A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Ieremiah 6



1
Teichibh gu h‑iomlan, O mhaca Bheniàmin, a‑mach à meadhon Ierusaleim, agus ann an Tecòa sèidibh an trompaid; air Betacerem fòs cuiribh suas comharradh teine: oir dh’fhoillsicheadh olc on àird a tuath, agus dòrainn mhòr.
2
Cosmhail ri àite-ionaltraidh taitneach rinn mise nighean Shion.
3
Da h‑ionnsaigh thig na buachaillean len treudan: suidhichidh iad am pàilleanan na h‑aghaidh air gach taobh; ionaltraidh iad gach aon na àite fhèin.
4
Deasaichibh cogadh na h‑aghaidh. Eiribh, agus rachamaid suas mu mheadhon là. Mo thruaighe sinne! Oir tha an là air dol seachad; oir tha dubharan an anmoich air an sìneadh a‑mach.
5
Eiribh, agus rachamaid suas anns an oidhche, agus milleamaid a lùchairtean.
6
Oir mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Gearraibh sìos craobhan, agus tilgibh tòrr an aghaidh Ierusaleim: is i seo a’ chathair a tha gu bhith air a smachdachadh; is fòirneart i gu h‑iomlan an taobh a‑staigh dhith.
7
Amhail a chuireas tobar a‑mach uisgeachan, mar sin tha ise a’ cur a‑mach a droch-bheairt: tha ainneart agus creach ri chluinntinn innte: am làthair-sa a‑ghnàth tha bròn agus lotadh.
8
Gabh fòghlam, O Ierusaleim, air eagal gun dealaich m’anam riut; air eagal gun dèan mi fàsach dhìot, fearann neo-àitichte.
9
Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dìoghlamaidh iad gu buileach mar fhìonain iarmad Israeil: till air a h‑ais do làmh, mar fhear-tionail nam fìondhearcan gus na cliabhan.
10
Cò ris an labhair mi, agus don toir mi rabhadh, air chor is gun cluinn iad? Feuch, tha an cluas gun timcheall-ghearradh, agus chan urrainn iad èisdeachd: feuch, tha facal Iehòbhah dhaibhsan na mhasladh; chan eil tlachd aca ann.
11
Air an adhbhar sin tha mise làn de chorraich an Tighearna: tha mi sgìth ga cumail a‑steach: dòirtidh mi a‑mach i air a’ chloinn anns na sràidean, agus air an òigridh a tha cruinn le chèile: seadh, glacar am fear, agus fòs a’ bhean, an t‑aosda, maille ris an tì bhios làn de làithean.
12
Agus bheirear thairis an taighean do dhaoine eile, am fearann agus na mnathan mar an ceudna; oir sìnidh mise mo làmh a‑mach an aghaidh luchd-àiteachaidh na tìre, deir an Tighearna.
13
Oir on aon as lugha gus an aon as mò dhiubh, tha gach neach ga thoirt fhèin suas da ana-miannan; agus on fhàidh fòs gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge.
14
Leighis iad mar an ceudna lot nighean mo shluaigh-sa gu faoin, ag ràdh, Sìth, sìth; agus gun sìth ann.
15
An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha do ghabh iad nàire air aon chor; cha mhò a bha rudhadh air an gruaidh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc, tilgear sìos iad, deir an Tighearna.
16
Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte.
17
Chuir mi mar an ceudna luchd-faire os ur cionn, ag ràdh, Eisdibh ri fuam na trompaid. Ach thubhairt iadsan, Chan èisd sinn.
18
Uime sin cluinnibh, O fhineachan, is biodh fhios agaibh, O choitheanail; an nì sin a tha nam measg cluinn, O thalamh!
19
Feuch, bheir mise dòrainn air an t‑sluagh seo, toradh an smuaintean fhèin; a chionn nach tug iad èisdeachd dom bhriathran; agus a‑thaobh mo reachd, chuir iad eadhon cùl ris.
20
Cuime an tig thugamsa tùis o Shèba, agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad as? Chan eil ur tabhartasan-loisgte taitneach, cha mhò a tha tlachd agamsa nur n‑ìobairtean.
21
Air an adhbhar sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, leagaidh mi ceapan-tuislidh an rathad an t‑sluaigh seo, agus tuitidh na h‑athraichean agus na mic orra; an coimhearsnach agus a charaid bàsaichidh le chèile.
22
Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha sluagh a’ teachd o fhearann na h‑àird a tuath, agus dùisgear cinneach mòr o chrìochan na talmhainn.
23
Glacaidh iad am bogha agus an t‑sleagh: tha iad an‑iochdmhor, agus cha ghabh iad truas; beucaidh an guth mar an fhairge agus marcaichidh iad air eich, air an tarraing an òrdagh mar dhaoine gu cogadh ann ad aghaidh-sa, O nighean Shioin.
24
Chuala sinn iomradh air seo: dh’fhàs ar làmhan lag: tha goimh air dèanamh greim oirnn; pian, amhail mnà ri saothair chloinne.
25
Na rachaibh a‑mach don mhachair, na siùbhlaibh anns an t‑slighe; oir an sin tha claidheamh an nàmhaid, uamhas air gach taobh.
26
O nighean mo shluaigh, èid thu fhèin le aodach-saic, agus aornagain thu fhèin ann an luaithre: dèan caoidh mar airson aon mhic, cumha ro‑gheur: oir gu h‑obann thig an creachadair oirnn.
27
Shònraich mi thusa gu bhith ad bhaideal, ad dhaingneach am measg mo shluaigh; agus aithnichidh tu, agus dearbhaidh tu an slighe.
28
Tha iad uile nan daoine a thug barrachd ann an ceannairc, a’ gluasad gu cealgach: is umha agus iarann iad; an t‑iomlan dhiubh nan innealan truaillidheachd.
29
Loisgeadh na builg leis an teine, chaitheadh an luaithe; leagh am fear-leaghaidh gu dìomhain; oir chan eil iadsan a tha olc air an sgaradh air falbh:
30
Airgead nach fiù theirear riu, a chionn gun do chuir an Tighearna cùl riu.











Ieremiah 6:1
Ieremiah 6:2
Ieremiah 6:3
Ieremiah 6:4
Ieremiah 6:5
Ieremiah 6:6
Ieremiah 6:7
Ieremiah 6:8
Ieremiah 6:9
Ieremiah 6:10
Ieremiah 6:11
Ieremiah 6:12
Ieremiah 6:13
Ieremiah 6:14
Ieremiah 6:15
Ieremiah 6:16
Ieremiah 6:17
Ieremiah 6:18
Ieremiah 6:19
Ieremiah 6:20
Ieremiah 6:21
Ieremiah 6:22
Ieremiah 6:23
Ieremiah 6:24
Ieremiah 6:25
Ieremiah 6:26
Ieremiah 6:27
Ieremiah 6:28
Ieremiah 6:29
Ieremiah 6:30






Ieremiah 1 / Ier 1
Ieremiah 2 / Ier 2
Ieremiah 3 / Ier 3
Ieremiah 4 / Ier 4
Ieremiah 5 / Ier 5
Ieremiah 6 / Ier 6
Ieremiah 7 / Ier 7
Ieremiah 8 / Ier 8
Ieremiah 9 / Ier 9
Ieremiah 10 / Ier 10
Ieremiah 11 / Ier 11
Ieremiah 12 / Ier 12
Ieremiah 13 / Ier 13
Ieremiah 14 / Ier 14
Ieremiah 15 / Ier 15
Ieremiah 16 / Ier 16
Ieremiah 17 / Ier 17
Ieremiah 18 / Ier 18
Ieremiah 19 / Ier 19
Ieremiah 20 / Ier 20
Ieremiah 21 / Ier 21
Ieremiah 22 / Ier 22
Ieremiah 23 / Ier 23
Ieremiah 24 / Ier 24
Ieremiah 25 / Ier 25
Ieremiah 26 / Ier 26
Ieremiah 27 / Ier 27
Ieremiah 28 / Ier 28
Ieremiah 29 / Ier 29
Ieremiah 30 / Ier 30
Ieremiah 31 / Ier 31
Ieremiah 32 / Ier 32
Ieremiah 33 / Ier 33
Ieremiah 34 / Ier 34
Ieremiah 35 / Ier 35
Ieremiah 36 / Ier 36
Ieremiah 37 / Ier 37
Ieremiah 38 / Ier 38
Ieremiah 39 / Ier 39
Ieremiah 40 / Ier 40
Ieremiah 41 / Ier 41
Ieremiah 42 / Ier 42
Ieremiah 43 / Ier 43
Ieremiah 44 / Ier 44
Ieremiah 45 / Ier 45
Ieremiah 46 / Ier 46
Ieremiah 47 / Ier 47
Ieremiah 48 / Ier 48
Ieremiah 49 / Ier 49
Ieremiah 50 / Ier 50
Ieremiah 51 / Ier 51
Ieremiah 52 / Ier 52