A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Lebhiticus 27



1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a bheir duine bòid àraidh, buinidh na h‑anaman don Tighearna, a rèir do mheas:
3
Agus bidh do mheas, air an fhireannach o fhichead bliadhna a dh’aois eadhon gu trì-fichead bliadhna a dh’aois; bidh eadhon do mheas leth-cheud secel airgid, a rèir secel an ionaid naoimh.
4
Agus mas boireannach a bhios ann, an sin bidh do mheas deich seceil ar fhichead.
5
Agus mas gille o chòig bliadhna a dh’aois, eadhon gu fichead bliadhna a dh’aois, a bhios ann, an sin bidh do mheas airson an fhireannaich fichead secel, agus airson a’ bhoireannaich deich seceil.
6
Agus mas ann o mhìos a dh’aois, eadhon gu còig bliadhna a dh’aois, an sin bidh do mheas airson an fhireannaich còig seceil airgid, agus airson a’ bhoireannaich bidh do mheas trì seceil airgid.
7
Agus mas ann a bhios e o thrì-fichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, mas fireannach e, an sin bidh do mheas còig-seceil-deug, agus airson boireannaich deich seceil.
8
Ach ma bhios e nas bochda na do mheas, an sin nochdaidh e e fhèin an làthair an t‑sagairt, agus measaidh an sagart e: a rèir a chomais-san a thug a’ bhòid, measaidh an sagart e.
9
Agus mas ainmhidh e, den toir daoine tabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bidh gach nì a bheir duine den leithidean sin don Tighearna, naomh.
10
Cha mhùth e e, cha mhò a mhalairticheas e e, math airson uilc, no olc airson maith: ach ma mhalairticheas e, air chor sam bith, ainmhidh airson ainmhidh, an sin bidh e fhèin, agus an nì a fhuaireadh na mhalairt, naomh.
11
Agus mas ainmhidh neòghlan sam bith e, de nach toir iad seachad tabhartas don Tighearna, an sin nochdaidh e an t‑ainmhidh an làthair an t‑sagairt:
12
Agus measaidh an sagart e, mas math no olc e; mar a mheasas tusa a bhios ad shagart e, mar sin bidh e.
13
Ach ma dh’fhuasglas e air chor sam bith e, an sin cuireadh e an còigeamh cuid dheth rid mheas-sa.
14
Agus nuair a choisrigeas duine a thaigh, gu bhith naomh don Tighearna, an sin measaidh an sagart e, mas math no olc e: mar a mheasas an sagart e, mar sin seasaidh e.
15
Agus ma dh’fhuasglas esan a choisrig e a thaigh, an sin cuiridh e an còigeamh cuid de airgead do mheas-sa ris, agus bidh e leis.
16
Agus ma choisrigeas duine don Tighearna cuid de fhearann a sheilbhe, an sin bidh do mheas a rèir a shìl: measar homer de shìol eòrna aig lethcheud secel airgid.
17
Ma choisrigeas e a fhearann o bhliadhna na h‑Iubile, a rèir do mheas seasaidh e.
18
Ach ma choisrigeas e a fhearann an dèidh na h‑Iubile, an sin àirmhidh an sagart an t‑airgead dha a rèir nam bliadhnachan a tha ri teachd, eadhon gu bliadhna na h‑Iubile, agus leigear sin sìos ded mheas.
19
Agus ma dh’fhuasglas am fear a choisrig am fearann e air chor sam bith, an sin cuiridh e an còigeamh cuid de airgead do mheas-sa ris, agus daingnichear dha e.
20
Agus mura fuasgail e am fearann, no ma reic e am fearann ri duine eile, chan fhuasglar nas mò e.
21
Ach bidh am fearann, nuair a thèid e a‑mach anns an Iubile, naomh don Tighearna, mar fhearann coisrigte: buinidh a shealbh don t‑sagart.
22
Ach ma choisrigeas duine don Tighearna fearann a cheannaich e, nach ann de fhearann a sheilbhe;
23
An sin àirmhidh an sagart dha luach do mheas, eadhon gu bliadhna na h‑Iubile, agus bheir e seachad do mheas anns an là sin, mar nì naomh don Tighearna.
24
Ann am bliadhna na h‑Iubile tillidh am fearann da ionnsaigh-san on do cheannaicheadh e, eadhon da ionnsaigh-san, dom buineadh sealbh an fhearainn.
25
Agus bidh do mheas-sa uile a rèir secel an ionaid naoimh; bidh fichead gerah anns an t‑secel.
26
Ach ciad-ghin nan ainmhidh, a bu chòir a bhith na chiad-ghin don Tighearna, cha choisrig duine air bith sin, co‑dhiù as tarbh no caora e: is leis an Tighearna e.
27
Ach mas ann de bheathach neòghlan e, an sin fuasglaidh e e a rèir do mheas-sa, agus cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris; no mura fuasglar e, an sin reicear e a rèir do mheas.
28
Gidheadh, cha reicear agus chan fhuasglar nì sam bith coisrigte a choisrigeas duine don Tighearna, de gach nì a tha aige, araon de dhuine agus de ainmhidh, agus de fhearann a sheilbhe: tha gach nì coisrigte ro‑naomh don Tighearna.
29
Chan fhuasglar nì sam bith coisrigte, a choisrigear le daoine: ach cuirear gu cinnteach gu bàs e.
30
Agus uile dheicheamh an fhearainn, mas ann de shìol an fhearainn, no de mheas na craoibhe, is leis an Tighearna e; tha e naomh don Tighearna.
31
Agus ma dh’fhuasglas duine idir a’ bheag de a dheicheamh, cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris.
32
Agus a‑thaobh uile dheicheamh a’ chruidh, no an treuda, eadhon gach nì air bith a dh’imicheas fon t‑slait; bidh an deicheamh dheth naomh don Tighearna.
33
Cha rannsaich e am bi e math no olc, cha mhò a mhalairticheas e e: agus ma mhalairticheas e idir e, an sin bidh an dà chuid e fhèin agus a mhalairt naomh; chan fhuasglar e.
34
Is iad sin na h‑àitheantan a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, airson chloinn Israeil, ann an sliabh Shinài.











Lebhiticus 27:1

Lebhiticus 27:2

Lebhiticus 27:3

Lebhiticus 27:4

Lebhiticus 27:5

Lebhiticus 27:6

Lebhiticus 27:7

Lebhiticus 27:8

Lebhiticus 27:9

Lebhiticus 27:10

Lebhiticus 27:11

Lebhiticus 27:12

Lebhiticus 27:13

Lebhiticus 27:14

Lebhiticus 27:15

Lebhiticus 27:16

Lebhiticus 27:17

Lebhiticus 27:18

Lebhiticus 27:19

Lebhiticus 27:20

Lebhiticus 27:21

Lebhiticus 27:22

Lebhiticus 27:23

Lebhiticus 27:24

Lebhiticus 27:25

Lebhiticus 27:26

Lebhiticus 27:27

Lebhiticus 27:28

Lebhiticus 27:29

Lebhiticus 27:30

Lebhiticus 27:31

Lebhiticus 27:32

Lebhiticus 27:33

Lebhiticus 27:34







Lebhiticus 1 / Leb 1

Lebhiticus 2 / Leb 2

Lebhiticus 3 / Leb 3

Lebhiticus 4 / Leb 4

Lebhiticus 5 / Leb 5

Lebhiticus 6 / Leb 6

Lebhiticus 7 / Leb 7

Lebhiticus 8 / Leb 8

Lebhiticus 9 / Leb 9

Lebhiticus 10 / Leb 10

Lebhiticus 11 / Leb 11

Lebhiticus 12 / Leb 12

Lebhiticus 13 / Leb 13

Lebhiticus 14 / Leb 14

Lebhiticus 15 / Leb 15

Lebhiticus 16 / Leb 16

Lebhiticus 17 / Leb 17

Lebhiticus 18 / Leb 18

Lebhiticus 19 / Leb 19

Lebhiticus 20 / Leb 20

Lebhiticus 21 / Leb 21

Lebhiticus 22 / Leb 22

Lebhiticus 23 / Leb 23

Lebhiticus 24 / Leb 24

Lebhiticus 25 / Leb 25

Lebhiticus 26 / Leb 26

Lebhiticus 27 / Leb 27