A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Eseciel 34



1
Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A mhic an duine, dèan fàistneachd an aghaidh aodhairean Israeil, dèan fàistneachd, agus abair riu, O aodhairean, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mo thruaighe aodhairean Israeil, a tha gam beathachadh fhèin! Nach bu chòir do na h‑aodhairean an treud a bheathachadh?
3
Tha sibh ag ithe na saill, agus gur n‑èideadh fhèin leis an olainn, tha sibh a’ marbhadh nan ainmhidhean biadhte: chan eil sibh a’ beathachadh an treud.
4
Cha do neartaich sibh an lag, cha mhò a leighis sibh an tinn, cha mhò a cheangail sibh suas esan a bha briste, cha mhò a thug sibh air ais a’ chuid a sgapadh, cha mhò a dh’iarr sibh a’ chuid a chailleadh; ach le ainneart riaghail sibh iad, agus le an‑iochd.
5
Agus sgapadh iad le dìth aodhairean: agus bha iad nam biadh do uile bheathaichean na machrach, nuair a bha iad air an sgapadh.
6
Chaidh mo chaoraich-sa air seachran air feadh nan uile bheann, agus air gach sliabh àrd: seadh, bha mo threud air a sgapadh air aghaidh na talmhainn uile, agus cha robh aon neach gan sireadh no gan iarraidh.
7
Uime sin, O aodhairean, èisdibh-se facal an Tighearna;
8
Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu deimhinn a chionn gu robh mo threud nan creich, agus gun do rinneadh mo threud nam biadh do uile bheathaichean na machrach, a chionn nach robh aodhair sam bith ann, cha mhò a dh’iarr m’aodhairean mo threud, ach bheathaich na h‑aodhairean iad fhèin, agus cha do bhiadh iad mo threud-sa;
9
Uime sin, O aodhairean, èisdibh facal an Tighearna;
10
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise an aghaidh nan aodhairean, agus iarraidh mi mo threud air an làimh, agus bheir mi orra sgur de bhiadhadh an treud; cha mhò a bheathaicheas na h‑aodhairean iad fhèin tuilleadh; oir saoraidh mise mo threud as am beul, a‑chum nach bi iad dhaibh nam biadh.
11
Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, lorgaidh mise, mise fhèin, mo chaoraich, agus iarraidh mi a‑mach iad.
12
Amhail a lorgas aodhair a‑mach a threud, anns an là anns am bi e am measg a chaorach a chaidh a sgapadh; mar sin iarraidh mise mo chaoraich fhèin, agus saoraidh mi iad as a h‑uile àite gus an robh iad air an sgànradh, anns an là neulach agus dhorcha.
13
Agus bheir mi a‑mach iad o mheasg nan cinneach, agus cruinnichidh mi iad o na dùthchannan, agus bheir mi iad gum fearann fhèin, agus ionaltraidh mi iad air slèibhtean Israeil, an cois nan aibhnichean, agus ann an uile ionadan àitichte na tìre.
14
Ionaltraidh mi iad ann an innis mhaith, agus bidh am buaile air slèibhtean àrda Israeil: an sin laighidh iad ann an cluain mhaith, agus ionaltraidh iad ann an innis reamhair air slèibhtean Israeil.
15
Beathaichidh mise mo threud, agus bheir mi orra laighe sìos, deir an Tighearna Dia.
16
Iarraidh mi a’ chuid a chailleadh, agus bheir mi air ais a’ chuid a dh’fhuadaicheadh air falbh, agus ceanglaidh mi suas a’ chuid a bhriseadh, agus neartaichidh mi a’ chuid a bha tinn: ach sgriosaidh mi an reamhar agus an làidir; beathaichidh mi iad sin le breitheanas.
17
Agus air ur son-se, O mo threud; mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, bheir mise breith eadar sprèidh agus sprèidh, eadhon na reitheachan agus na gobhair fhireann.
18
An nì suarach leibhse an innis mhath ithe suas, ach gun saltair sibh fòs a’ chuid eile den ionaltradh sìos fo ur casan? Agus òl de na h‑uisgeachan domhain, ach gur èiginn dhuibh a’ chuid eile a shalachadh le ur casan?
19
Agus airson mo threud-sa, tha iad ag ithe an nì sin a shaltair sibh fo ur casan, agus ag òl an nì sin a rinn ur casan a thruailleadh.
20
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh riu, Feuch, bheir mise, mise fhèin, breith eadar an sprèidh reamhar agus an sprèidh chaol.
21
A chionn gun do thulg sibh le taobh agus le slinnein, agus gun do rinn sibh an t‑easlan uile a phurradh le ur n‑adhaircean, gus an do sgainnir sibh iad o chèile:
22
Uime sin tèarnaidh mise mo threud, agus cha bhi iad nas mò nan creich; agus bheir mi breith eadar sprèidh agus sprèidh.
23
Agus cuiridh mi suas aon aodhair os an cionn, agus beathaichidh esan iad, eadhon mo sheirbhiseach Daibhidh; beathaichidh esan iad, agus bidh e dhaibh na aodhair.
24
Agus bidh mise Iehòbhah ann am Dhia dhaibh, agus mo sheirbhiseach Daibhidh na phrionnsa nam measg; labhair mise Iehòbhah e.
25
Agus nì mise coicheangal sìthe riu, agus cuiridh mi cosg air na droch bheathaichean anns an fhearann; agus gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte anns an fhàsach agus caidlidh iad anns na coilltean.
26
Agus nì mi iadsan agus na h‑ionadan timcheall mo shlèibh nam beannachadh; agus bheir mi air an fhrois teachd a‑nuas na h‑àm: bidh frasan de bheannachdan ann.
27
Agus bheir craobh na machrach seachad a toradh, agus bheir an talamh seachad a chinneas, agus bidh iad tèarainte nan dùthaich, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a bhriseas mi cuibhrichean an cuinge, agus a shaoras mi iad à làimh na muinntir a ghabh seirbhis dhiubh.
28
Agus cha bhi iad nas mò nan cobhartaich do na cinnich, cha mhò a nì beathaichean an fhearainn an slugadh suas: ach gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte, agus cha chuir aon neach eagal orra.
29
Agus togaidh mi suas dhaibh meangan cliùiteach, agus cha bhi iad air an claoidh nas mò le gort anns an fhearann, cha mhò a ghiùlaineas iad masladh nan cinneach nas fhaide.
30
Mar seo aithnichidh iad gu bheil mise an Tighearna Dia maille riu, agus gur iadsan, taigh Israeil, mo shluagh, deir an Tighearna Dia.
31
Agus sibhse, mo threud, treud m’ionaltraidh, is daoine sibh, agus is mise ur Dia, deir an Tighearna Dia.











Eseciel 34:1

Eseciel 34:2

Eseciel 34:3

Eseciel 34:4

Eseciel 34:5

Eseciel 34:6

Eseciel 34:7

Eseciel 34:8

Eseciel 34:9

Eseciel 34:10

Eseciel 34:11

Eseciel 34:12

Eseciel 34:13

Eseciel 34:14

Eseciel 34:15

Eseciel 34:16

Eseciel 34:17

Eseciel 34:18

Eseciel 34:19

Eseciel 34:20

Eseciel 34:21

Eseciel 34:22

Eseciel 34:23

Eseciel 34:24

Eseciel 34:25

Eseciel 34:26

Eseciel 34:27

Eseciel 34:28

Eseciel 34:29

Eseciel 34:30

Eseciel 34:31







Eseciel 1 / Ese 1

Eseciel 2 / Ese 2

Eseciel 3 / Ese 3

Eseciel 4 / Ese 4

Eseciel 5 / Ese 5

Eseciel 6 / Ese 6

Eseciel 7 / Ese 7

Eseciel 8 / Ese 8

Eseciel 9 / Ese 9

Eseciel 10 / Ese 10

Eseciel 11 / Ese 11

Eseciel 12 / Ese 12

Eseciel 13 / Ese 13

Eseciel 14 / Ese 14

Eseciel 15 / Ese 15

Eseciel 16 / Ese 16

Eseciel 17 / Ese 17

Eseciel 18 / Ese 18

Eseciel 19 / Ese 19

Eseciel 20 / Ese 20

Eseciel 21 / Ese 21

Eseciel 22 / Ese 22

Eseciel 23 / Ese 23

Eseciel 24 / Ese 24

Eseciel 25 / Ese 25

Eseciel 26 / Ese 26

Eseciel 27 / Ese 27

Eseciel 28 / Ese 28

Eseciel 29 / Ese 29

Eseciel 30 / Ese 30

Eseciel 31 / Ese 31

Eseciel 32 / Ese 32

Eseciel 33 / Ese 33

Eseciel 34 / Ese 34

Eseciel 35 / Ese 35

Eseciel 36 / Ese 36

Eseciel 37 / Ese 37

Eseciel 38 / Ese 38

Eseciel 39 / Ese 39

Eseciel 40 / Ese 40

Eseciel 41 / Ese 41

Eseciel 42 / Ese 42

Eseciel 43 / Ese 43

Eseciel 44 / Ese 44

Eseciel 45 / Ese 45

Eseciel 46 / Ese 46

Eseciel 47 / Ese 47

Eseciel 48 / Ese 48