Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
Ieremiah 5
1
Ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh air feadh sràidean Ierusaleim, agus faicibh a‑nis, agus biodh fhios agaibh, agus iarraibh na h‑ionadan farsaing, am faigh sibh aon duine, a bheil neach sam bith ann a tha a’ cur an gnìomh breitheanais, a tha ag iarraidh na fìrinn; agus bheir mise dhi maitheanas.
2
Ach ged their iad, Mar as beò an Tighearna, gu deimhinn tha iad a’ mionnachadh gu breugach.
3
O Thighearna, nach eil do shùilean-sa air an fhìrinn? Bhuail thu iad, ach cha do rinn iad bròn; chaith thu iad, ach dhiùlt iad gabhail ri smachdachadh; rinn iad an aghaidh nas cruaidhe na creag; dhiùlt iad tilleadh.
4
An sin thubhairt mise, Gu cinnteach is iad seo na daoine ìosal; tha iad gun chèill, a chionn nach aithne dhaibh slighe an Tighearna, breitheanas an Dè.
5
Ruigidh mi na daoine uasal agus labhraidh mi riùsan; oir is aithne dhaibhsan slighe an Tighearna, breitheanas an Dè. Ach spealg iad seo gu h‑iomlan a’ chuing, sgaoil iad as a chèile na cuibhrichean.
6
Uime sin nì leòmhann as a’ choille an sgrios, nì madadh-allaidh an fhàsaich am milleadh; nì liopard faire os cionn am bailtean: gach aon a thèid a‑mach asda reubar e na bhloighdean; a chionn gu bheil an lochdan lìonmhor, an cùl-sleamhnachadh minig.
7
Cionnas a mhaitheas mi seo dhut? Thrèig do chlann mise, agus mhionnaich iad orra sin nach eil idir nan diathan: nuair a shàsaich mise iad le lòn, an sin rinn iad adhaltranas, agus ann an taigh na strìopaich chruinnich iad nam buidhnean.
8
Bha iad mar òg‑eich bhiadhte anns a’ mhadainn; gach aon a’ sitrich an dèidh bean a choimhearsnaich.
9
Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc, deir an Tighearna; agus air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas?
10
Rachaibh-se suas air a ballachan, agus sgriosaibh; ach na dèanaibh crìoch iomlan: thugaibh air falbh a daingnichean, oir cha bhuin iad don Tighearna.
11
Oir bhuin taigh Israeil agus taigh Iùdah gu ro‑chealgach riumsa, deir an Tighearna.
12
Dh’àich iad an Tighearna, agus thubhairt iad, Chan e a tha ann; cha mhò a thig olc oirnn; agus an claidheamh no a’ ghort chan fhaic sinn.
13
Ach bidh na fàidhean mar ghaoith; agus chan eil am facal annta: mar seo nìthear orra fhèin.
14
Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh: A chionn gu bheil sibh a’ labhairt an fhacail seo, feuch, nì mise m’fhacal ann ad bheul-sa na theine, agus an sluagh seo nan connadh, agus loisgidh e suas iad.
15
Feuch, bheir mi nur n‑aghaidh cinneach o chèin, O thaigh Israeil, deir an Tighearna: is cinneach cumhachdach e, is cinneach ro‑shean e; cinneach nach aithne dhut an cainnt, cha mhò a thuigeas tu ciod a their iad.
16
Tha am balg-saighead mar uaigh fhosgailte; tha iad uile nan daoine treuna.
17
Agus caithidh iad d’fhogharadh agus d’aran; caithidh iad do mhic agus do nigheanan; caithidh iad do chaoraich agus do chrodh; caithidh iad d’fhìonainean agus do chroinn-fhìge; nì iad bochd leis a’ chlaidheamh na bailtean daingnichte anns an robh thu a’ cur do dhòchais.
18
Gidheadh anns na làithean sin, deir an Tighearna, cha toir mi crìoch iomlan oirbh.
19
Agus tàrlaidh, nuair a their sibh, Cuime an do rinn an Tighearna ar Dia rinn na nithean seo uile? An sin freagraidh tusa iad, Amhail a thrèig sibhse mise, is a rinn sibh seirbhis do dhiathan coimheach nur tìr, mar sin nì sibh seirbhis do choigrich ann an dùthaich nach leibh fhèin.
20
Innsibh-se seo ann an taigh Iàcoib, agus cuiribh an cèill e ann an Iùdah, ag ràdh,
21
Eisdibh seo a‑nis, O shluagh amaideach agus mhì-chèillidh, aig a bheil sùilean, ach nach faic; aig a bheil cluasan, ach nach cluinn.
22
Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?
23
Ach aig an t‑sluagh seo tha cridhe eas-umhail agus ceannairceach: chaidh iad air an ais, agus dh’imich iad air falbh.
24
Cha mhò a their iad nan cridhe, Biodh a‑nis eagal an Tighearna ar Dia oirnn, a tha a’ toirt araon a’ chiad uisge agus an uisge dheireannaich na àm fhèin; seachdainean suidhichte an fhogharaidh tha e a’ gleidheadh air ar son.
25
Thill ur n‑aingidheachd na nithean seo air falbh; agus chùm ur lochdan an nì a tha math air ais uaibh.
26
Oir gheibhear am measg mo shluaigh-sa droch dhaoine: tha iad ri feall-fhalach, mar neach a’ suidheachadh lìon; tha iad a’ leagadh ribe, tha iad a’ glacadh dhaoine.
27
Mar chliabh a tha làn eun, mar sin tha an taighean làn de cheilg: uime sin tha iad air fàs mòr, agus air cinntinn saoibhir.
28
Tha iad air fàs reamhar, tha iad dealrach: seadh, thug iad bàrr air gnìomharan nan aingidh: chan eil iad a’ toirt breith air a’ chùis, cùis an dìlleachdain, gidheadh tha iad a’ soirbheachadh; agus còir an uireasbhaich chan eil iad a’ seasamh.
29
Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc, deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas?
30
Tha nì uamhasach agus ro‑eagalach ga chur an gnìomh anns an tìr:
31
Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise?
Ieremiah 5:1
Ieremiah 5:2
Ieremiah 5:3
Ieremiah 5:4
Ieremiah 5:5
Ieremiah 5:6
Ieremiah 5:7
Ieremiah 5:8
Ieremiah 5:9
Ieremiah 5:10
Ieremiah 5:11
Ieremiah 5:12
Ieremiah 5:13
Ieremiah 5:14
Ieremiah 5:15
Ieremiah 5:16
Ieremiah 5:17
Ieremiah 5:18
Ieremiah 5:19
Ieremiah 5:20
Ieremiah 5:21
Ieremiah 5:22
Ieremiah 5:23
Ieremiah 5:24
Ieremiah 5:25
Ieremiah 5:26
Ieremiah 5:27
Ieremiah 5:28
Ieremiah 5:29
Ieremiah 5:30
Ieremiah 5:31
Ieremiah 1 / Ier 1
Ieremiah 2 / Ier 2
Ieremiah 3 / Ier 3
Ieremiah 4 / Ier 4
Ieremiah 5 / Ier 5
Ieremiah 6 / Ier 6
Ieremiah 7 / Ier 7
Ieremiah 8 / Ier 8
Ieremiah 9 / Ier 9
Ieremiah 10 / Ier 10
Ieremiah 11 / Ier 11
Ieremiah 12 / Ier 12
Ieremiah 13 / Ier 13
Ieremiah 14 / Ier 14
Ieremiah 15 / Ier 15
Ieremiah 16 / Ier 16
Ieremiah 17 / Ier 17
Ieremiah 18 / Ier 18
Ieremiah 19 / Ier 19
Ieremiah 20 / Ier 20
Ieremiah 21 / Ier 21
Ieremiah 22 / Ier 22
Ieremiah 23 / Ier 23
Ieremiah 24 / Ier 24
Ieremiah 25 / Ier 25
Ieremiah 26 / Ier 26
Ieremiah 27 / Ier 27
Ieremiah 28 / Ier 28
Ieremiah 29 / Ier 29
Ieremiah 30 / Ier 30
Ieremiah 31 / Ier 31
Ieremiah 32 / Ier 32
Ieremiah 33 / Ier 33
Ieremiah 34 / Ier 34
Ieremiah 35 / Ier 35
Ieremiah 36 / Ier 36
Ieremiah 37 / Ier 37
Ieremiah 38 / Ier 38
Ieremiah 39 / Ier 39
Ieremiah 40 / Ier 40
Ieremiah 41 / Ier 41
Ieremiah 42 / Ier 42
Ieremiah 43 / Ier 43
Ieremiah 44 / Ier 44
Ieremiah 45 / Ier 45
Ieremiah 46 / Ier 46
Ieremiah 47 / Ier 47
Ieremiah 48 / Ier 48
Ieremiah 49 / Ier 49
Ieremiah 50 / Ier 50
Ieremiah 51 / Ier 51
Ieremiah 52 / Ier 52