1 |
An sin samhlaichear rìoghachd nèimh ri deich òighean a thug leo an lòchrain, agus a chaidh a‑mach an còdhail an fhir nuadh-phòsda. |
2 |
Agus bha còignear dhiubh glic, agus còignear amaideach. |
3 |
Thug iadsan a bha amaideach an lòchrain leo, ach cha tug iad ola leo. |
4 |
Ach iadsan a bha glic, thug iad ola leo nan soithichean maille rin lòchrain. |
5 |
Agus air dèanamh moille don fhear nuadh-phòsda, thuit clò cadail orra uile, agus suain. |
6 |
Ach anns a’ mheadhon-oidhche, rinneadh glaodh, Feuch, tha am fear nuadh-pòsda a’ teachd; rachaibh a‑mach ga choinneachadh. |
7 |
An sin dh’èirich na h‑òighean ud uile, agus dheasaich iad an lòchrain. |
8 |
Agus thubhairt na h‑òighean amaideach riùsan a bha glic, Thoiribh dhuinne cuid de ur n‑ola: oir tha ar lòchrain a’ dol as. |
9 |
Ach fhreagair iadsan a bha glic, ag ràdh, Air eagal nach bi gu leòr ann dhuinn fhèin agus dhuibhse, gum b’fheàrr leibh dol a‑chum an luchd-reic; agus ceannaichibh dhuibh fhèin. |
10 |
Agus am feadh a bha iad a’ dol a cheannach, thàinig am fear nuadh-pòsda; agus chaidh iadsan a bha ullamh a‑steach leis a‑chum a’ phòsaidh, agus dhruideadh an doras. |
11 |
Na dhèidh sin, thàinig mar an ceudna na h‑òighean eile, ag ràdh, A thighearna, a thighearna, fosgail dhuinne. |
12 |
Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach aithne dhomh sibh. |
13 |
Dèanaibh faire air an adhbhar sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair air an tig Mac an Duine. |
14 |
Oir is cosmhail e ri duine a’ dol air choigrich, a ghairm a sheirbhisich, agus a thug dhaibh a mhaoin: |
15 |
Agus do aon dhiubh thug e còig tàlannan, agus do neach eile a dhà, agus do neach eile a h‑aon; do gach aon fa leth a rèir a chomais; agus air ball ghabh e a thuras. |
16 |
Agus dh’imich esan a fhuair na còig tàlannan, agus rinn e ceannachd leo, agus bhuannaich e còig tàlannan eile. |
17 |
Agus mar an ceudna esan a fhuair a dhà, bhuannaich e dithis eile. |
18 |
Ach an tì a fhuair a h‑aon, dh’imich e agus chladhaich e anns an talamh, agus dh’fhalaich e airgead a mhaighistir. |
19 |
An dèidh aimsir fhada thàinig tighearna nan seirbhiseach sin, agus rinn e cunntas riu. |
20 |
Agus thàinig esan a fhuair na còig tàlannan, agus thug e leis còig tàlannan eile, ag ràdh, A thighearna, thug thu dhòmhsa còig tàlannan: feuch, bhuannaich mi còig tàlannan eile a thuilleadh orra. |
21 |
Agus thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan, cuiridh mise os cionn mhòran thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna. |
22 |
Agus thàinig esan a fhuair an dà thàlann, agus thubhairt e, A thighearna, thug thu dhòmhsa dà thàlann: feuch, bhuannaich mi dà thàlann eile a thuilleadh orra. |
23 |
Thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan de nithean, cuiridh mise os cionn mòran de nithean thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna. |
24 |
Ach nuair a thàinig esan a fhuair an t‑aon tàlann, thubhairt e, A thighearna, bha fhios agam gur duine cruaidh thu, a bhuaineas anns an àite anns nach do chuir thu, agus a thionaileas anns an ionad anns nach do sgaoil thu; |
25 |
Agus air dhomh a bhith fo eagal, chaidh mi agus dh’fhalaich mi do thàlann anns an talamh: feuch, sin agad do chuid fhèin. |
26 |
Fhreagair a thighearna agus thubhairt e ris, A sheirbhisich uilc agus leisg, bha fhios agad gum buaininn-sa anns an àit anns nach do chuir mi, agus gun tionalainn as an ionad anns nach do sgaoil mi; |
27 |
Bu chòir dhut, uime sin, m’airgead a thabhairt don luchd-malairt agus air dhomh teachd, gheibhinn mo chuid fhèin maille ra riadh. |
28 |
Buinibh uaithe, uime sin, an tàlann, agus thugaibh dhàsan e aig a bheil na deich tàlannan. |
29 |
(Oir do gach neach aig a bheil, bheirear, agus bidh aige gu pailt: ach uaithesan aig nach eil, bheirear eadhon an nì sin a tha aige.) |
30 |
Agus tilgibh an seirbhiseach mi‑thairbheach seo do dhorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal. |
31 |
Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile maille ris, an sin suidhidh e air cathair rìoghail a ghlòire: |
32 |
Agus cruinnichear na làthair na h‑uile chinnich; agus sgaraidh e iad o chèile, amhail a sgaras buachaille na caoraich o na gobhair: |
33 |
Agus cuiridh e na caoraich air a làimh dheis, ach na gobhair air a làimh chlì. |
34 |
An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain: |
35 |
Oir bha mi acrach, agus thug sibh dhomh biadh: bha mi tartmhor, agus thug sibh dhomh deoch: bha mi am choigreach, agus thug sibh aoidheachd dhomh: |
36 |
Lomnochd, agus dh’èidich sibh mi: bha mi easlan, agus thàinig sibh gam amharc: bha mi ann am prìosan, agus thàinig sibh am ionnsaigh. |
37 |
An sin freagraidh na fìreanan e, ag ràdh, A Thighearna, cuin a chunnaic sinn acrach thu, agus a bheathaich sinn thu, no tartmhor, agus a thug sinn deoch dhut? |
38 |
No cuin a chunnaic sinn ad choigreach thu, agus a thug sinn aoidheachd dhut, no lomnochd, agus a dh’èidich sinn thu? |
39 |
No cuin a chunnaic sinn easlan thu, no ann am prìosan, agus a thàinig sinn ad ionnsaigh? |
40 |
Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e. |
41 |
An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean: |
42 |
Oir bha mi acrach, agus cha tug sibh dhomh biadh; bha mi tartmhor, agus cha tug sibh dhomh deoch: |
43 |
Bha mi am choigreach, agus cha tug sibh aoidheachd dhomh: lomnochd, agus cha d’èidich sibh mi: easlan agus ann am prìosan, agus cha tàinig sibh gam amharc. |
44 |
An sin freagraidh iadsan mar an ceudna e, ag ràdh, A Thighearna, cuin a chunnaic sinne thu acrach, no tartmhor, no ad choigreach, no lomnochd, no easlan, no am prìosan, agus nach do fhritheil sinn dhut? |
45 |
An sin freagraidh esan iad, ag ràdh, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is nach do rinn sibh e don neach as lugha dhiubh seo, cha do rinn sibh dhòmhsa e. |
46 |
Agus imichidh iadsan a‑chum peanais shìorraidh; ach na fìreanan a‑chum na beatha maireannaich.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Mata 25:1 |
Mata 25:2 |
Mata 25:3 |
Mata 25:4 |
Mata 25:5 |
Mata 25:6 |
Mata 25:7 |
Mata 25:8 |
Mata 25:9 |
Mata 25:10 |
Mata 25:11 |
Mata 25:12 |
Mata 25:13 |
Mata 25:14 |
Mata 25:15 |
Mata 25:16 |
Mata 25:17 |
Mata 25:18 |
Mata 25:19 |
Mata 25:20 |
Mata 25:21 |
Mata 25:22 |
Mata 25:23 |
Mata 25:24 |
Mata 25:25 |
Mata 25:26 |
Mata 25:27 |
Mata 25:28 |
Mata 25:29 |
Mata 25:30 |
Mata 25:31 |
Mata 25:32 |
Mata 25:33 |
Mata 25:34 |
Mata 25:35 |
Mata 25:36 |
Mata 25:37 |
Mata 25:38 |
Mata 25:39 |
Mata 25:40 |
Mata 25:41 |
Mata 25:42 |
Mata 25:43 |
Mata 25:44 |
Mata 25:45 |
Mata 25:46 |
|
|
|
|
|
|
Mata 1 / Mat 1 |
Mata 2 / Mat 2 |
Mata 3 / Mat 3 |
Mata 4 / Mat 4 |
Mata 5 / Mat 5 |
Mata 6 / Mat 6 |
Mata 7 / Mat 7 |
Mata 8 / Mat 8 |
Mata 9 / Mat 9 |
Mata 10 / Mat 10 |
Mata 11 / Mat 11 |
Mata 12 / Mat 12 |
Mata 13 / Mat 13 |
Mata 14 / Mat 14 |
Mata 15 / Mat 15 |
Mata 16 / Mat 16 |
Mata 17 / Mat 17 |
Mata 18 / Mat 18 |
Mata 19 / Mat 19 |
Mata 20 / Mat 20 |
Mata 21 / Mat 21 |
Mata 22 / Mat 22 |
Mata 23 / Mat 23 |
Mata 24 / Mat 24 |
Mata 25 / Mat 25 |
Mata 26 / Mat 26 |
Mata 27 / Mat 27 |
Mata 28 / Mat 28 |