A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Isaiah 24



1
Feuch, tha an Tighearna a’ dèanamh an fhearainn falamh, agus ga chur fàs; tha e ga thionndadh bun-os‑cionn, agus a’ sgapadh a luchd-àiteachaidh.
2
Agus tàrlaidh, mar a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart; mar a bhios an t‑òglach, mar sin bidh a mhaighistir; mar a bhios a’ bhanoglach, mar sin bidh a bana-mhaighistir; mar a bhios an ceannaiche, mar sin bidh am fear-reic; mar a bhios esan a bheir iasad, mar sin bidh esan a ghabhas iasad; mar a bhios am fear a ghabhas riadh, mar sin bidh am fear a bheir riadh uaithe.
3
Nìthear an tìr gu tur falamh, agus creachar i gu buileach; oir labhair an Tighearna am briathar seo.
4
Tha an tìr ri caoidh agus a’ seargadh; tha an saoghal air lagachadh agus a’ seargadh; tha uaislean na tìre air lagachadh.
5
Tha an tìr eadhon air a truailleadh fo a luchd-àiteachaidh; oir bhris iad an reachd, dh’atharraich iad an t‑òrdagh; sgaoil iad an coicheangal sìorraidh.
6
Air an adhbhar sin dh’ith mallachd suas an tìr, agus tha a luchd-àiteachaidh air am fàsachadh; uime sin tha luchd-àiteachaidh na tìre air an losgadh suas, agus is tearc an dream a dh’fhàgadh.
7
Tha am fìon nuadh ri caoidh, tha an fhìonain lag, tha luchd a’ chridhe aoibhinn uile ag osnaich.
8
Sguir fuaim aighearach nan tiompan; theirig luathghaire na muinntir a bha ri gàirdeachas; sguir aighear na clàrsaich.
9
Chan òl iad fìon le ceòl; bidh deoch làidir searbh dhaibhsan a dh’òlas i.
10
Tha cathair na mì‑riaghailt air a briseadh sìos; tha gach taigh air a dhruideadh suas, air chor is nach faod aon neach dol a‑steach.
11
Tha gaoir anns gach sràid airson fìona; dhorchaicheadh gach aighear; shiubhail gàirdeachas an fhearainn air falbh.
12
Dh’fhàgadh lèir-chreach anns a’ bhaile, agus le buaireas bhriseadh sìos an geata.
13
Nuair a bhios e mar seo ann am meadhon na tìre, am measg an t‑sluaigh, bidh amhail crathadh a’ chroinn-ola, agus mar an dìoghlam nuair a chrìochnaichear am fìon-fhogharaidh.
14
Togaidh iadsan an guth, cliùthaichidh iad gu h‑àrd mòrachd an Tighearna; nì iad iolach on fhairge.
15
Uime sin anns an teine glòraichibh an Tighearna; eadhon ainm an Tighearna, Dia Israeil, ann an eileanan a’ chuain.
16
O iomall na talmhainn chuala sinn òrain, eadhon glòir don fhìrean; ach thubhairt mise, Mo chaoile, mo chaoile, mo thruaighe mi! Tha na mealltairean a’ mealladh, seadh le foill tha na mealltairean a’ mealladh.
17
Tha an t‑uamhas, agus an sloc, agus an ribe ort, O fhir-àiteachaidh na tìre.
18
Agus tàrlaidh, esan a theicheas o ghuth an uamhais, gun tuit e anns an t‑sloc; agus esan a thig a‑nìos o mheadhon an t‑sluic, gun glacar anns an ribe e; oir tha na tuil-dhorsan on àird air am fosgladh; agus tha bunaitean na talmhainn air an luasgadh.
19
Tha an tìr gu tur air a briseadh sìos; tha an tìr air a sgaoileadh gu buileach as a chèile; tha an tìr air a luasgadh gu garbh.
20
Bidh an tìr a’ gluasad thuige agus uaithe mar mhisgear; agus atharraichear i mar bhothan-tàimh: oir laighidh a h‑aingidheachd gu trom oirre; agus tuitidh i, agus chan èirich i nas mò.
21
Agus tàrlaidh anns an là sin gun smachdaich an Tighearna na daoine àrda a tha shuas, agus rìghrean na talmhainn air an talamh.
22
Agus cruinnichear iad ri chèile, mar a chruinnichear prìosanaich ann an sloc; agus druidear suas iad mar ann am prìosan; agus an dèidh mòran làithean fiosraichear iad.
23
An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.











Isaiah 24:1

Isaiah 24:2

Isaiah 24:3

Isaiah 24:4

Isaiah 24:5

Isaiah 24:6

Isaiah 24:7

Isaiah 24:8

Isaiah 24:9

Isaiah 24:10

Isaiah 24:11

Isaiah 24:12

Isaiah 24:13

Isaiah 24:14

Isaiah 24:15

Isaiah 24:16

Isaiah 24:17

Isaiah 24:18

Isaiah 24:19

Isaiah 24:20

Isaiah 24:21

Isaiah 24:22

Isaiah 24:23







Isaiah 1 / Isa 1

Isaiah 2 / Isa 2

Isaiah 3 / Isa 3

Isaiah 4 / Isa 4

Isaiah 5 / Isa 5

Isaiah 6 / Isa 6

Isaiah 7 / Isa 7

Isaiah 8 / Isa 8

Isaiah 9 / Isa 9

Isaiah 10 / Isa 10

Isaiah 11 / Isa 11

Isaiah 12 / Isa 12

Isaiah 13 / Isa 13

Isaiah 14 / Isa 14

Isaiah 15 / Isa 15

Isaiah 16 / Isa 16

Isaiah 17 / Isa 17

Isaiah 18 / Isa 18

Isaiah 19 / Isa 19

Isaiah 20 / Isa 20

Isaiah 21 / Isa 21

Isaiah 22 / Isa 22

Isaiah 23 / Isa 23

Isaiah 24 / Isa 24

Isaiah 25 / Isa 25

Isaiah 26 / Isa 26

Isaiah 27 / Isa 27

Isaiah 28 / Isa 28

Isaiah 29 / Isa 29

Isaiah 30 / Isa 30

Isaiah 31 / Isa 31

Isaiah 32 / Isa 32

Isaiah 33 / Isa 33

Isaiah 34 / Isa 34

Isaiah 35 / Isa 35

Isaiah 36 / Isa 36

Isaiah 37 / Isa 37

Isaiah 38 / Isa 38

Isaiah 39 / Isa 39

Isaiah 40 / Isa 40

Isaiah 41 / Isa 41

Isaiah 42 / Isa 42

Isaiah 43 / Isa 43

Isaiah 44 / Isa 44

Isaiah 45 / Isa 45

Isaiah 46 / Isa 46

Isaiah 47 / Isa 47

Isaiah 48 / Isa 48

Isaiah 49 / Isa 49

Isaiah 50 / Isa 50

Isaiah 51 / Isa 51

Isaiah 52 / Isa 52

Isaiah 53 / Isa 53

Isaiah 54 / Isa 54

Isaiah 55 / Isa 55

Isaiah 56 / Isa 56

Isaiah 57 / Isa 57

Isaiah 58 / Isa 58

Isaiah 59 / Isa 59

Isaiah 60 / Isa 60

Isaiah 61 / Isa 61

Isaiah 62 / Isa 62

Isaiah 63 / Isa 63

Isaiah 64 / Isa 64

Isaiah 65 / Isa 65

Isaiah 66 / Isa 66