Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
Mata 9
1
Agus air dol ann an luing dha, chaidh e thar an uisge, agus thàinig e da bhaile fhèin.
2
Agus, feuch, thug iad da ionnsaigh duine air an robh a’ phairilis, na laighe air leabaidh: agus nuair a chunnaic Iosa an creideamh, thubhairt e ri fear na pairilis, Biodh deagh mhisneach agad, a mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.
3
Agus, feuch, thubhairt dream àraidh de na sgrìobhaichean annta fhèin, Tha am fear seo a’ labhairt toibheim.
4
Agus air do Iosa an smuaintean fhaicinn, thubhairt e, Carson a tha sibh a’ smaoineachadh uilc nur cridheachan?
5
Oir cia as fhasa a ràdh, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Eirich agus imich?
6
Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil cumhachd aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air an talamh (thubhairt e an sin ri fear na pairilis), Eirich, tog do leabaidh, agus imich dod thaigh.
7
Agus dh’èirich e, agus chaidh e da thaigh fhèin.
8
Ach nuair a chunnaic am poball seo, ghabh iad iongantas, agus thug iad glòir do Dhia, a thug a leithid seo de chumhachd do dhaoine.
9
Agus a’ dol do Iosa as an àite sin, chunnaic e duine na shuidhe aig bòrd na cìse, dom b’ainm Mata; agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.
10
Agus thàrladh, air suidhe do Iosa aig biadh anns an taigh, feuch, thàinig mòran chìs-mhaor agus pheacach, agus shuidh iad sìos maille ris-san agus ra dheisciobail.
11
Agus nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a dh’itheas ur Maighistir-se maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich?
12
Ach nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e riu, Chan ann aig a’ mhuinntir a tha slàn a tha feum air an lèigh, ach aig a’ mhuinntir a tha easlan.
13
Ach imichibh agus fòghlamaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair is àill leam, agus chan ìobairt: oir cha tàinig mise a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach a‑chum aithreachais.
14
An sin thàinig deisciobail Eòin da ionnsaigh, ag ràdh, Carson a tha sinne agus na Pharasaich a’ trasgadh gu minig, agus nach eil do dheisciobail-sa a’ trasgadh?
15
Agus thubhairt Iosa riu, Am faod clann seòmar an fhir-nuadh-phòsda a bhith brònach, am feadh a bhios am fear-nuadh-pòsda maille riu? Ach thig na làithean anns an toirear am fear-nuadh-pòsda uapa, agus an sin nì iad trasgadh.
16
Cha chuir duine sam bith mìr de aodach nuadh air seann aodach: oir buinidh an nì a chuireadh ga lìonadh suas as an aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa.
17
Cha mhò a chuireas daoine fìon nuadh ann an seann searragan: no brisear na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach cuiridh iad fìon nuadh ann an searragan nuadha, agus bidh iad araon tèarainte.
18
Nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, feuch, thàinig uachdaran àraidh, agus thug e adhradh dha, ag ràdh, Fhuair mo nighean bàs air ball: ach thig-sa, agus cuir do làmh oirre, agus bidh i beò.
19
Agus dh’èirich Iosa, agus lean e fhèin agus a dheisciobail e.
20
(Agus, feuch, thàinig bean, air an robh dòrtadh fala rè dà‑bhliadhna-dheug, air a chùlaibh, agus bhean i ri iomall a aodaich:
21
Oir thubhairt i innte fhèin, Ma bheanas mi ach ra aodach, bidh mi slàn.
22
Ach air tionndadh do Iosa mun cuairt, chunnaic e i, agus thubhairt e, A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu. Agus bha a’ bhean slàn on uair sin.)
23
Agus nuair a thàinig Iosa gu taigh an uachdarain, agus a chunnaic e an luchd-ciùil, agus a’ chuideachd a’ dèanamh toirm bhròin,
24
Thubhairt e riu, Imichibh romhaibh, oir chan eil an nìonag marbh ach na cadal. Agus rinn iad gàire fochaid ris.
25
Ach nuair a chuireadh a’ chuideachd a‑mach, chaidh e a‑steach, agus rug e air làimh oirre, agus dh’èirich an nìonag.
26
Agus chaidh iomradh sin a‑mach air feadh na tìre sin uile.
27
Agus nuair a dh’imich Iosa as a sin, lean dithis dhall e, ag èigheach, agus ag ràdh, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair oirnne.
28
Agus nuair a thàinig e a‑steach don taigh, thàinig na doill da ionnsaigh: agus thubhairt Iosa riu, A bheil sibh a’ creidsinn gur comasach mise air seo a dhèanamh? Thubhairt iad ris, Tha, a Thighearna.
29
An sin bhean e rin sùilean, ag ràdh, Biodh e dhuibh a rèir ur creidimh.
30
Agus dh’fhosgladh an sùilean, agus bhagair Iosa gu geur iad, ag ràdh, Faicibh nach faigh neach air bith fios air seo.
31
Ach nuair a dh’imich iad a‑mach, sgaoil iad a chliù air feadh na dùthcha sin uile.
32
Agus a’ dol dhaibhsan a‑mach, feuch, thug iad da ionnsaigh duine balbh anns an robh deamhan.
33
Agus an dèidh don deamhan a bhith air a thilgeadh a‑mach, labhair am balbhan: agus ghabh an sluagh iongantas, ag ràdh, Chan fhacas a leithid seo ann an Israel riamh.
34
Ach thubhairt na Pharasaich, Tro phrionnsa nan deamhan tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.
35
Agus ghabh Iosa mun cuairt nan uile chathraichean agus bhailtean, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach uile easlaint agus eucail am measg a’ phobaill.
36
Ach nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas dhiubh, airson gu robh iad air fannachadh, agus air an sgapadh o chèile, mar chaoraich aig nach eil buachaille.
37
An sin thubhairt e ra dheisciobail, Gu deimhinn is mòr am fogharadh, ach is tearc an luchd-obrach.
38
Uime sin, guidhibh-se air Tighearna an fhogharaidh, luchd-obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin.
Mata 9:1
Mata 9:2
Mata 9:3
Mata 9:4
Mata 9:5
Mata 9:6
Mata 9:7
Mata 9:8
Mata 9:9
Mata 9:10
Mata 9:11
Mata 9:12
Mata 9:13
Mata 9:14
Mata 9:15
Mata 9:16
Mata 9:17
Mata 9:18
Mata 9:19
Mata 9:20
Mata 9:21
Mata 9:22
Mata 9:23
Mata 9:24
Mata 9:25
Mata 9:26
Mata 9:27
Mata 9:28
Mata 9:29
Mata 9:30
Mata 9:31
Mata 9:32
Mata 9:33
Mata 9:34
Mata 9:35
Mata 9:36
Mata 9:37
Mata 9:38
Mata 1 / Mat 1
Mata 2 / Mat 2
Mata 3 / Mat 3
Mata 4 / Mat 4
Mata 5 / Mat 5
Mata 6 / Mat 6
Mata 7 / Mat 7
Mata 8 / Mat 8
Mata 9 / Mat 9
Mata 10 / Mat 10
Mata 11 / Mat 11
Mata 12 / Mat 12
Mata 13 / Mat 13
Mata 14 / Mat 14
Mata 15 / Mat 15
Mata 16 / Mat 16
Mata 17 / Mat 17
Mata 18 / Mat 18
Mata 19 / Mat 19
Mata 20 / Mat 20
Mata 21 / Mat 21
Mata 22 / Mat 22
Mata 23 / Mat 23
Mata 24 / Mat 24
Mata 25 / Mat 25
Mata 26 / Mat 26
Mata 27 / Mat 27
Mata 28 / Mat 28