A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Isaiah 23



1
Trom-eallach Thìruis. Dèanaibh caoineadh, a longan Tharsis; oir sgriosadh i gu tur, ionnas nach eil taigh no fàrdach innte: o thalamh Chitim dh’fhoillsicheadh dhaibh e.
2
Bithibh tosdach, a luchd-àiteachaidh an eilein: lìonadh thu le ceannaichean Shìdoin, a tha a’ siubhal thar cuan.
3
Agus sìol Shioir o uisgeachan mòra, fàs na h‑aibhne, b’e sin a teachd-a‑steach: agus bha i na margadh do na cinnich.
4
Biodh nàire ort, O Shìdoin, oir labhair an fhairge, eadhon neart na fairge, ag ràdh, Cha robh mi ri saothair, agus cha do rug mi clann; cha d’àraich mi òganaich, cha mhò a thog mi suas òighean.
5
Mar a bha nuair a chualas sgeul mun Eiphit, mar sin bidh iad fo àmhghar ri cluinntinn sgeòil mu Thìrus.
6
Rachaibh a‑null gu Tarsis: dèanaibh caoineadh, a luchd-àiteachaidh nan eilean.
7
An i seo ur cathair aoibhinn, aig a bheil a h‑aois o aimsir chèin? Giùlainidh a casan fhèin i fad as gu fantainn air chuairt.
8
Cò a ghabh a’ chomhairle seo an aghaidh Thìruis, a thug seachad coroin rìoghail, aig a bheil a ceannaichean nam prionnsachan; agus a luchd-malairt nan daoine urramach na tìre?
9
Is e Tighearna nan sluagh a dh’òrdaich e, a chur smala air uabhar gach uile ghlòire, agus a thabhairt uile uaislean na tìre fo dhìmeas.
10
Ruith thairis air d’fhearann mar abhainn, O nighean Tharsis; chan eil neart ann nas mò.
11
Shìn e a làmh thar an fhairge; chrath e na rìoghachdan; thug an Tighearna àithne an aghaidh na cathrach a tha na ceannaiche, a‑chum a daingnichean làidir a sgrios.
12
Agus thubhairt e, Cha dèan thu caithreim nas mò, O òigh shàraichte, a nighean Shìdoin; èirich, rach thairis gu Citim; an sin fòs chan fhaigh thu suaimhneas.
13
Feuch tìr nan Caldèanach; cha robh an sluagh seo ann gus an do shuidhich an t‑Asirianach i airson luchd-àiteachaidh an fhàsaich; thog iad a baidealan, chuir iad suas a lùchairtean; agus rinn e a sgrios.
14
Guilibh gu h‑àrd, a longan Tharsis; oir sgriosadh ur neart.
15
Agus tàrlaidh anns an là sin gun leigear air dearmad Tìrus deich agus trì-fichead bliadhna, a rèir làithean aon rìgh; an ceann deich agus trì-fichead bliadhna, seinnidh Tìrus mar strìopaich.
16
Glac do chlàrsach, cuartaich am baile, a strìopach a bha air do dhearmad; dèan ceòl gu binn; seinn iomadh òran, a‑chum gun cuimhnichear a‑rìs thu.
17
Agus an ceann deich agus trì-fichead bliadhna, thig an Tighearna a dh’amharc Thìruis; agus tillidh i a‑chum a cosnaidh; agus nì i strìopachas le uile rìoghachdan an domhain, a tha air aghaidh na talmhainn.
18
Agus bidh a malairt agus a buannachd naomh don Tighearna; cha taisgear suas e, agus cha ghleidhear gu tèarainte; oir bidh a malairt airson na muinntir a tha a chòmhnaidh am fianais an Tighearna, airson lòin a shàsaicheas, agus airson aodaich a mhaireas.











Isaiah 23:1
Isaiah 23:2
Isaiah 23:3
Isaiah 23:4
Isaiah 23:5
Isaiah 23:6
Isaiah 23:7
Isaiah 23:8
Isaiah 23:9
Isaiah 23:10
Isaiah 23:11
Isaiah 23:12
Isaiah 23:13
Isaiah 23:14
Isaiah 23:15
Isaiah 23:16
Isaiah 23:17
Isaiah 23:18






Isaiah 1 / Isa 1
Isaiah 2 / Isa 2
Isaiah 3 / Isa 3
Isaiah 4 / Isa 4
Isaiah 5 / Isa 5
Isaiah 6 / Isa 6
Isaiah 7 / Isa 7
Isaiah 8 / Isa 8
Isaiah 9 / Isa 9
Isaiah 10 / Isa 10
Isaiah 11 / Isa 11
Isaiah 12 / Isa 12
Isaiah 13 / Isa 13
Isaiah 14 / Isa 14
Isaiah 15 / Isa 15
Isaiah 16 / Isa 16
Isaiah 17 / Isa 17
Isaiah 18 / Isa 18
Isaiah 19 / Isa 19
Isaiah 20 / Isa 20
Isaiah 21 / Isa 21
Isaiah 22 / Isa 22
Isaiah 23 / Isa 23
Isaiah 24 / Isa 24
Isaiah 25 / Isa 25
Isaiah 26 / Isa 26
Isaiah 27 / Isa 27
Isaiah 28 / Isa 28
Isaiah 29 / Isa 29
Isaiah 30 / Isa 30
Isaiah 31 / Isa 31
Isaiah 32 / Isa 32
Isaiah 33 / Isa 33
Isaiah 34 / Isa 34
Isaiah 35 / Isa 35
Isaiah 36 / Isa 36
Isaiah 37 / Isa 37
Isaiah 38 / Isa 38
Isaiah 39 / Isa 39
Isaiah 40 / Isa 40
Isaiah 41 / Isa 41
Isaiah 42 / Isa 42
Isaiah 43 / Isa 43
Isaiah 44 / Isa 44
Isaiah 45 / Isa 45
Isaiah 46 / Isa 46
Isaiah 47 / Isa 47
Isaiah 48 / Isa 48
Isaiah 49 / Isa 49
Isaiah 50 / Isa 50
Isaiah 51 / Isa 51
Isaiah 52 / Isa 52
Isaiah 53 / Isa 53
Isaiah 54 / Isa 54
Isaiah 55 / Isa 55
Isaiah 56 / Isa 56
Isaiah 57 / Isa 57
Isaiah 58 / Isa 58
Isaiah 59 / Isa 59
Isaiah 60 / Isa 60
Isaiah 61 / Isa 61
Isaiah 62 / Isa 62
Isaiah 63 / Isa 63
Isaiah 64 / Isa 64
Isaiah 65 / Isa 65
Isaiah 66 / Isa 66