1 |
An sin labhair Iosa ris an t‑sluagh, agus ra dheisciobail fhèin, |
2 |
Ag ràdh, Tha na sgrìobhaichean agus na Pharasaich nan suidhe ann an cathair Mhaois: |
3 |
Air an adhbhar sin, na h‑uile nithean a dh’iarras iad oirbhse a choimhead, coimheadaibh agus dèanaibh iad; ach na dèanaibh a rèir an obraichean: oir their iad, agus cha dèan iad. |
4 |
Oir ceanglaidh iad uallaichean troma agus do‑iomchair, agus cuiridh iad iad air guaillean dhaoine; gidheadh, cha charaich iad fhèin iad le aon dem meuran. |
5 |
Ach an obraichean uile tha iad a’ dèanamh a‑chum a bhith air am faicinn le daoine: nì iad am philactaraidhean leathann, agus iomall an aodaich mòr; |
6 |
Agus is ionmhainn leo na ciad ionadan-suidhe anns na fèillean, agus na ciad chathraichean anns na coitheanail, |
7 |
Agus fàilte fhaghail air na margaidhean, agus daoine a ghairm Rabbi, Rabbi dhiubh. |
8 |
Ach na goirear Rabbi dhibhse: oir is aon àrd-mhaighistir a tha agaibh, Crìosd; agus is bràithrean sibh fhèin uile. |
9 |
Agus na goiribh ur n‑athair de dhuine sam bith air thalamh: oir is aon Athair a tha agaibh, a tha air nèamh. |
10 |
Cha mhò a ghoirear àrd-mhaighistirean dhibh: oir is aon àrd-mhaighistir a tha agaibh, eadhon Crìosd. |
11 |
Ach an tì as mò nur measg, bidh e na òglach agaibh. |
12 |
Agus ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e. |
13 |
Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann. |
14 |
Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh ag ithe suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a’ dèanamh ùrnaighean fada; uime sin gheibh sibh an dìteadh as mò. |
15 |
Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir cuartaichidh sibh muir agus tìr a‑chum aon duine a dhèanamh de ur creideamh fhèin; agus nuair a bhios e dèante, nì sibh mac ifrinn dheth dà uair nas mò na sibh fhèin. |
16 |
Is an‑aoibhinn dhuibh, a chinn-iùil dhalla, a their, Ge bè duine a bheir mionnan air an teampall, cha nì air bith sin: ach ge bè a bheir mionnan air òr an teampaill, tha e ceangailte. |
17 |
Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an t‑òr, no an teampall a tha a’ naomhachadh an òir? |
18 |
Agus, Ge bè a bheir mionnan air an altair, chan eil suim ann: ach ge bè a bheir mionnan air an tìodhlac a tha oirre, tha e ceangailte. |
19 |
Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an tìodhlac, no an altair a tha a’ naomhachadh an tìodhlaic? |
20 |
Air an adhbhar sin, ge bè a mhionnaicheas air an altair, tha e a’ mionnachadh oirre fhèin, agus air gach nì a tha oirre. |
21 |
Agus ge bè a mhionnaicheas air an teampall, tha e a’ mionnachadh airsan, agus air an Tì a tha na chòmhnaidh ann. |
22 |
Agus ge bè neach a mhionnaicheas air nèamh, tha e a’ mionnachadh air rìgh-chathair Dhè, agus airsan a tha na shuidhe oirre. |
23 |
Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh a’ toirt an deichimh as a’ mhionnt, agus an anise, agus a’ chuimin, agus dhearmaid sibh nithean cudthromach an lagha, cothrom, tròcair, agus fìrinn: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh. |
24 |
A chinn-iùil dhalla, a shìolaidheas a’ mheanbh-chuileag, agus a shluigeas an càmhal. |
25 |
Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir glanaidh sibh an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis, ach tha iad an taobh a‑staigh làn reubainn agus eucoir. |
26 |
Pharasaich dhoill, glan air tùs an taobh a‑staigh den chupan agus den mhèis, a‑chum gum bi an taobh a‑muigh dhiubh glan mar an ceudna. |
27 |
Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir is cosmhail sibh ri uaighean gealaichte, a tha maiseach air an taobh a‑muigh, ach air an taobh a‑staigh a tha làn de chnàmhan dhaoine marbha, agus den uile shalchar. |
28 |
Mar an ceudna, tha sibhse an leth a‑muigh am fianais dhaoine ann an coslas fhìreanan, ach anns an taobh a‑staigh làn ceilg agus easaontais. |
29 |
Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh a’ togail àitean-adhlaic nam fàidhean, agus a’ dèanamh leacan-laighe nam fìrean maiseach. |
30 |
Agus ag ràdh, Nam bitheamaid ann an làithean ar n‑athraichean, cha bhitheamaid compàirteach riu ann am fuil nam fàidhean. |
31 |
Mar sin tha sibh nur fianaisean nur n‑aghaidh fhèin gur sibh clann na muinntir a mharbh na fàidhean. |
32 |
Mar sin lìonaibh-se suas tomhas ur n‑athraichean. |
33 |
A nathraichean, a shìol nan nathraichean nimhe, cionnas a dh’fhaodar leibh a dhol as o dhamnadh ifrinn? |
34 |
Air an adhbhar sin, feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh fàidhean, agus daoine glice, agus sgrìobhaichean; agus cuid dhiubh marbhaidh agus ceusaidh sibh, agus cuid dhiubh sgiùrsaidh sibh nur sionagogan, agus nì sibh geur-leanmhainn orra o bhaile gu baile: |
35 |
A‑chum gun tig oirbh gach uile fhuil fhìreanta a dhòrtadh air an talamh, o fhuil Abeil fhìreanta gu fuil Shachariais mhic Bharachiais, a mharbh sibh eadar an teampall agus an altair. |
36 |
Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun tig na nithean seo uile air a’ ghinealach seo. |
37 |
A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh, cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh ri chèile, mar a chruinnicheas cearc a h‑eòin fo a sgiathan, agus cha b’àill leibhse! |
38 |
Feuch, fàgar ur taigh agaibh na fhàsach. |
39 |
Oir tha mise ag ràdh ribh nach faic sibh mise o seo suas, gus an abair sibh, Is beannaichte an Tì a thig ann an ainm an Tighearna.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Mata 23:1 |
Mata 23:2 |
Mata 23:3 |
Mata 23:4 |
Mata 23:5 |
Mata 23:6 |
Mata 23:7 |
Mata 23:8 |
Mata 23:9 |
Mata 23:10 |
Mata 23:11 |
Mata 23:12 |
Mata 23:13 |
Mata 23:14 |
Mata 23:15 |
Mata 23:16 |
Mata 23:17 |
Mata 23:18 |
Mata 23:19 |
Mata 23:20 |
Mata 23:21 |
Mata 23:22 |
Mata 23:23 |
Mata 23:24 |
Mata 23:25 |
Mata 23:26 |
Mata 23:27 |
Mata 23:28 |
Mata 23:29 |
Mata 23:30 |
Mata 23:31 |
Mata 23:32 |
Mata 23:33 |
Mata 23:34 |
Mata 23:35 |
Mata 23:36 |
Mata 23:37 |
Mata 23:38 |
Mata 23:39 |
|
|
|
|
|
|
Mata 1 / Mat 1 |
Mata 2 / Mat 2 |
Mata 3 / Mat 3 |
Mata 4 / Mat 4 |
Mata 5 / Mat 5 |
Mata 6 / Mat 6 |
Mata 7 / Mat 7 |
Mata 8 / Mat 8 |
Mata 9 / Mat 9 |
Mata 10 / Mat 10 |
Mata 11 / Mat 11 |
Mata 12 / Mat 12 |
Mata 13 / Mat 13 |
Mata 14 / Mat 14 |
Mata 15 / Mat 15 |
Mata 16 / Mat 16 |
Mata 17 / Mat 17 |
Mata 18 / Mat 18 |
Mata 19 / Mat 19 |
Mata 20 / Mat 20 |
Mata 21 / Mat 21 |
Mata 22 / Mat 22 |
Mata 23 / Mat 23 |
Mata 24 / Mat 24 |
Mata 25 / Mat 25 |
Mata 26 / Mat 26 |
Mata 27 / Mat 27 |
Mata 28 / Mat 28 |