thug iad esan a‑chum an comhairle. |
67 |
Ag ràdh, An tusa Crìosd? Innis dhuinn. Agus thubhairt e riu, Ma dh’innseas mi dhuibh, cha chreid sibh: |
68 |
Agus ma dh’fheòraicheas mi nì air bith, cha toir sibh freagradh dhomh, agus cha leig sibh as mi. |
69 |
On àm seo bidh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè. |
70 |
An sin thubhairt iad uile, An tusa mas eadh Mac Dhè? Agus thubhairt e riu, Tha sibhse ag ràdh gur mi. |
71 |
Agus thubhairt iad, Ciod tuilleadh am feum a tha againn air fianais? Oir chuala sinn fhèin i as a bheul fhèin.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Lùcas 22:1 |
Lùcas 22:2 |
Lùcas 22:3 |
Lùcas 22:4 |
Lùcas 22:5 |
Lùcas 22:6 |
Lùcas 22:7 |
Lùcas 22:8 |
Lùcas 22:9 |
Lùcas 22:10 |
Lùcas 22:11 |
Lùcas 22:12 |
Lùcas 22:13 |
Lùcas 22:14 |
Lùcas 22:15 |
Lùcas 22:16 |
Lùcas 22:17 |
Lùcas 22:18 |
Lùcas 22:19 |
Lùcas 22:20 |
Lùcas 22:21 |
Lùcas 22:22 |
Lùcas 22:23 |
Lùcas 22:24 |
Lùcas 22:25 |
Lùcas 22:26 |
Lùcas 22:27 |
Lùcas 22:28 |
Lùcas 22:29 |
Lùcas 22:30 |
Lùcas 22:31 |
Lùcas 22:32 |
Lùcas 22:33 |
Lùcas 22:34 |
Lùcas 22:35 |
Lùcas 22:36 |
Lùcas 22:37 |
Lùcas 22:38 |
Lùcas 22:39 |
Lùcas 22:40 |
Lùcas 22:41 |
Lùcas 22:42 |
Lùcas 22:43 |
Lùcas 22:44 |
Lùcas 22:45 |
Lùcas 22:46 |
Lùcas 22:47 |
Lùcas 22:48 |
Lùcas 22:49 |
Lùcas 22:50 |
Lùcas 22:51 |
Lùcas 22:52 |
Lùcas 22:53 |
Lùcas 22:54 |
Lùcas 22:55 |
Lùcas 22:56 |
Lùcas 22:57 |
Lùcas 22:58 |
Lùcas 22:59 |
Lùcas 22:60 |
Lùcas 22:61 |
Lùcas 22:62 |
Lùcas 22:63 |
Lùcas 22:64 |
Lùcas 22:65 |
Lùcas 22:66 |
Lùcas 22:67 |
Lùcas 22:68 |
Lùcas 22:69 |
Lùcas 22:70 |
Lùcas 22:71 |
|
|
|
|
|
|
Lùcas 1 / Lùc 1 |
Lùcas 2 / Lùc 2 |
Lùcas 3 / Lùc 3 |
Lùcas 4 / Lùc 4 |
Lùcas 5 / Lùc 5 |
Lùcas 6 / Lùc 6 |
Lùcas 7 / Lùc 7 |
Lùcas 8 / Lùc 8 |
Lùcas 9 / Lùc 9 |
Lùcas 10 / Lùc 10 |
Lùcas 11 / Lùc 11 |
Lùcas 12 / Lùc 12 |
Lùcas 13 / Lùc 13 |
Lùcas 14 / Lùc 14 |
Lùcas 15 / Lùc 15 |
Lùcas 16 / Lùc 16 |
Lùcas 17 / Lùc 17 |
Lùcas 18 / Lùc 18 |
Lùcas 19 / Lùc 19 |
Lùcas 20 / Lùc 20 |
Lùcas 21 / Lùc 21 |
Lùcas 22 / Lùc 22 |
Lùcas 23 / Lùc 23 |
Lùcas 24 / Lùc 24 |