A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnàth-fhacal 6



1
A mhic, ma tha thu an urras air do charaid, ma bhuail thu do làmh le neach eile,
2
Ribeadh thu le briathran do bheòil; ghlacadh thu le faclan do bheòil.
3
Dèan seo a‑nis, a mhic, agus saor thu fhèin, nuair a thig thu an làimh do charaid; imich, irioslaich thu fhèin, agus dèan cinnteach do charaid.
4
Na toir cadal dod shùilean, no clò cadail dod rosgan.
5
Thoir as thu fhèin mar earb à làimh an t‑sealgair, agus mar eun à làimh an eunadair.
6
Imich a‑chum an t‑seangain, a leisgein; thoir fa‑near a shlighean, agus bi glic:
7
Aig nach eil fear-seòlaidh, fear-amhairc, no luchd-riaghlaidh,
8
A dh’ullaicheas a bhiadh anns an t‑samhradh, agus a chruinnicheas a theachd-an‑tìr anns an fhogharadh.
9
Cia fhad a chaidleas tu, a leisgein? Cuin a dh’èireas tu as do chadal?
10
Fhathast beagan cadail, beagan clò cadail, beagan filleadh nan làmh gu cadal.
11
An sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm.
12
Duine nach fiù, fear aingidh, siùbhlaidh e le beul ana-cneasda.
13
Caogaidh e le a shùil, bheir e sanas le a chois, teagaisgidh e le mheòir.
14
Tha aingealtachd na chridhe, tha e a’ dealbhadh uilc a‑ghnàth; togaidh e aimhreit:
15
Uime sin gu h‑obann thig a sgrios; gu grad brisear e, gun leigheas.
16
Na sia nithean seo is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha seachd nithean nan gràinealachd da anam:
17
Sealladh àrd, teanga bhreugach, agus làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach;
18
Cridhe a dhealbhas smuaintean aingidh, casan a bhios luath a ruith a‑chum uilc;
19
Fianais bhreugach a labhras breugan, agus esan a thogas aimhreit eadar bràithrean.
20
A mhic, coimhead àithne d’athar, agus na trèig reachd do mhàthar:
21
Ceangail iad a‑ghnàth air do chridhe, daingnich iad mud mhuineal.
22
Nuair a dh’imicheas tu, treòraichidh iad thu; nuair a chaidleas tu gleidhidh iad thu; agus nuair a dhùisgeas tu, labhraidh iad riut.
23
Oir is lòchran an àithne, agus is solas an reachd, agus is iad slighe na beatha achmhasain teagaisg;
24
A‑chum do ghleidheadh on droch mhnaoi, o mhiodal teanga na mnà coimhich.
25
Na miannaich a sgèimh ann ad chridhe; agus na glacadh i thu le a rosgan.
26
Oir le mnaoi strìopachail bheirear duine gu greim arain; agus sealgaidh a’ bhan-adhaltranach air an anam luachmhor.
27
An urrainn duine teine a ghabhail na bhroilleach, agus gun a aodach a bhith air a losgadh?
28
An urrainn duine imeachd air èibhlean tetha, agus gun a chasan a bhith air an losgadh?
29
Mar sin esan a thèid a‑steach a‑chum bean a choimhearsnaich: cha bhi neach air bith neochiontach a bheanas rithe.
30
Cha dèanar tàir air gadaiche, ma ghoideas e a shàsachadh a anama, nuair a bhios e acrach:
31
Ach ma ghlacar e, aisigidh e a sheachd uiread; uile mhaoin a thaighe bheir e seachad.
32
Ach ge bè nì adhaltranas ri mnaoi, tha e gun tuigse: sgriosaidh esan a nì e a anam fhèin.
33
Lot agus mì‑chliù gheibh e; agus a mhasladh cha ghlanar as.
34
Oir is e an t‑eud cuthach an fhir: uime sin cha chaomhain e ann an là an dìoghaltais.
35
Cha bhi suim aige do èirig air bith; cha mhò a thoilichear e, ged bheir thu dha mòran thìodhlacan.











Gnàth-fhacal 6:1
Gnàth-fhacal 6:2
Gnàth-fhacal 6:3
Gnàth-fhacal 6:4
Gnàth-fhacal 6:5
Gnàth-fhacal 6:6
Gnàth-fhacal 6:7
Gnàth-fhacal 6:8
Gnàth-fhacal 6:9
Gnàth-fhacal 6:10
Gnàth-fhacal 6:11
Gnàth-fhacal 6:12
Gnàth-fhacal 6:13
Gnàth-fhacal 6:14
Gnàth-fhacal 6:15
Gnàth-fhacal 6:16
Gnàth-fhacal 6:17
Gnàth-fhacal 6:18
Gnàth-fhacal 6:19
Gnàth-fhacal 6:20
Gnàth-fhacal 6:21
Gnàth-fhacal 6:22
Gnàth-fhacal 6:23
Gnàth-fhacal 6:24
Gnàth-fhacal 6:25
Gnàth-fhacal 6:26
Gnàth-fhacal 6:27
Gnàth-fhacal 6:28
Gnàth-fhacal 6:29
Gnàth-fhacal 6:30
Gnàth-fhacal 6:31
Gnàth-fhacal 6:32
Gnàth-fhacal 6:33
Gnàth-fhacal 6:34
Gnàth-fhacal 6:35






Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1
Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2
Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3
Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4
Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5
Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6
Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7
Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8
Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9
Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10
Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11
Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12
Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13
Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14
Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15
Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16
Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17
Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18
Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19
Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20
Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21
Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22
Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23
Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24
Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25
Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26
Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27
Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28
Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29
Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30
Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31