Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
Eseciel 33
1
A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A mhic an duine, labhair ri cloinn do shluaigh, agus abair riu, Nuair a bheir mise an claidheamh air dùthaich, ma ghabhas muinntir na dùthcha duine den crìochan fhèin, agus gun cuir iad e gu bhith na fhear-faire dhaibh;
3
Ma shèideas e an trompaid nuair a chì e an claidheamh a’ teachd air an fhearann, agus ma bheir e rabhadh don t‑sluagh;
4
An sin, cò air bith a chluinneas fuaim na trompaid, agus nach gabh rabhadh; ma thig an claidheamh, agus gun toir e air falbh e, bidh a fhuil air a cheann fhèin.
5
Chuala e fuaim na trompaid, agus cha do ghabh e rabhadh, bidh a fhuil air fhèin: ach esan a ghabhas rabhadh tèarnaidh e a anam.
6
Ach ma chì am fear-faire an claidheamh a’ teachd, agus nach sèid e an trompaid, agus nach faigh an sluagh rabhadh ma thig an claidheamh, agus gun toir e aon neach air falbh uapa, tha e air a thoirt air falbh na aingidheachd: ach iarraidh mise a fhuil air làimh an fhir-fhaire.
7
Mar sin thusa, a mhic an duine, chuir mi thu mar fhear-faire a‑chum taigh Israeil: uime sin èisdidh tu am facal om bheul-sa, agus bheir thu dhaibh rabhadh uamsa.
8
Nuair a their mise ris an aingidh, O dhuine aingidh, gheibh thu gu deimhinn bàs; mura labhair thusa a‑chum an t‑aingidh a thoirmeasg o a shlighe, gheibh an duine aingidh sin bàs na aingidheachd: ach air do làimh-sa iarraidh mise a fhuil.
9
Gidheadh, ma bheir thusa rabhadh don aingidh mu thimcheall a shlighe, gu tilleadh uaipe: mura till e o a shlighe, gheibh e bàs na aingidheachd, ach thèarainn thusa d’anam.
10
Uime sin, a mhic an duine, labhair thusa ri taigh Israeil, Mar seo their sibh, ag ràdh, Ma bhios ar cionta agus ar lochdan oirnn, agus gun searg sinn annta, cionnas a dh’fhaodas sinn mar sin a bhith beò?
11
Abair riu, Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, chan eil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh; ach gun tilleadh an t‑aingidh o a shlighe, agus gum biodh e beò: tillibh, tillibh, o ur droch shlighean, carson a bhàsaicheas sibh, O thaigh Israeil?
12
Uime sin, a mhic an duine, abair thusa ri cloinn do shluaigh, Cha dèan fìreantachd an fhìrein a shaoradh ann an là a chionta: agus na aingidheachd cha tuit an t‑aingidh anns an là anns an till e o chionta; cha mhò a dh’fhaodas am fìrean a bhith beò airson a fhìreantachd anns an là anns am peacaich e.
13
Nuair a their mise ris an fhìrean gum mair e gu deimhinn beò: ma nì e bun as a fhìreantachd fhèin, agus gun dèan e aingidheachd, cha chuimhnichear a uile fhìreantachd; ach airson a aingidheachd a rinn e, airson sin gheibh e bàs.
14
A‑rìs, nuair a their mise ris an aingidh, Gheibh thu gu deimhinn bàs: ma thilleas e o pheacadh, agus gun dèan e an nì sin a tha dligheach agus ceart;
15
Ma bheir an t‑aingidh air ais an geall, agus gun aisig e a‑rìs an nì a ghoid e, gun gluais e ann an reachdan na beatha, gun aingidheachd a chur an gnìomh; mairidh e gu deimhinn beò, chan fhaigh e bàs.
16
Cha chuimhnichear dha lochd air bith a rinn e: rinn e an nì a tha dleasdanach agus ceart: mairidh e gu cinnteach beò.
17
Gidheadh tha clann do shluaigh-sa ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach, Ach air an son-san, chan eil an slighe cothromach.
18
Nuair a thilleas am fìrean air ais o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, gheibh e bàs da chionn.
19
Ach ma thilleas an t‑aingidh air falbh o a aingidheachd, agus gun dèan e an nì sin a tha dleasdanach agus ceart, mairidh e beò da chionn.
20
Gidheadh tha sibh ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach: O thaigh Israeil, bheir mise breith oirbh, air gach aon a rèir a shlighe.
21
Agus thàrladh anns an aon-bhliadhna-deug de ar bruid, anns an deicheamh mìos, air a’ chòigeamh là den mhìos, gun tàinig aon a theich à Ierusalem am ionnsaigh-sa, ag ràdh, Bhuaileadh am baile.
22
Agus bha làmh an Tighearna orm anns an anmoch, mun tàinig esan a theich, agus dh’fhosgail i mo bheul, gus an tàinig e thugam anns a’ mhadainn; agus dh’fhosgladh mo bheul, agus cha robh mi na bu mhò balbh.
23
An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
24
A mhic an duine, tha iadsan a tha ag àiteachadh nan ionadan fàsa sin de fhearann Israeil a’ labhairt, ag ràdh, Bha Abrahàm na aonar, agus shealbhaich e am fearann: ach tha sinne lìonmhor, thugadh am fearann dhuinn mar sheilbh.
25
Air an adhbhar sin abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha sibh ag ithe maille ris an fhuil, agus a’ togail ur sùl suas ri ur n‑iodhalan, agus a’ dòrtadh fala; agus an sealbhaich sibh am fearann?
26
Tha sibh a’ seasamh air ur claidheamh, tha sibh a’ dèanamh gràinealachd, agus a’ truailleadh, gach aon agaibh, bean a choimhearsnaich: agus an sealbhaich sibh am fearann?
27
Abair thusa riu mar seo, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mar as beò mise, gu deimhinn tuitidh iadsan a tha anns na h‑ionadan fàsa leis a’ chlaidheamh; agus esan a tha anns a’ mhachair sgaoilte, bheir mise do na beathaichean ra ithe; agus bàsaichidh iadsan a bhios anns na daingnichean agus anns na h‑uamhan leis a’ phlàigh.
28
Oir fàgaidh mise am fearann ro‑fhàsail, agus sguiridh mòrachd a threise: agus bidh slèibhtean Israeil fàs, air chor is nach tèid aon neach tromhpa.
29
An sin aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a nì mi am fearann ro‑fhàsail, airson an uile ghràinealachdan a chuir iad an gnìomh.
30
Agus thusa, a mhic an duine, tha clann do shluaigh an còmhnaidh a’ labhairt umad ri taobh nam ballachan, agus ann an dorsan nan taighean; agus a’ labhairt aon ri chèile, gach aon ra bhràthair, ag ràdh, Thigibh, guidheam oirbh, agus èisdibh ciod am facal a tha a’ teachd a‑mach on Tighearna.
31
Agus tha iad a’ teachd ad ionnsaigh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phoball-sa, agus tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran gràidh lem beul, ach tha an cridhe a’ dol an dèidh an sannt.
32
Agus, feuch, tha thusa dhaibh mar òran ro‑thaitneach duine aig a bheil guth binn, agus a chluicheas gu math air inneal-ciùil: oir tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh.
33
Agus nuair a thig seo gu crìch (feuch, tha e a’ teachd), an sin aithnichidh iad gu robh fàidh nam measg.
Eseciel 33:1
Eseciel 33:2
Eseciel 33:3
Eseciel 33:4
Eseciel 33:5
Eseciel 33:6
Eseciel 33:7
Eseciel 33:8
Eseciel 33:9
Eseciel 33:10
Eseciel 33:11
Eseciel 33:12
Eseciel 33:13
Eseciel 33:14
Eseciel 33:15
Eseciel 33:16
Eseciel 33:17
Eseciel 33:18
Eseciel 33:19
Eseciel 33:20
Eseciel 33:21
Eseciel 33:22
Eseciel 33:23
Eseciel 33:24
Eseciel 33:25
Eseciel 33:26
Eseciel 33:27
Eseciel 33:28
Eseciel 33:29
Eseciel 33:30
Eseciel 33:31
Eseciel 33:32
Eseciel 33:33
Eseciel 1 / Ese 1
Eseciel 2 / Ese 2
Eseciel 3 / Ese 3
Eseciel 4 / Ese 4
Eseciel 5 / Ese 5
Eseciel 6 / Ese 6
Eseciel 7 / Ese 7
Eseciel 8 / Ese 8
Eseciel 9 / Ese 9
Eseciel 10 / Ese 10
Eseciel 11 / Ese 11
Eseciel 12 / Ese 12
Eseciel 13 / Ese 13
Eseciel 14 / Ese 14
Eseciel 15 / Ese 15
Eseciel 16 / Ese 16
Eseciel 17 / Ese 17
Eseciel 18 / Ese 18
Eseciel 19 / Ese 19
Eseciel 20 / Ese 20
Eseciel 21 / Ese 21
Eseciel 22 / Ese 22
Eseciel 23 / Ese 23
Eseciel 24 / Ese 24
Eseciel 25 / Ese 25
Eseciel 26 / Ese 26
Eseciel 27 / Ese 27
Eseciel 28 / Ese 28
Eseciel 29 / Ese 29
Eseciel 30 / Ese 30
Eseciel 31 / Ese 31
Eseciel 32 / Ese 32
Eseciel 33 / Ese 33
Eseciel 34 / Ese 34
Eseciel 35 / Ese 35
Eseciel 36 / Ese 36
Eseciel 37 / Ese 37
Eseciel 38 / Ese 38
Eseciel 39 / Ese 39
Eseciel 40 / Ese 40
Eseciel 41 / Ese 41
Eseciel 42 / Ese 42
Eseciel 43 / Ese 43
Eseciel 44 / Ese 44
Eseciel 45 / Ese 45
Eseciel 46 / Ese 46
Eseciel 47 / Ese 47
Eseciel 48 / Ese 48