A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Ieremiah 15



1
An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh.
2
Agus tàrlaidh, mar a their iad riut, Càit an siubhail sinn air falbh? An sin their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, Iadsan a tha airson bàis, a‑chum bàis; agus iadsan a tha airson a’ chlaidheimh, a‑chum a’ chlaidheimh; agus iadsan a tha airson na gorta, a-chum na gorta; agus iadsan a tha airson na bruid, a‑chum braighdeanais.
3
Agus òrdaichidh mise os an cionn ceithir seòrsan, deir an Tighearna; an claidheamh gu marbhadh, agus na coin gu reubadh, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, gu ithe agus gu milleadh.
4
Agus fuadaichidh mi iad air feadh uile rìoghachdan an domhain, airson Mhanaseh mhic Heseciah, rìgh Iùdah, airson nan nithean sin a rinn e ann an Ierusalem.
5
Oir cò a ghabhas truas dhìot, O Ierusaleim? No cò a nì bròn leat? No cò a thèid a lethtaobh, a dh’fheòrach cionnas a tha thu?
6
Thrèig thu mise, deir an Tighearna, chaidh thu air d’ais; air an adhbhar sin, sìnidh mise mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus sgriosaidh mi thu; tha mi sgìth de ghabhail aithreachais.
7
Uime sin dh’fhuadaich mi iad le inneal-fasgnaidh ann an geatachan na tìre: dh’fhàg mi gun chlann, sgrios mi mo shluagh; on slighean cha do thill iad.
8
Rinneadh am bantraichean na bu lìonmhoire leamsa na gaineamh na fairge: thug mi an aghaidh na màthar agus nam mac fear-millidh ann am meadhon an là: thug mi air nàmhaid agus air uamhasan bualadh oirre gu h‑obann.
9
Dh’fhannaich ise a rug seachdnar, thug i suas an deò; chaidh a grian sìos am feadh a bha fhathast an là ann; nàraicheadh agus mhaslaicheadh i: agus na mhaireas dhiubh bheir mise don chlaidheamh ann am fianais an naimhdean, deir an Tighearna.
10
Mo thruaighe mise, O mo mhàthair! Oir rug thu mi am fhear-strì, agus am fhear-connsachaidh anns an fhearann uile; cha tug mi seachad air ocar, cha mhò a thug aon neach air ocar dhomh; gidheadh tha iad uile gam mhallachadh.
11
Thubhairt an Tighearna, Gu cinnteach èiridh gu math dod iarmaid; gu cinnteach bheir mi air an nàmhaid a bhith bàidheil riut ann an àm na h‑airce, agus ann an àm a’ chruaidh-chàis.
12
Am bris esan iarann na bhloighdean, iarann o thuath, agus umha?
13
Do mhaoin agus d’ionmhasan bheir mise mar chreich, chan ann airson luach, ach airson d’uile lochdan; seadh ann ad uile chrìochan.
14
Agus bheir mi orra siubhal air falbh led naimhdean gu fearann air nach robh thu eòlach; oir tha teine air fhadadh ann am fheirg, agus lasaidh e nur n‑aghaidh.
15
Agadsa tha fhios, O Thighearna; cuimhnich ormsa, agus thig gam amharc, agus thoir dhomh aichmheil air mo luchd-tòrachd; ann am buanas d’fheirge na toir air falbh mi; thoir fa‑near gun d’fhuiling mi masladh air do sgàth.
16
Fhuaireadh do bhriathran, agus dh’ith mi suas iad; agus bha d’fhacal dhomh na aoibhneas, agus na ghàirdeachas dom chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehòbhah, Dhia nan sluagh.
17
Cha do shuidh mi ann an cuideachd luchd-fochaid, cha mhò a bha mi subhach; airson do làimh-sa shuidh mi ann am aonar; a chionn gun do lìon thusa mi le boile.
18
Cuime a bheil mo ghoimh gun lasachadh? Agus mo chreuchd bàsmhor, a’ diùltadh a bhith air a leigheas? Carson a bhios tusa dhomh uile gu lèir amhail sruthan mealltach, as nach faodar earbsa?
19
Uime sin mar seo deir an Tighearna, Ma thilleas tu, an sin bheir mise air d’ais thu, agus seasaidh tu ann am làthair; agus ma sgaras tu an luachmhor on nì nach fiù, mar mo bheul-sa bidh tu: tillidh iad seo riutsa, ach cha till thusa riùsan.
20
Agus nì mise dhìot, an aghaidh an t‑sluaigh seo, balla làidir umha; nuair a chathaicheas iad ad aghaidh, cha toir iad buaidh ort: oir tha mise maille riut, a‑chum do dhìon, agus a‑chum do thèarnadh, deir an Tighearna.
21
Agus saoraidh mi thu o làimh nan aingidh, agus fuasglaidh mi thu o ghreim nan uamhasach.











Ieremiah 15:1
Ieremiah 15:2
Ieremiah 15:3
Ieremiah 15:4
Ieremiah 15:5
Ieremiah 15:6
Ieremiah 15:7
Ieremiah 15:8
Ieremiah 15:9
Ieremiah 15:10
Ieremiah 15:11
Ieremiah 15:12
Ieremiah 15:13
Ieremiah 15:14
Ieremiah 15:15
Ieremiah 15:16
Ieremiah 15:17
Ieremiah 15:18
Ieremiah 15:19
Ieremiah 15:20
Ieremiah 15:21






Ieremiah 1 / Ier 1
Ieremiah 2 / Ier 2
Ieremiah 3 / Ier 3
Ieremiah 4 / Ier 4
Ieremiah 5 / Ier 5
Ieremiah 6 / Ier 6
Ieremiah 7 / Ier 7
Ieremiah 8 / Ier 8
Ieremiah 9 / Ier 9
Ieremiah 10 / Ier 10
Ieremiah 11 / Ier 11
Ieremiah 12 / Ier 12
Ieremiah 13 / Ier 13
Ieremiah 14 / Ier 14
Ieremiah 15 / Ier 15
Ieremiah 16 / Ier 16
Ieremiah 17 / Ier 17
Ieremiah 18 / Ier 18
Ieremiah 19 / Ier 19
Ieremiah 20 / Ier 20
Ieremiah 21 / Ier 21
Ieremiah 22 / Ier 22
Ieremiah 23 / Ier 23
Ieremiah 24 / Ier 24
Ieremiah 25 / Ier 25
Ieremiah 26 / Ier 26
Ieremiah 27 / Ier 27
Ieremiah 28 / Ier 28
Ieremiah 29 / Ier 29
Ieremiah 30 / Ier 30
Ieremiah 31 / Ier 31
Ieremiah 32 / Ier 32
Ieremiah 33 / Ier 33
Ieremiah 34 / Ier 34
Ieremiah 35 / Ier 35
Ieremiah 36 / Ier 36
Ieremiah 37 / Ier 37
Ieremiah 38 / Ier 38
Ieremiah 39 / Ier 39
Ieremiah 40 / Ier 40
Ieremiah 41 / Ier 41
Ieremiah 42 / Ier 42
Ieremiah 43 / Ier 43
Ieremiah 44 / Ier 44
Ieremiah 45 / Ier 45
Ieremiah 46 / Ier 46
Ieremiah 47 / Ier 47
Ieremiah 48 / Ier 48
Ieremiah 49 / Ier 49
Ieremiah 50 / Ier 50
Ieremiah 51 / Ier 51
Ieremiah 52 / Ier 52