A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnàth-fhacal 25



1
Is iad seo mar an ceudna gnàth-fhacail Sholaimh, a dh’ath-sgrìobh daoine Heseciah rìgh Iùdah.
2
Is i glòir Dhè nì a cheiltinn; ach is e urram rìghrean nì a rannsachadh.
3
Tha nèamh air àirde, agus an talamh air doimhne, agus cridhe rìghrean do‑rannsachaidh.
4
Buin an salchar on airgead, agus thig soitheach a‑mach don òr‑cheard.
5
Buin an droch dhuine à làthair an rìgh, agus daingnichear ann am fìreantachd a rìgh-chathair.
6
Na gabh urram dhut fhèin ann am fianais rìgh, agus na seas ann an àite dhaoine mòra:
7
Oir is fheàrr gun abrar riut, Thig a‑nìos an seo, na gun cuirear sìos thu am fianais an uachdarain a chunnaic do shùilean.
8
Na gabh a‑mach gu h‑obann gu strì, air eagal nach bi fhios agad ciod a nì thu na dhèidh sin, nuair a bheir do choimhearsnach gu nàire thu.
9
Tagair do chùis rid choimhearsnach; agus na foillsich rùn-diamhair do neach eile:
10
Air eagal gun cuir an tì a chluinneas gu nàire thu, agus nach atharraichear do mhasladh.
11
Mar ùbhlan òir ann an dealbhan airgid, tha facal a labhrar gu h‑iomchaidh.
12
Mar chluas-fhàinne òir, agus mar usgair den òr fhìorghlan, tha fear-cronachaidh glic aig cluais fhurachair.
13
Mar fhuachd sneachda ann an àm an fhogharaidh, tha teachdaire dìleas dhaibhsan a chuireas uapa e; oir ath-bheothaichidh e anam a mhaighistir.
14
Mar neòil agus mar ghaoith gun uisge, tha am fear a nì uaill à tìodhlac gu breugach.
15
Le fad-fhulangas cuirear impidh air uachdaran, agus brisidh teanga mhìn cnàimh.
16
An d’fhuair thu mil? Ith nas leòr dhut dhith; air eagal gun làn-shàsaichear thu, agus gun sgeith thu i.
17
Tarraing do chas à taigh do choimhearsnaich, air eagal gum bi e sgìth dhìot, agus gum fuathaich e thu.
18
Is òrd, agus claidheamh, agus saighead gheur, am fear a bheir fianais bhrèige an aghaidh a choimhearsnaich.
19
Mar fhiacail bhriste, agus mar chois as an alt, tha earbsa à duine neo-dhìleas ann an là airce.
20
Mar esan a bheir air falbh aodach ann an là fuachda, mar fhìon-geur aig creig-shalainn, mar sin tha esan a sheinneas òrain don chridhe thùirseach.
21
Ma bhios do nàmhaid acrach, thoir aran dha ri ithe; agus ma bhios e ìotmhor, thoir uisge dha ri òl:
22
Oir càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann, agus bheir an Tighearna luigheachd dhut.
23
Cuiridh a’ ghaoth a tuath air falbh an t‑uisge; mar sin cuiridh a’ ghnùis fheargach air falbh teanga a’ chùl-chàinidh.
24
Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann an oisinn-mhullaich taighe na maille ri mnaoi aimhreitich ann an taigh farsaing.
25
Mar uisgeachan fuara don anam thartmhor, mar sin tha deagh sgeul à tìr chèin.
26
Mar thobar air a chur tro a chèile, agus mar fhuaran air a thruailleadh, tha am fìrean a thuislicheas am fianais an aingidh.
27
Chan eil e math mòran meala ithe; agus cha ghlòir e do dhaoine an glòir fhèin iarraidh.
28
Mar mhòr-bhaile briste sìos gun bhalla, tha am fear aig nach eil ceannsal air a spiorad fhèin.











Gnàth-fhacal 25:1
Gnàth-fhacal 25:2
Gnàth-fhacal 25:3
Gnàth-fhacal 25:4
Gnàth-fhacal 25:5
Gnàth-fhacal 25:6
Gnàth-fhacal 25:7
Gnàth-fhacal 25:8
Gnàth-fhacal 25:9
Gnàth-fhacal 25:10
Gnàth-fhacal 25:11
Gnàth-fhacal 25:12
Gnàth-fhacal 25:13
Gnàth-fhacal 25:14
Gnàth-fhacal 25:15
Gnàth-fhacal 25:16
Gnàth-fhacal 25:17
Gnàth-fhacal 25:18
Gnàth-fhacal 25:19
Gnàth-fhacal 25:20
Gnàth-fhacal 25:21
Gnàth-fhacal 25:22
Gnàth-fhacal 25:23
Gnàth-fhacal 25:24
Gnàth-fhacal 25:25
Gnàth-fhacal 25:26
Gnàth-fhacal 25:27
Gnàth-fhacal 25:28






Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1
Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2
Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3
Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4
Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5
Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6
Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7
Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8
Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9
Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10
Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11
Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12
Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13
Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14
Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15
Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16
Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17
Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18
Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19
Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20
Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21
Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22
Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23
Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24
Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25
Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26
Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27
Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28
Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29
Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30
Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31