1 |
Ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh air feadh sràidean Ierusaleim, agus faicibh a‑nis, agus biodh fhios agaibh, agus iarraibh na h‑ionadan farsaing, am faigh sibh aon duine, a bheil neach sam bith ann a tha a’ cur an gnìomh breitheanais, a tha ag iarraidh na fìrinn; agus bheir mise dhi maitheanas. |
2 |
Ach ged their iad, Mar as beò an Tighearna, gu deimhinn tha iad a’ mionnachadh gu breugach. |
3 |
O Thighearna, nach eil do shùilean-sa air an fhìrinn? Bhuail thu iad, ach cha do rinn iad bròn; chaith thu iad, ach dhiùlt iad gabhail ri smachdachadh; rinn iad an aghaidh nas cruaidhe na creag; dhiùlt iad tilleadh. |
4 |
An sin thubhairt mise, Gu cinnteach is iad seo na daoine ìosal; tha iad gun chèill, a chionn nach aithne dhaibh slighe an Tighearna, breitheanas an Dè. |
5 |
Ruigidh mi na daoine uasal agus labhraidh mi riùsan; oir is aithne dhaibhsan slighe an Tighearna, breitheanas an Dè. Ach spealg iad seo gu h‑iomlan a’ chuing, sgaoil iad as a chèile na cuibhrichean. |
6 |
Uime sin nì leòmhann as a’ choille an sgrios, nì madadh-allaidh an fhàsaich am milleadh; nì liopard faire os cionn am bailtean: gach aon a thèid a‑mach asda reubar e na bhloighdean; a chionn gu bheil an lochdan lìonmhor, an cùl-sleamhnachadh minig. |
7 |
Cionnas a mhaitheas mi seo dhut? Thrèig do chlann mise, agus mhionnaich iad orra sin nach eil idir nan diathan: nuair a shàsaich mise iad le lòn, an sin rinn iad adhaltranas, agus ann an taigh na strìopaich chruinnich iad nam buidhnean. |
8 |
Bha iad mar òg‑eich bhiadhte anns a’ mhadainn; gach aon a’ sitrich an dèidh bean a choimhearsnaich. |
9 |
Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc, deir an Tighearna; agus air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas? |
10 |
Rachaibh-se suas air a ballachan, agus sgriosaibh; ach na dèanaibh crìoch iomlan: thugaibh air falbh a daingnichean, oir cha bhuin iad don Tighearna. |
11 |
Oir bhuin taigh Israeil agus taigh Iùdah gu ro‑chealgach riumsa, deir an Tighearna. |
12 |
Dh’àich iad an Tighearna, agus thubhairt iad, Chan e a tha ann; cha mhò a thig olc oirnn; agus an claidheamh no a’ ghort chan fhaic sinn. |
13 |
Ach bidh na fàidhean mar ghaoith; agus chan eil am facal annta: mar seo nìthear orra fhèin. |
14 |
Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh: A chionn gu bheil sibh a’ labhairt an fhacail seo, feuch, nì mise m’fhacal ann ad bheul-sa na theine, agus an sluagh seo nan connadh, agus loisgidh e suas iad. |
15 |
Feuch, bheir mi nur n‑aghaidh cinneach o chèin, O thaigh Israeil, deir an Tighearna: is cinneach cumhachdach e, is cinneach ro‑shean e; cinneach nach aithne dhut an cainnt, cha mhò a thuigeas tu ciod a their iad. |
16 |
Tha am balg-saighead mar uaigh fhosgailte; tha iad uile nan daoine treuna. |
17 |
Agus caithidh iad d’fhogharadh agus d’aran; caithidh iad do mhic agus do nigheanan; caithidh iad do chaoraich agus do chrodh; caithidh iad d’fhìonainean agus do chroinn-fhìge; nì iad bochd leis a’ chlaidheamh na bailtean daingnichte anns an robh thu a’ cur do dhòchais. |
18 |
Gidheadh anns na làithean sin, deir an Tighearna, cha toir mi crìoch iomlan oirbh. |
19 |
Agus tàrlaidh, nuair a their sibh, Cuime an do rinn an Tighearna ar Dia rinn na nithean seo uile? An sin freagraidh tusa iad, Amhail a thrèig sibhse mise, is a rinn sibh seirbhis do dhiathan coimheach nur tìr, mar sin nì sibh seirbhis do choigrich ann an dùthaich nach leibh fhèin. |
20 |
Innsibh-se seo ann an taigh Iàcoib, agus cuiribh an cèill e ann an Iùdah, ag ràdh, |
21 |
Eisdibh seo a‑nis, O shluagh amaideach agus mhì-chèillidh, aig a bheil sùilean, ach nach faic; aig a bheil cluasan, ach nach cluinn. |
22 |
Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide? |
23 |
Ach aig an t‑sluagh seo tha cridhe eas-umhail agus ceannairceach: chaidh iad air an ais, agus dh’imich iad air falbh. |
24 |
Cha mhò a their iad nan cridhe, Biodh a‑nis eagal an Tighearna ar Dia oirnn, a tha a’ toirt araon a’ chiad uisge agus an uisge dheireannaich na àm fhèin; seachdainean suidhichte an fhogharaidh tha e a’ gleidheadh air ar son. |
25 |
Thill ur n‑aingidheachd na nithean seo air falbh; agus chùm ur lochdan an nì a tha math air ais uaibh. |
26 |
Oir gheibhear am measg mo shluaigh-sa droch dhaoine: tha iad ri feall-fhalach, mar neach a’ suidheachadh lìon; tha iad a’ leagadh ribe, tha iad a’ glacadh dhaoine. |
27 |
Mar chliabh a tha làn eun, mar sin tha an taighean làn de cheilg: uime sin tha iad air fàs mòr, agus air cinntinn saoibhir. |
28 |
Tha iad air fàs reamhar, tha iad dealrach: seadh, thug iad bàrr air gnìomharan nan aingidh: chan eil iad a’ toirt breith air a’ chùis, cùis an dìlleachdain, gidheadh tha iad a’ soirbheachadh; agus còir an uireasbhaich chan eil iad a’ seasamh. |
29 |
Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc, deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas? |
30 |
Tha nì uamhasach agus ro‑eagalach ga chur an gnìomh anns an tìr: |
31 |
Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise?
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Ieremiah 5:1 |
Ieremiah 5:2 |
Ieremiah 5:3 |
Ieremiah 5:4 |
Ieremiah 5:5 |
Ieremiah 5:6 |
Ieremiah 5:7 |
Ieremiah 5:8 |
Ieremiah 5:9 |
Ieremiah 5:10 |
Ieremiah 5:11 |
Ieremiah 5:12 |
Ieremiah 5:13 |
Ieremiah 5:14 |
Ieremiah 5:15 |
Ieremiah 5:16 |
Ieremiah 5:17 |
Ieremiah 5:18 |
Ieremiah 5:19 |
Ieremiah 5:20 |
Ieremiah 5:21 |
Ieremiah 5:22 |
Ieremiah 5:23 |
Ieremiah 5:24 |
Ieremiah 5:25 |
Ieremiah 5:26 |
Ieremiah 5:27 |
Ieremiah 5:28 |
Ieremiah 5:29 |
Ieremiah 5:30 |
Ieremiah 5:31 |
|
|
|
|
|
|
Ieremiah 1 / Ier 1 |
Ieremiah 2 / Ier 2 |
Ieremiah 3 / Ier 3 |
Ieremiah 4 / Ier 4 |
Ieremiah 5 / Ier 5 |
Ieremiah 6 / Ier 6 |
Ieremiah 7 / Ier 7 |
Ieremiah 8 / Ier 8 |
Ieremiah 9 / Ier 9 |
Ieremiah 10 / Ier 10 |
Ieremiah 11 / Ier 11 |
Ieremiah 12 / Ier 12 |
Ieremiah 13 / Ier 13 |
Ieremiah 14 / Ier 14 |
Ieremiah 15 / Ier 15 |
Ieremiah 16 / Ier 16 |
Ieremiah 17 / Ier 17 |
Ieremiah 18 / Ier 18 |
Ieremiah 19 / Ier 19 |
Ieremiah 20 / Ier 20 |
Ieremiah 21 / Ier 21 |
Ieremiah 22 / Ier 22 |
Ieremiah 23 / Ier 23 |
Ieremiah 24 / Ier 24 |
Ieremiah 25 / Ier 25 |
Ieremiah 26 / Ier 26 |
Ieremiah 27 / Ier 27 |
Ieremiah 28 / Ier 28 |
Ieremiah 29 / Ier 29 |
Ieremiah 30 / Ier 30 |
Ieremiah 31 / Ier 31 |
Ieremiah 32 / Ier 32 |
Ieremiah 33 / Ier 33 |
Ieremiah 34 / Ier 34 |
Ieremiah 35 / Ier 35 |
Ieremiah 36 / Ier 36 |
Ieremiah 37 / Ier 37 |
Ieremiah 38 / Ier 38 |
Ieremiah 39 / Ier 39 |
Ieremiah 40 / Ier 40 |
Ieremiah 41 / Ier 41 |
Ieremiah 42 / Ier 42 |
Ieremiah 43 / Ier 43 |
Ieremiah 44 / Ier 44 |
Ieremiah 45 / Ier 45 |
Ieremiah 46 / Ier 46 |
Ieremiah 47 / Ier 47 |
Ieremiah 48 / Ier 48 |
Ieremiah 49 / Ier 49 |
Ieremiah 50 / Ier 50 |
Ieremiah 51 / Ier 51 |
Ieremiah 52 / Ier 52 |