A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Eseciel 27

1
Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh,
2
A‑nis, a mhic an duine, tog suas tuireadh airson Thìruis;
3
Agus abair ri Tìrus, O thusa a tha air do shuidheachadh aig dol a‑steach na fairge, a tha nad cheannaiche don t‑sluagh airson mòran eileanan, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, O Thìorais, thubhairt thu, Tha mi ro‑sgiamhach.
4
Tha d’iomall ann am meadhon na fairge, rinn do luchd-togail do mhaise foirfe.
5
Rinn iad d’uile chlàir de chruinn-ghiuthais Shenir: thug iad seudair o Lebanon a dhèanamh chrann-siùil dhut.
6
De dharagan Bhasain rinn iad do ràimh: rinn cuideachd nan Asurach do thobhtachan de dheud-chnàimh o eileanan Chitim.
7
B’e anart grinn, le obair ghrèise on Eiphit, a sgaoil thu a‑mach gu bhith na sheòl dhut: b’e gorm agus purpar o eileanan Elisah an nì sin a sgeadaich thu.
8
B’iad luchd-àiteachaidh Shìdoin agus Arbhaid do mharaichean: b’iad do dhaoine glice a bha annad, O Thìrus, luchd-stiùraidh do loingeis.
9
B’iad seanairean Ghebail, agus a dhaoine glice, a bha agad nan luchd-calcaidh: bha loingeis na fairge gu lèir lem maraichean annad, a‑chum do mhalairt a mheudachadh.
10
B’iad muinntir Phersia, agus Luid, agus Phuit, d’fhir-chogaidh ann ad fheachd: chroch iad suas an sgiath agus a’ cheann-bheairt annad; chuir iad an cèill do mhaise.
11
Bha fir Arbhaid led fheachd air do bhallachan mun cuairt, agus bha na Gamadaich ann ad thùran: chroch iad an sgiathan air do bhallachan mun cuairt: rinn iad do mhaise foirfe.
12
B’i Tarsis do cheannaiche, do bhrìgh pailteas an uile stòrais; le airgead, iarann, stàn, agus luaidhe, rinn iad malairt ann ad mhargaidhean.
13
Iabhan, Tubal, agus Mesech, b’iadsan do cheannaichean: reic iad pearsannan dhaoine, agus soithichean umha ann ad mhargadh.
14
Rinn muinntir Thogarmah malairt ann ad mhargaidhean, le eich, agus le marc-shluagh, agus le muileidean.
15
B’iad fir Dhedain do cheannaichean, mòran eileanan malairt do làimhe: thug iad ad ionnsaigh mar thìodhlac adhaircean deud-chnàmh, agus eboni.
16
B’i Siria do cheannaiche airson lìonmhorachd nan obraichean a rinn thu: rinn iad malairt ann ad mhargaidhean le emeraild, purpar, agus obair ghrèise, agus anart grinn, agus coireal, agus agat.
17
B’iad Iùdah agus tìr Israeil do cheannaichean: reic iad ann ad mhargadh cruithneachd Mhinnit, agus pannag, agus mil, agus ola, agus ìocshlaint.
18
B’e Damascas do cheannaiche ann an lìonmhorachd nan obraichean a rinn thu, airson pailteas an uile shaoibhreis: ann am fìon Helboin, agus ann an olainn ghil.
19
Rinn Dan fòs, agus Iabhan, a’ dol air an ais agus air an aghaidh, malairt ann ad mhargaidhean: bha iarann obraichte, casia agus calamas ann ad mhargadh.
20
B’e Dedan do cheannaiche ann an aodaichean luachmhor airson charbad.
21
Rinn Aràbia agus uile phrionnsachan Chedair malairt riut ann an uain, agus ann an reitheachan, agus ann an gobhair: anns na nithean seo b’iad do luchd-malairt.
22
Ceannaichean Shèba agus Raamah, b’iadsan do cheannaichean: rinn iad malairt ann ad mhargadh le taghadh nan uile spìosraidh, agus leis na h‑uile chlachan luachmhor, agus le òr.
23
B’iad Haran agus Canneh, agus Eden, ceannaichean Shèba, Asuir, agus Chìlmaid, do cheannaichean-sa.
24
B’iad seo do luchd-malairt anns na h‑uile nithean, ann an aodaichean gorma, agus ann an obair ghrèise, agus ann an cisteachan de chulaidhean rìomhach, air an ceangal le cùird, agus dèante de sheudar, am measg do mhalairt.
25
Sheinn longan Tharsis mud thimcheall ann ad mhargadh; agus bha thu air do lìonadh, agus air do dhèanamh ro‑ghlòrmhor ann am meadhon nan cuantan.
26
Thug do ràmhaichean thu gu uisgeachan mòra: bhris a’ ghaoth an ear thu ann am meadhon na fairge.
27
Do shaoibhreas, agus do mhargadh, do mhalairt, do mharaichean, agus d’fhir-stiùraidh, do luchd-calcaidh, agus do luchd-malairt, agus d’uile luchd-cogaidh a tha annad, agus ann ad uile chuideachd a tha ann ad mheadhon, tuitidh ann am buillsgean na fairge, ann an là do sgrios.
28
Ri fuaim gaoir luchd-stiùraidh do loingeis, criothnaichidh na bailtean mun cuairt dhut.
29
Agus thig na h‑uile a ghlacas an ràmh, na maraichean, uile stiùradairean na fairge, a‑nuas on longan, seasaidh iad air a tìr.
30
Agus bheir iad air an guth gun cluinnear e os do chionn, agus glaodhaidh iad gu goirt, agus tilgidh iad suas duslach air an cinn, aornaganaidh iad iad fhèin anns an luaithre.
31
Agus nì iad iad fhèin uile maol air do shon, agus crioslaichidh iad iad fhèin ann an aodach-saic, agus guilidh iad air do shon le goirteas cridhe, le tuireadh geur.
32
Agus nan caoidh togaidh iad cumha air do shon, agus nì iad bròn os do chionn, ag ràdh, Cò a bu chosmhail ri Tìrus, a bu chosmhail rithese a tha millte ann am meadhon na fairge?
33
Nuair a chaidh d’obraichean a‑mach anns na fairgeachan, shàsaich thu iomadh sluagh; rinn thu beartach rìghrean na talmhainn le mòr-phailteas do shaoibhreis agus do mhalairt.
34
Anns an àm anns am brisear thu leis an fhairge ann an doimhneachd nan uisgeachan, tuitidh do cheannachd agus do chuideachd gu h‑iomlan ann ad mheadhon.
35
Bidh uamhas dod thaobh air uile luchd-àiteachaidh nan eilean, bidh eagal ro‑mhòr air an rìghrean, bidh an gnùis fo ghruaimean.
36
Nì na ceannaichean am measg nan cinneach sgeig ort; bidh tu ann ad uamhas, agus cha bhi thu ann nas mò gu bràth.
Eseciel 27:1
Eseciel 27:2
Eseciel 27:3
Eseciel 27:4
Eseciel 27:5
Eseciel 27:6
Eseciel 27:7
Eseciel 27:8
Eseciel 27:9
Eseciel 27:10
Eseciel 27:11
Eseciel 27:12
Eseciel 27:13
Eseciel 27:14
Eseciel 27:15
Eseciel 27:16
Eseciel 27:17
Eseciel 27:18
Eseciel 27:19
Eseciel 27:20
Eseciel 27:21
Eseciel 27:22
Eseciel 27:23
Eseciel 27:24
Eseciel 27:25
Eseciel 27:26
Eseciel 27:27
Eseciel 27:28
Eseciel 27:29
Eseciel 27:30
Eseciel 27:31
Eseciel 27:32
Eseciel 27:33
Eseciel 27:34
Eseciel 27:35
Eseciel 27:36
Eseciel 1 / Ese 1
Eseciel 2 / Ese 2
Eseciel 3 / Ese 3
Eseciel 4 / Ese 4
Eseciel 5 / Ese 5
Eseciel 6 / Ese 6
Eseciel 7 / Ese 7
Eseciel 8 / Ese 8
Eseciel 9 / Ese 9
Eseciel 10 / Ese 10
Eseciel 11 / Ese 11
Eseciel 12 / Ese 12
Eseciel 13 / Ese 13
Eseciel 14 / Ese 14
Eseciel 15 / Ese 15
Eseciel 16 / Ese 16
Eseciel 17 / Ese 17
Eseciel 18 / Ese 18
Eseciel 19 / Ese 19
Eseciel 20 / Ese 20
Eseciel 21 / Ese 21
Eseciel 22 / Ese 22
Eseciel 23 / Ese 23
Eseciel 24 / Ese 24
Eseciel 25 / Ese 25
Eseciel 26 / Ese 26
Eseciel 27 / Ese 27
Eseciel 28 / Ese 28
Eseciel 29 / Ese 29
Eseciel 30 / Ese 30
Eseciel 31 / Ese 31
Eseciel 32 / Ese 32
Eseciel 33 / Ese 33
Eseciel 34 / Ese 34
Eseciel 35 / Ese 35
Eseciel 36 / Ese 36
Eseciel 37 / Ese 37
Eseciel 38 / Ese 38
Eseciel 39 / Ese 39
Eseciel 40 / Ese 40
Eseciel 41 / Ese 41
Eseciel 42 / Ese 42
Eseciel 43 / Ese 43
Eseciel 44 / Ese 44
Eseciel 45 / Ese 45
Eseciel 46 / Ese 46
Eseciel 47 / Ese 47
Eseciel 48 / Ese 48