A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Lùcas 10



1
An dèidh nan nithean sin, dh’òrdaich an Tighearna mar an ceudna deichnear agus trì-fichead eile, agus chuir e a lìon dithis agus dithis ro a ghnùis iad, do gach baile, agus àit, gus an robh e fhèin gu teachd.
2
Air an adhbhar sin thubhairt e riu, Tha am fogharadh gu fìrinneach mòr, ach tha an luchd-obrach tearc: guidhibh uime sin air Tighearna an fhogharaidh luchd-obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin.
3
Imichibh: feuch, tha mise gur cur a‑mach mar uain am measg mhadadh-allaidh.
4
Na giùlainibh sporan, no màla, no brògan; agus na beannaichibh do neach air bith anns an t‑slighe.
5
Agus ge bè taigh don tèid sibh a‑steach, abraibh air tùs, Sìth don taigh seo.
6
Agus ma bhios mac na sìthe an sin gabhaidh ur sìth còmhnaidh air: ach mura bi, tillidh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs.
7
Agus fanaibh anns an taigh sin, ag ithe agus ag òl nan nithean a bheirear dhuibh: oir is airidh am fear-obrach air a thuarasdal. Na rachaibh o thaigh gu taigh.
8
Agus ge bè baile don tèid sibh a‑steach, agus anns an gabh iad ribh, ithibh na nithean sin a chuireas iad nur làthair:
9
Agus lèighsibh a’ mhuinntir a tha easlan ann, agus abraibh riu, Tha rìoghachd Dhè air teachd am fagas dhuibh.
10
Ach ge bè baile don tèid sibh a‑steach, agus nach gabh iad ribh, air dhuibh dol a‑mach air a shràidean, abraibh,
11
Eadhon duslach ur baile a lean rinn, tha sinn a’ glanadh dhinn nur n‑aghaidh-se; gidheadh, biodh fhios seo agaibh gun do dhruid rìoghachd Dhè ribh.
12
Ach tha mise ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom anns an là ud na don bhaile sin.
13
Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin! Is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida! Oir nam biodh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fad on a dhèanadh iad aithreachas, nan suidhe ann an sac-aodach agus ann an luaithre.
14
Ach bidh e nas so‑iomchaire do Thìrus agus do Shìdon anns a’ bhreitheanas na dhuibhse.
15
Agus thusa, a Chapernàum, a tha air d’àrdachadh gu nèamh, tilgear sìos gu ifrinn thu.
16
Esan a dh’èisdeas ribhse, èisdidh e riumsa: agus esan a dhiùltas sibhse, tha e gam dhiùltadh-sa: agus an neach a dhiùltas mise, tha e a’ diùltadh an tì a chuir uaithe mi.
17
Agus thill an deichnear agus an trì-fichead le gàirdeachas, ag ràdh, a Thighearna, tha na deamhain fhèin fo smachd againne tro d’ainm-sa.
18
Agus thubhairt e riu, Chunnaic mi Sàtan mar dhealanach a’ tuiteam o nèamh.
19
Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh.
20
Gidheadh na dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil na spioradan fo ur smachd; ach dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte anns na nèamhan.
21
Anns an uair sin fhèin rinn Iosa gàirdeachas na spiorad, agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean sin o dhaoine glice agus tuisgeach, agus gun d’fhoillsich thu iad do naoidheanan: seadh, Athair, oir is ann mar sin a bu toil leatsa.
22
Tha na h‑uile nithean air an tabhairt dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith cò e am Mac, ach don Athair; no cò e an t‑Athair ach don Mhac, agus an neach don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.
23
Agus air tionndadh ra dheisciobail, thubhairt e riu an uaigneas, Is beannaichte na sùilean a chì na nithean a tha sibhse a’ faicinn:
24
Oir tha mi ag ràdh ribh gum b’iomadh fàidh agus rìgh, lem bu mhiann na nithean fhaicinn a tha sibhse a’ faicinn, agus nach faca iad; agus na nithean a chluinntinn, a tha sibhse a’ cluinntinn, agus nach cuala iad.
25
Agus, feuch, sheas fear-lagha àraidh suas ga dhearbhadh, agus ag ràdh, A Mhaighistir, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?
26
Agus thubhairt e ris, Ciod a tha sgrìobhte anns an lagh? Cionnas a leughas tu?
27
Agus a’ freagairt dhàsan, thubhairt e, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart, agus led uile inntinn; agus do choimhearsnach mar thu fhèin.
28
Agus thubhairt esan ris, Is ceart a fhreagair thu: dèan-sa seo, agus bidh tu beò.
29
Ach air dhàsan toil a bhith aige e fhèin fhìreanachadh, thubhairt e ri Iosa, Agus cò e mo choimhearsnach?
30
Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Chaidh duine àraidh sìos o Ierusalem gu Iericho, agus thuit e am measg luchd-reubainn, agus air dhaibh a rùsgadh agus a lotadh, dh’imich iad romhpa, air dhaibh esan fhàgail leth-mharbh.
31
Agus thàrladh gun d’imich sagart àraidh sìos air an t‑slighe sin: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e seachad air an taobh eile.
32
Agus mar an ceudna, air do Lèbhitheach a bhith dlùth don ionad sin, thàinig e agus dh’amhairc e air, agus ghabh e seachad air an taobh eile.
33
Ach air do Shamaritanach àraidh a bhith a’ gabhail an rathaid, thàinig e far an robh esan: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e truas mòr dheth,
34
Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh-òsda e, agus ghabh e cùram dheth.
35
Agus air an là màireach, nuair a dh’fhalbh e, thug e a‑mach dà phèighinn Ròmanach, agus thug e do fhear an taigh-òsda iad, agus thubhairt e ris, Gabh cùram dheth; agus ge bè nì tuilleadh a chaitheas tu, an tràth a thilleas mise air m’ais, dìolaidh mi dhut e.
36
Cò a‑nis den triùir seo a shaoileas tu a bu choimhearsnach dhàsan a thuit am measg an luchd-reubainn?
37
Agus thubhairt esan, An tì a rinn tròcair air. An sin thubhairt Iosa ris, Imich thusa, agus dèan mar an ceudna.
38
Agus ag imeachd dhaibh, chaidh e a‑steach do bhaile àraidh; agus ghabh bean àraidh dom b’ainm Marta da taigh fhèin e.
39
Agus bha piuthar aice den goirte Muire, a shuidh aig casan Iosa, agus a bha ag èisdeachd a fhacail.
40
Ach bha Marta air a ro‑chùradh le mòran frithealaidh, agus air seasamh dhi na làthair thubhairt i, A Thighearna, nach eil suim agad gun d’fhàg mo phiuthar mise am aonar ri frithealadh? Uime sin abair rithe cuideachadh leam.
41
Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e rithe, A Mharta, a Mharta, tha thusa làn cùraim agus dragha mu thimcheall mòran nithean:
42
Ach tha aon nì feumail. Agus rinn Muire roghainn den chuid mhaith sin, nach toirear uaipe.











Lùcas 10:1
Lùcas 10:2
Lùcas 10:3
Lùcas 10:4
Lùcas 10:5
Lùcas 10:6
Lùcas 10:7
Lùcas 10:8
Lùcas 10:9
Lùcas 10:10
Lùcas 10:11
Lùcas 10:12
Lùcas 10:13
Lùcas 10:14
Lùcas 10:15
Lùcas 10:16
Lùcas 10:17
Lùcas 10:18
Lùcas 10:19
Lùcas 10:20
Lùcas 10:21
Lùcas 10:22
Lùcas 10:23
Lùcas 10:24
Lùcas 10:25
Lùcas 10:26
Lùcas 10:27
Lùcas 10:28
Lùcas 10:29
Lùcas 10:30
Lùcas 10:31
Lùcas 10:32
Lùcas 10:33
Lùcas 10:34
Lùcas 10:35
Lùcas 10:36
Lùcas 10:37
Lùcas 10:38
Lùcas 10:39
Lùcas 10:40
Lùcas 10:41
Lùcas 10:42






Lùcas 1 / Lùc 1
Lùcas 2 / Lùc 2
Lùcas 3 / Lùc 3
Lùcas 4 / Lùc 4
Lùcas 5 / Lùc 5
Lùcas 6 / Lùc 6
Lùcas 7 / Lùc 7
Lùcas 8 / Lùc 8
Lùcas 9 / Lùc 9
Lùcas 10 / Lùc 10
Lùcas 11 / Lùc 11
Lùcas 12 / Lùc 12
Lùcas 13 / Lùc 13
Lùcas 14 / Lùc 14
Lùcas 15 / Lùc 15
Lùcas 16 / Lùc 16
Lùcas 17 / Lùc 17
Lùcas 18 / Lùc 18
Lùcas 19 / Lùc 19
Lùcas 20 / Lùc 20
Lùcas 21 / Lùc 21
Lùcas 22 / Lùc 22
Lùcas 23 / Lùc 23
Lùcas 24 / Lùc 24