A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnàth-fhacal 29



1
Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal, sgriosar e gu h‑obann, agus sin gun leigheas.
2
Nuair a bhios na fìreanan cumhachdach, nì an sluagh gàirdeachas; ach nuair a riaghlas na h‑aingidh, nì an sluagh osnaich.
3
Am fear a ghràdhaicheas gliocas, nì e a athair ait; ach esan a chumas cuideachd ri strìopaichean, caithidh e a mhaoin.
4
Le breitheanas daingnichidh an rìgh an tìr; ach sgriosaidh am fear a ghabhas tìodhlacan i.
5
Am fear a nì miodal ra choimhearsnach, sgaoilidh e lìon airson a chas.
6
Ann an easaontas droch dhuine tha ribe; ach seinnidh am fìrean, agus bidh e aoibhneach.
7
Bheir am fìrean an aire do chùis nam bochd; ach cha ghabh an t‑aingidh suim do eòlas a bhith aige oirre.
8
Bheir luchd-fochaid baile ann an ribe; ach tillidh daoine glice fearg.
9
Ma nì duine glic strì ri duine amaideach, co‑dhiù a bhios fearg air, no nì e gàire, cha bhi fois ann.
10
Fuathaichidh daoine fuileachdach an duine ionraic; ach iarraidh daoine cothromach a anam.
11
Cuiridh amadan an cèill a inntinn uile; ach cumaidh duine glic a‑staigh i gus an dèidh sin.
12
Ma dh’èisdeas uachdaran ri breugan, bidh a sheirbhisich uile aingidh.
13
Coinnichidh am bochd agus an cealgair a chèile; bheir an Tighearna solas dan sùilean araon.
14
Ma bheir rìgh breith air bochdan ann am fìrinn, daingnichear a rìgh-chathair gu bràth.
15
Bheir an t‑slat agus achmhasan gliocas uapa; ach cuiridh an leanabh a dh’fhàgar dha fhèin nàire air a mhàthair.
16
Nuair a bhios na h‑aingidh lìonmhor, bidh easaontas lìonmhor: ach nì na fìreanan an leagadh.
17
Cronaich do mhac, agus bheir e suaimhneas dhut: seadh, bheir e sòlas dod anam.
18
Far nach eil taisbeanadh, thèid an sluagh a dhìth; ach an tì a choimheadas an lagh, is sona esan.
19
Le briathran cha leasaichear seirbhiseach; oir ged thuig e, cha fhreagair e.
20
A bheil thu a’ faicinn duine a tha dian na bhriathran? Tha adhbhar dòchais nas mò den amadan na dheth-san.
21
Ma thogas neach a sheirbhiseach suas gu mùirneach o bhith na leanabh, mu dheireadh bidh e aige mar mhac.
22
Dùisgidh duine feargach aimhreit, agus bidh fear na corraich pailt ann an easaontas.
23
Islichidh uabhar duine e; ach gheibh esan a tha iriosal na spiorad urram.
24
An tì a nì co‑roinn ri gadaiche, fuathaichidh e a anam fhèin: cluinnidh e mallachadh, ach chan fhoillsich e.
25
Bheir eagal duine ribe leis; ach ge bè a dh’earbas as an Tighearna, bidh e tèarainte.
26
Iarraidh mòran deagh-ghean an uachdarain; ach is ann on Tighearna a tha breitheanas gach duine.
27
Is e fear na h‑euceirt gràinealachd nam fìrean: agus is e an tì a tha ceart na shlighe gràinealachd nan aingidh.











Gnàth-fhacal 29:1
Gnàth-fhacal 29:2
Gnàth-fhacal 29:3
Gnàth-fhacal 29:4
Gnàth-fhacal 29:5
Gnàth-fhacal 29:6
Gnàth-fhacal 29:7
Gnàth-fhacal 29:8
Gnàth-fhacal 29:9
Gnàth-fhacal 29:10
Gnàth-fhacal 29:11
Gnàth-fhacal 29:12
Gnàth-fhacal 29:13
Gnàth-fhacal 29:14
Gnàth-fhacal 29:15
Gnàth-fhacal 29:16
Gnàth-fhacal 29:17
Gnàth-fhacal 29:18
Gnàth-fhacal 29:19
Gnàth-fhacal 29:20
Gnàth-fhacal 29:21
Gnàth-fhacal 29:22
Gnàth-fhacal 29:23
Gnàth-fhacal 29:24
Gnàth-fhacal 29:25
Gnàth-fhacal 29:26
Gnàth-fhacal 29:27






Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1
Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2
Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3
Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4
Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5
Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6
Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7
Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8
Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9
Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10
Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11
Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12
Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13
Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14
Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15
Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16
Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17
Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18
Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19
Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20
Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21
Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22
Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23
Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24
Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25
Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26
Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27
Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28
Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29
Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30
Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31