1 |
Feuch, tha an Tighearna a’ dèanamh an fhearainn falamh, agus ga chur fàs; tha e ga thionndadh bun-os‑cionn, agus a’ sgapadh a luchd-àiteachaidh. |
2 |
Agus tàrlaidh, mar a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart; mar a bhios an t‑òglach, mar sin bidh a mhaighistir; mar a bhios a’ bhanoglach, mar sin bidh a bana-mhaighistir; mar a bhios an ceannaiche, mar sin bidh am fear-reic; mar a bhios esan a bheir iasad, mar sin bidh esan a ghabhas iasad; mar a bhios am fear a ghabhas riadh, mar sin bidh am fear a bheir riadh uaithe. |
3 |
Nìthear an tìr gu tur falamh, agus creachar i gu buileach; oir labhair an Tighearna am briathar seo. |
4 |
Tha an tìr ri caoidh agus a’ seargadh; tha an saoghal air lagachadh agus a’ seargadh; tha uaislean na tìre air lagachadh. |
5 |
Tha an tìr eadhon air a truailleadh fo a luchd-àiteachaidh; oir bhris iad an reachd, dh’atharraich iad an t‑òrdagh; sgaoil iad an coicheangal sìorraidh. |
6 |
Air an adhbhar sin dh’ith mallachd suas an tìr, agus tha a luchd-àiteachaidh air am fàsachadh; uime sin tha luchd-àiteachaidh na tìre air an losgadh suas, agus is tearc an dream a dh’fhàgadh. |
7 |
Tha am fìon nuadh ri caoidh, tha an fhìonain lag, tha luchd a’ chridhe aoibhinn uile ag osnaich. |
8 |
Sguir fuaim aighearach nan tiompan; theirig luathghaire na muinntir a bha ri gàirdeachas; sguir aighear na clàrsaich. |
9 |
Chan òl iad fìon le ceòl; bidh deoch làidir searbh dhaibhsan a dh’òlas i. |
10 |
Tha cathair na mì‑riaghailt air a briseadh sìos; tha gach taigh air a dhruideadh suas, air chor is nach faod aon neach dol a‑steach. |
11 |
Tha gaoir anns gach sràid airson fìona; dhorchaicheadh gach aighear; shiubhail gàirdeachas an fhearainn air falbh. |
12 |
Dh’fhàgadh lèir-chreach anns a’ bhaile, agus le buaireas bhriseadh sìos an geata. |
13 |
Nuair a bhios e mar seo ann am meadhon na tìre, am measg an t‑sluaigh, bidh amhail crathadh a’ chroinn-ola, agus mar an dìoghlam nuair a chrìochnaichear am fìon-fhogharaidh. |
14 |
Togaidh iadsan an guth, cliùthaichidh iad gu h‑àrd mòrachd an Tighearna; nì iad iolach on fhairge. |
15 |
Uime sin anns an teine glòraichibh an Tighearna; eadhon ainm an Tighearna, Dia Israeil, ann an eileanan a’ chuain. |
16 |
O iomall na talmhainn chuala sinn òrain, eadhon glòir don fhìrean; ach thubhairt mise, Mo chaoile, mo chaoile, mo thruaighe mi! Tha na mealltairean a’ mealladh, seadh le foill tha na mealltairean a’ mealladh. |
17 |
Tha an t‑uamhas, agus an sloc, agus an ribe ort, O fhir-àiteachaidh na tìre. |
18 |
Agus tàrlaidh, esan a theicheas o ghuth an uamhais, gun tuit e anns an t‑sloc; agus esan a thig a‑nìos o mheadhon an t‑sluic, gun glacar anns an ribe e; oir tha na tuil-dhorsan on àird air am fosgladh; agus tha bunaitean na talmhainn air an luasgadh. |
19 |
Tha an tìr gu tur air a briseadh sìos; tha an tìr air a sgaoileadh gu buileach as a chèile; tha an tìr air a luasgadh gu garbh. |
20 |
Bidh an tìr a’ gluasad thuige agus uaithe mar mhisgear; agus atharraichear i mar bhothan-tàimh: oir laighidh a h‑aingidheachd gu trom oirre; agus tuitidh i, agus chan èirich i nas mò. |
21 |
Agus tàrlaidh anns an là sin gun smachdaich an Tighearna na daoine àrda a tha shuas, agus rìghrean na talmhainn air an talamh. |
22 |
Agus cruinnichear iad ri chèile, mar a chruinnichear prìosanaich ann an sloc; agus druidear suas iad mar ann am prìosan; agus an dèidh mòran làithean fiosraichear iad. |
23 |
An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.
|
Mossi SSDC 1998 |
© 1998 Alliance Biblique du Burkina Faso |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Isaiah 24:1 |
Isaiah 24:2 |
Isaiah 24:3 |
Isaiah 24:4 |
Isaiah 24:5 |
Isaiah 24:6 |
Isaiah 24:7 |
Isaiah 24:8 |
Isaiah 24:9 |
Isaiah 24:10 |
Isaiah 24:11 |
Isaiah 24:12 |
Isaiah 24:13 |
Isaiah 24:14 |
Isaiah 24:15 |
Isaiah 24:16 |
Isaiah 24:17 |
Isaiah 24:18 |
Isaiah 24:19 |
Isaiah 24:20 |
Isaiah 24:21 |
Isaiah 24:22 |
Isaiah 24:23 |
|
|
|
|
|
|
Isaiah 1 / 1 |
Isaiah 2 / 2 |
Isaiah 3 / 3 |
Isaiah 4 / 4 |
Isaiah 5 / 5 |
Isaiah 6 / 6 |
Isaiah 7 / 7 |
Isaiah 8 / 8 |
Isaiah 9 / 9 |
Isaiah 10 / 10 |
Isaiah 11 / 11 |
Isaiah 12 / 12 |
Isaiah 13 / 13 |
Isaiah 14 / 14 |
Isaiah 15 / 15 |
Isaiah 16 / 16 |
Isaiah 17 / 17 |
Isaiah 18 / 18 |
Isaiah 19 / 19 |
Isaiah 20 / 20 |
Isaiah 21 / 21 |
Isaiah 22 / 22 |
Isaiah 23 / 23 |
Isaiah 24 / 24 |
Isaiah 25 / 25 |
Isaiah 26 / 26 |
Isaiah 27 / 27 |
Isaiah 28 / 28 |
Isaiah 29 / 29 |
Isaiah 30 / 30 |
Isaiah 31 / 31 |
Isaiah 32 / 32 |
Isaiah 33 / 33 |
Isaiah 34 / 34 |
Isaiah 35 / 35 |
Isaiah 36 / 36 |
Isaiah 37 / 37 |
Isaiah 38 / 38 |
Isaiah 39 / 39 |
Isaiah 40 / 40 |
Isaiah 41 / 41 |
Isaiah 42 / 42 |
Isaiah 43 / 43 |
Isaiah 44 / 44 |
Isaiah 45 / 45 |
Isaiah 46 / 46 |
Isaiah 47 / 47 |
Isaiah 48 / 48 |
Isaiah 49 / 49 |
Isaiah 50 / 50 |
Isaiah 51 / 51 |
Isaiah 52 / 52 |
Isaiah 53 / 53 |
Isaiah 54 / 54 |
Isaiah 55 / 55 |
Isaiah 56 / 56 |
Isaiah 57 / 57 |
Isaiah 58 / 58 |
Isaiah 59 / 59 |
Isaiah 60 / 60 |
Isaiah 61 / 61 |
Isaiah 62 / 62 |
Isaiah 63 / 63 |
Isaiah 64 / 64 |
Isaiah 65 / 65 |
Isaiah 66 / 66 |