A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Marcus 7



1
Agus chruinnicheadh na Pharasaich da ionnsaigh, agus dream àraidh de na sgrìobhaichean a thàinig o Ierusalem.
2
Agus nuair a chunnaic iad cuid de a dheisciobail ag ithe arain le làmhan salach (sin ri ràdh, gun ionnlaid), fhuair iad cron dhaibh.
3
Oir chan ith na Pharasaich agus na h‑Iùdhaich uile biadh, mura ionnlaid iad an làmhan gu minig, a’ coimhead beul-aithris nan seanairean.
4
Agus air dhaibh teachd on mhargadh, mura tum iad iad, chan ith iad. Agus tha mòran de nithean eile a ghabh iad orra a choimhead, mar tha nighe chupan, agus phoitean, agus shoithichean umha, agus leapaichean.
5
An sin dh’fheòraich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, Carson nach eil do dheisciobail ag imeachd a rèir beul-aithris nan seanairean, ach a tha iad ag ithe arain le làmhan gun ionnlaid?
6
Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Is math a rinn Esaias fàidheadaireachd mur timcheall-se, a chealgairean, a rèir mar tha e sgrìobhte, Tha am poball seo a’ toirt urraim dhòmhsa lem bilean, ach tha an cridhe fada uam.
7
Ach is ann gu dìomhain a tha iad a’ toirt adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg.
8
Oir air dhuibh àithne Dhè a thrèigsinn, tha sibh a’ cumail òrdachadh dhaoine, mar tha nighe phoitean agus chupan: agus mòran eile den leithidean sin tha sibh a’ dèanamh.
9
Agus thubhairt e riu, Is math a tha sibh a’ cur air cùl àithne Dhè, a‑chum gun coimhead sibh ur n‑òrdachadh fhèin.
10
Oir thubhairt Maois, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus, Ge bè neach a mhallaicheas athair no màthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e.
11
Ach their sibhse, Ma their neach ra athair no ra mhàthair, Biodh e na Chorban, sin ri ràdh, na thìodhlac don teampall, ge bè nì leis am faigheadh tu tairbhe uamsa:
12
Nach leig sibh dha à sin suas nì sam bith a dhèanamh airson a athar, no a mhàthar;
13
A’ cur facal Dhè an neo-bhrìgh le ur beul-aithris fhèin, a dh’aithris sibh: agus mòran den leithidean sin de nithean tha sibh a’ dèanamh.
14
Agus nuair a ghairm e an sluagh uile da ionnsaigh, thubhairt e riu, Eisdibh riumsa uile, agus tuigibh:
15
Chan eil nì sam bith on taobh a‑muigh den duine, a thèid a‑steach ann, dom bheil e an comas a shalachadh; ach na nithean a tha a’ teachd a‑mach as, is iad sin a tha a’ salachadh an duine.
16
Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.
17
Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh on t‑sluagh, chuir a dheisciobail ceist air mu thimcheall a’ chosamhlachd.
18
Agus thubhairt e riu, A bheil sibhse mar seo fhathast gun tuigse? Nach eil fhios agaibh, ge bè nì air bith a thèid a‑steach anns an duine on leth a‑muigh, nach eil e an comas dha esan a shalachadh?
19
Do bhrìgh nach tèid e a‑steach da chridhe, ach don bhroinn, agus thèid e a‑mach don t‑sloc shalchair, a’ glanadh gach uile bhìdh.
20
Agus thubhairt e, Is e an nì a thig a‑mach as an duine a shalaicheas an duine.
21
Oir is ann on taobh a‑staigh, à cridhe dhaoine, a thig a‑mach droch smuaintean, adhaltranas, strìopachas, mortadh,
22
Goid, sannt, aingidheachd, mealltaireachd, macnas, droch shùil, toibheum, uabhar, amaideachd:
23
Tha na h‑uilc seo uile a’ teachd a‑mach on taobh a‑staigh, agus a’ salachadh an duine.
24
Agus air dha èirigh as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin: agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh, cha b’àill leis fios a bhith aig neach sam bith air: gidheadh chan fhaodadh e a bhith am falach.
25
Oir chuala bean uime, aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan, agus thàinig i agus thuit i aig a chasan;
26
(Agus bu bhana-Ghreugach a’ bhean, ban-Shirophenìseach a‑thaobh cinnich); agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach as a nighinn.
27
Agus thubhairt Iosa rithe, Fuiling don chloinn air tùs a bhith air an sàsachadh: oir chan eil e iomchaidh aran na cloinne a ghabhail, agus a thilgeadh a‑chum nan con.
28
Agus fhreagair ise agus thubhairt i ris, Is fìor sin, a Thighearna: gidheadh, ithidh na coin fon bhòrd de spruilleach na cloinne.
29
Agus thubhairt esan rithe, Airson na cainnte seo fhèin, imich romhad; tha an deamhan air dol a‑mach as do nighinn.
30
Agus nuair a bha ise air teachd a dh’ionnsaigh a taighe, fhuair i an deamhan air dol a‑mach, agus a nighean air a cur na laighe air an leabaidh.
31
Agus a‑rìs, nuair a dh’imich e o chrìochan Thìruis agus Shìdoin, thàinig e gu muir Ghalile, tro mheadhon crìochan Dhecapolis.
32
Agus thug iad da ionnsaigh duine bodhar, aig an robh stadaich na chainnt: agus ghuidh iad air gun cuireadh e làmh air.
33
Agus thug e air leth on t‑sluagh e, agus chuir e a mheòir na chluasan, agus chuir e sileadh air, agus bhean e ra theangaidh.
34
Agus air dha amharc suas gu nèamh, rinn e osna, agus thubhairt e ris, Ephphata, is e sin ri ràdh, Bi air d’fhosgladh.
35
Agus air ball dh’fhosgladh a chluasan, agus dh’fhuasgladh ceangal a theangaidh, agus labhair e gu ceart.
36
Agus dh’àithn e dhaibh gun iad a dh’innse sin do neach air bith: ach mar as mò a thoirmisg esan dhaibh, bu mhò gu ro‑mhòr a chuir iadsan an gnìomh am follais;
37
Agus bha iad gu ro‑mhòr air an lìonadh le iongantas, ag ràdh, Rinn e na h‑uile nithean gu math: tha e araon a’ tabhairt air na bodhair gun cluinn iad, agus air na bailbh gun labhair iad.











Marcus 7:1

Marcus 7:2

Marcus 7:3

Marcus 7:4

Marcus 7:5

Marcus 7:6

Marcus 7:7

Marcus 7:8

Marcus 7:9

Marcus 7:10

Marcus 7:11

Marcus 7:12

Marcus 7:13

Marcus 7:14

Marcus 7:15

Marcus 7:16

Marcus 7:17

Marcus 7:18

Marcus 7:19

Marcus 7:20

Marcus 7:21

Marcus 7:22

Marcus 7:23

Marcus 7:24

Marcus 7:25

Marcus 7:26

Marcus 7:27

Marcus 7:28

Marcus 7:29

Marcus 7:30

Marcus 7:31

Marcus 7:32

Marcus 7:33

Marcus 7:34

Marcus 7:35

Marcus 7:36

Marcus 7:37







Marcus 1 / Mar 1

Marcus 2 / Mar 2

Marcus 3 / Mar 3

Marcus 4 / Mar 4

Marcus 5 / Mar 5

Marcus 6 / Mar 6

Marcus 7 / Mar 7

Marcus 8 / Mar 8

Marcus 9 / Mar 9

Marcus 10 / Mar 10

Marcus 11 / Mar 11

Marcus 12 / Mar 12

Marcus 13 / Mar 13

Marcus 14 / Mar 14

Marcus 15 / Mar 15

Marcus 16 / Mar 16