A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnàth-fhacal 28



1
Teichidh an t‑aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bidh na h‑ionraic dàn mar leòmhann.
2
Airson easaontas tìre bidh mòran uachdaran oirre; ach le duine tuigseach eòlach nìthear a staid buan.
3
Tha duine bochd, a nì fòirneart air bochdan, mar uisge millteach nach fàg biadh na dhèidh.
4
Molaidh iadsan a thrèigeas an lagh na h‑aingidh; ach nì iadsan a ghleidheas an lagh strì riu.
5
Cha tuig droch dhaoine breitheanas; ach tuigidh iadsan a dh’iarras an Tighearna na h‑uile nithean.
6
Is fheàrr am bochd a dh’imicheas na ionracas, na esan a tha fiar na shlighean, ged robh e saoibhir.
7
An tì a ghleidheas an lagh, is mac glic e; ach esan a tha na chompanach do luchd-craois, nàraichidh e a athair.
8
An tì a mheudaicheas a mhaoin le ocar agus le tairbhe eucoraich, cruinnichidh e dhàsan a ghabhas truas den bhochd.
9
An tì a thionndaidheas a chluas air falbh o chluinntinn an lagha, bidh a ùrnaigh fhèin na gràinealachd.
10
An tì a chuireas na fìreanan air seachran air droch shlighe, tuitidh e na shloc fhèin; ach mealaidh na h‑ionraic nithean matha.
11
Is glic duine saoibhir na bharail fhèin; ach rannsaichidh an duine bochd aig am bi tuigse a‑mach e.
12
Nuair a nì na fìreanan gàirdeachas, bidh glòir mhòr ann; ach nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichear duine.
13
An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.
14
Is beannaichte an duine air am bi eagal a‑ghnàth; ach esan a chruadhaicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc.
15
Mar leòmhann beucach, agus mar mhath-ghamhainn a ruitheas a‑null agus a‑nall, tha uachdaran aingidh os cionn sluaigh bhochd.
16
Am fear-riaghlaidh aig nach eil tuigse, is mòr mar an ceudna am fear-fòirneirt e; ach an tì a dh’fhuathaicheas sannt, sìnidh e a làithean.
17
An duine a nì ainneart air fuil neach sam bith, teichidh e gu ruig an sloc; na cumadh aon duine e.
18
An tì a ghluaiseas gu h‑ionraic, tèarnar e; ach esan tha fiar na shlighean, tuitidh e a dh’aon bheum.
19
An tì a threabhas a fhearann, bidh pailteas arain aige; ach esan a leanas an dèidh dhaoine dìomhain, bidh bochdainn gu leòr aige.
20
Bidh duine fìrinneach pailt ann am beannachdan; ach esan a nì deifir gu bhith saoibhir, cha bhi e neochiontach.
21
Cha mhath an nì gnùis aithneachadh; gidheadh airson greim arain ciontaichidh duine.
22
Nì fear na droch shùla deifir gu bhith saoibhir; ach chan eil fhios aige gun tig bochdainn air.
23
An tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin gheibh e nas mò de dheagh-ghean na esan a nì miodal le a theangaidh.
24
An tì a nì reubainn air a athair no air a mhàthair, agus a their, Chan eil cionta ann, is companach e do fhear-millidh.
25
An tì aig a bheil cridhe àrdanach, dùisgidh e strì; ach esan a dh’earbas as an Tighearna, nìthear sultmhor e.
26
An tì a dh’earbas as a chridhe fhèin, is amadan e; ach esan a ghluaiseas gu glic, saorar e.
27
An tì a bheir don bhochd, cha bhi dìth air; ach air an tì a dh’fhalaicheas a shùilean bidh iomadh mallachd.
28
Nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichidh daoine iad fhèin; ach nuair a sgriosar iad, fàsaidh na fìreanan lìonmhor.











Gnàth-fhacal 28:1

Gnàth-fhacal 28:2

Gnàth-fhacal 28:3

Gnàth-fhacal 28:4

Gnàth-fhacal 28:5

Gnàth-fhacal 28:6

Gnàth-fhacal 28:7

Gnàth-fhacal 28:8

Gnàth-fhacal 28:9

Gnàth-fhacal 28:10

Gnàth-fhacal 28:11

Gnàth-fhacal 28:12

Gnàth-fhacal 28:13

Gnàth-fhacal 28:14

Gnàth-fhacal 28:15

Gnàth-fhacal 28:16

Gnàth-fhacal 28:17

Gnàth-fhacal 28:18

Gnàth-fhacal 28:19

Gnàth-fhacal 28:20

Gnàth-fhacal 28:21

Gnàth-fhacal 28:22

Gnàth-fhacal 28:23

Gnàth-fhacal 28:24

Gnàth-fhacal 28:25

Gnàth-fhacal 28:26

Gnàth-fhacal 28:27

Gnàth-fhacal 28:28







Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1

Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2

Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3

Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4

Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5

Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6

Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7

Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8

Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9

Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10

Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11

Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12

Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13

Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14

Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15

Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16

Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17

Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18

Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19

Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20

Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21

Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22

Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23

Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24

Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25

Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26

Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27

Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28

Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29

Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30

Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31