A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Eseciel 28

1
Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh,
2
A mhic an duine, abair ri prionnsa Thìruis, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, a chionn gu bheil do chridhe air a thogail suas, agus gun dubhairt thu, Is dia mi, tha mi am shuidhe ann an cathair Dhè, ann am meadhon nan cuantan; gidheadh is duine thu, agus cha Dia, ged a chuir thu do chridhe mar chridhe Dhè.
3
Feuch, is glice thu na Daniel; chan eil diamhaireachd sam bith falaichte uat.
4
Led ghliocas, agus led thuigse, fhuair thu dhut fhèin maoin, agus fhuair thu òr agus airgead ann ad thaisgeachan.
5
Led ghliocas mòr, agus led mhalairt, mheudaich thu do shaoibhreas, agus tha do chridhe air a thogail suas led bheartas.
6
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do chuir thu do chridhe mar chridhe Dhè;
7
Feuch, uime sin, bheir mise coimhich ort, fir uamhasach nan cinneach; agus tàirngidh iad an claidheamhan an aghaidh maise do ghliocais, agus truaillidh iad do dhealradh.
8
Cuiridh iad sìos don t‑sloc thu, agus bàsaichidh tu le bàs na muinntir a mharbhar ann am meadhon na fairge.
9
An abair thu fhathast an làthair an tì a mharbhas thu, Is dia mi? Ach bidh tu ann ad dhuine, agus chan ann ad dhia, ann an làimh an tì a mharbhas thu.
10
Bàsaichidh tu le bàs neo-thimcheall-gheàrrte, le làimh nan coimheach: oir mise labhair e, deir an Tighearna Dia.
11
Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
12
A mhic an duine, tog suas caoidh os cionn rìgh Thìruis, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha thu a’ cur seula air do chuid stòrais, làn de ghliocas, agus foirfe ann am maise.
13
Bha thu ann an Eden, gàrradh Dhè; b’e do chòmhdach gach uile chlach luachmhor, an sardias, an topas, agus an daoimean, am beril, an onics, agus an iasper, an saphir, an t‑emerald, agus an carbuncal, agus an t‑òr: ghleusadh obair do thiompan agus do phìoban annad anns an là anns an do chruthaicheadh thu.
14
Is tu an cerub ungte a chòmhdaicheas; agus shuidhich mise thu; bha thu air sliabh naomh Dhè; shiubhail thu ann am meadhon nan clach dealrach.
15
Bha thu foirfe ann ad shlighean, on là anns an do chruthaicheadh thu gus an d’fhuaireadh annad aingidheachd.
16
Le lìonmhorachd do mhalairt lìon iad do mheadhon le ainneart, agus pheacaich thu: uime sin, tilgidh mise thu, mar nì mì‑naomh, a‑mach o shliabh Dhè: agus sgriosaidh mi thu, O cheruib a chòmhdaicheas, a meadhon nan clach dealrach.
17
Bha do chridhe air a thogail suas led mhaise; thruaill thu do ghliocas led dhealradh: tilgidh mise gu làr thu, cuiridh mi thu an làthair rìghrean gu bhith ad bhall-amhairc dhaibh.
18
Le lìonmhorachd d’euceartan thruaill thu d’ionadan naomha, le euceart do mhalairt; uime sin bheir mise a‑mach teine as do mheadhon, caithidh e thu, agus nì mise luath dhìot air an talamh, ann an sealladh nan uile a chì thu.
19
Iadsan uile don aithne thu am measg an t‑sluaigh, bidh uamhas orra dod thaobh: bidh tu ann ad uamhann, agus cha bhi thu ann nas mò gu bràth.
20
A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
21
A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Shìdoin, agus dèan fàistneachd na h‑aghaidh.
22
Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, O Shìdoin, agus bidh mi air mo ghlòrachadh ann ad mheadhon: agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna, nuair a nì mi innte breitheanais, agus a bhios mi air mo naomhachadh innte.
23
Oir cuiridh mi innte plàigh, agus fuil na sràidean, agus bheirear breitheanas air an leònte na meadhon, leis a’ chlaidheamh a bhios oirre air gach taobh; agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.
24
Agus cha bhi dris dhealgach ann nas mò do thaigh Israeil, no dris a bheir doilgheas, dhaibhsan uile mun cuairt a tha ri tàir orra; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna Dia.
25
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, nuair a thionaileas mise taigh Israeil o na cinnich am measg a bheil iad air an sgapadh, agus a bhios mi air mo naomhachadh annta an sealladh nan cinneach, an sin gabhaidh iad còmhnaidh nam fearann a thug mise dom òglach Iàcob.
26
Agus gabhaidh iad còmhnaidh ann gu tèarainte, agus togaidh iad taighean, agus suidhichidh iad fìonliosan: seadh, gabhaidh iad còmhnaidh le dànachd, nuair a nì mise breitheanas orrasan uile a tha a’ dèanamh tàir orra gach taobh mun cuairt dhaibh; agus aithnichidh iad gur mise Iehòbhah an Dia.
Eseciel 28:1
Eseciel 28:2
Eseciel 28:3
Eseciel 28:4
Eseciel 28:5
Eseciel 28:6
Eseciel 28:7
Eseciel 28:8
Eseciel 28:9
Eseciel 28:10
Eseciel 28:11
Eseciel 28:12
Eseciel 28:13
Eseciel 28:14
Eseciel 28:15
Eseciel 28:16
Eseciel 28:17
Eseciel 28:18
Eseciel 28:19
Eseciel 28:20
Eseciel 28:21
Eseciel 28:22
Eseciel 28:23
Eseciel 28:24
Eseciel 28:25
Eseciel 28:26
Eseciel 1 / Ese 1
Eseciel 2 / Ese 2
Eseciel 3 / Ese 3
Eseciel 4 / Ese 4
Eseciel 5 / Ese 5
Eseciel 6 / Ese 6
Eseciel 7 / Ese 7
Eseciel 8 / Ese 8
Eseciel 9 / Ese 9
Eseciel 10 / Ese 10
Eseciel 11 / Ese 11
Eseciel 12 / Ese 12
Eseciel 13 / Ese 13
Eseciel 14 / Ese 14
Eseciel 15 / Ese 15
Eseciel 16 / Ese 16
Eseciel 17 / Ese 17
Eseciel 18 / Ese 18
Eseciel 19 / Ese 19
Eseciel 20 / Ese 20
Eseciel 21 / Ese 21
Eseciel 22 / Ese 22
Eseciel 23 / Ese 23
Eseciel 24 / Ese 24
Eseciel 25 / Ese 25
Eseciel 26 / Ese 26
Eseciel 27 / Ese 27
Eseciel 28 / Ese 28
Eseciel 29 / Ese 29
Eseciel 30 / Ese 30
Eseciel 31 / Ese 31
Eseciel 32 / Ese 32
Eseciel 33 / Ese 33
Eseciel 34 / Ese 34
Eseciel 35 / Ese 35
Eseciel 36 / Ese 36
Eseciel 37 / Ese 37
Eseciel 38 / Ese 38
Eseciel 39 / Ese 39
Eseciel 40 / Ese 40
Eseciel 41 / Ese 41
Eseciel 42 / Ese 42
Eseciel 43 / Ese 43
Eseciel 44 / Ese 44
Eseciel 45 / Ese 45
Eseciel 46 / Ese 46
Eseciel 47 / Ese 47
Eseciel 48 / Ese 48