1 |
Teichidh an t‑aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bidh na h‑ionraic dàn mar leòmhann. |
2 |
Airson easaontas tìre bidh mòran uachdaran oirre; ach le duine tuigseach eòlach nìthear a staid buan. |
3 |
Tha duine bochd, a nì fòirneart air bochdan, mar uisge millteach nach fàg biadh na dhèidh. |
4 |
Molaidh iadsan a thrèigeas an lagh na h‑aingidh; ach nì iadsan a ghleidheas an lagh strì riu. |
5 |
Cha tuig droch dhaoine breitheanas; ach tuigidh iadsan a dh’iarras an Tighearna na h‑uile nithean. |
6 |
Is fheàrr am bochd a dh’imicheas na ionracas, na esan a tha fiar na shlighean, ged robh e saoibhir. |
7 |
An tì a ghleidheas an lagh, is mac glic e; ach esan a tha na chompanach do luchd-craois, nàraichidh e a athair. |
8 |
An tì a mheudaicheas a mhaoin le ocar agus le tairbhe eucoraich, cruinnichidh e dhàsan a ghabhas truas den bhochd. |
9 |
An tì a thionndaidheas a chluas air falbh o chluinntinn an lagha, bidh a ùrnaigh fhèin na gràinealachd. |
10 |
An tì a chuireas na fìreanan air seachran air droch shlighe, tuitidh e na shloc fhèin; ach mealaidh na h‑ionraic nithean matha. |
11 |
Is glic duine saoibhir na bharail fhèin; ach rannsaichidh an duine bochd aig am bi tuigse a‑mach e. |
12 |
Nuair a nì na fìreanan gàirdeachas, bidh glòir mhòr ann; ach nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichear duine. |
13 |
An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair. |
14 |
Is beannaichte an duine air am bi eagal a‑ghnàth; ach esan a chruadhaicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc. |
15 |
Mar leòmhann beucach, agus mar mhath-ghamhainn a ruitheas a‑null agus a‑nall, tha uachdaran aingidh os cionn sluaigh bhochd. |
16 |
Am fear-riaghlaidh aig nach eil tuigse, is mòr mar an ceudna am fear-fòirneirt e; ach an tì a dh’fhuathaicheas sannt, sìnidh e a làithean. |
17 |
An duine a nì ainneart air fuil neach sam bith, teichidh e gu ruig an sloc; na cumadh aon duine e. |
18 |
An tì a ghluaiseas gu h‑ionraic, tèarnar e; ach esan tha fiar na shlighean, tuitidh e a dh’aon bheum. |
19 |
An tì a threabhas a fhearann, bidh pailteas arain aige; ach esan a leanas an dèidh dhaoine dìomhain, bidh bochdainn gu leòr aige. |
20 |
Bidh duine fìrinneach pailt ann am beannachdan; ach esan a nì deifir gu bhith saoibhir, cha bhi e neochiontach. |
21 |
Cha mhath an nì gnùis aithneachadh; gidheadh airson greim arain ciontaichidh duine. |
22 |
Nì fear na droch shùla deifir gu bhith saoibhir; ach chan eil fhios aige gun tig bochdainn air. |
23 |
An tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin gheibh e nas mò de dheagh-ghean na esan a nì miodal le a theangaidh. |
24 |
An tì a nì reubainn air a athair no air a mhàthair, agus a their, Chan eil cionta ann, is companach e do fhear-millidh. |
25 |
An tì aig a bheil cridhe àrdanach, dùisgidh e strì; ach esan a dh’earbas as an Tighearna, nìthear sultmhor e. |
26 |
An tì a dh’earbas as a chridhe fhèin, is amadan e; ach esan a ghluaiseas gu glic, saorar e. |
27 |
An tì a bheir don bhochd, cha bhi dìth air; ach air an tì a dh’fhalaicheas a shùilean bidh iomadh mallachd. |
28 |
Nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichidh daoine iad fhèin; ach nuair a sgriosar iad, fàsaidh na fìreanan lìonmhor.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Gnàth-fhacal 28:1 |
Gnàth-fhacal 28:2 |
Gnàth-fhacal 28:3 |
Gnàth-fhacal 28:4 |
Gnàth-fhacal 28:5 |
Gnàth-fhacal 28:6 |
Gnàth-fhacal 28:7 |
Gnàth-fhacal 28:8 |
Gnàth-fhacal 28:9 |
Gnàth-fhacal 28:10 |
Gnàth-fhacal 28:11 |
Gnàth-fhacal 28:12 |
Gnàth-fhacal 28:13 |
Gnàth-fhacal 28:14 |
Gnàth-fhacal 28:15 |
Gnàth-fhacal 28:16 |
Gnàth-fhacal 28:17 |
Gnàth-fhacal 28:18 |
Gnàth-fhacal 28:19 |
Gnàth-fhacal 28:20 |
Gnàth-fhacal 28:21 |
Gnàth-fhacal 28:22 |
Gnàth-fhacal 28:23 |
Gnàth-fhacal 28:24 |
Gnàth-fhacal 28:25 |
Gnàth-fhacal 28:26 |
Gnàth-fhacal 28:27 |
Gnàth-fhacal 28:28 |
|
|
|
|
|
|
Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1 |
Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2 |
Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3 |
Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4 |
Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5 |
Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6 |
Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7 |
Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8 |
Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9 |
Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10 |
Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11 |
Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12 |
Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13 |
Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14 |
Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15 |
Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16 |
Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17 |
Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18 |
Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19 |
Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20 |
Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21 |
Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22 |
Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23 |
Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24 |
Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25 |
Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26 |
Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27 |
Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28 |
Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29 |
Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30 |
Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31 |