A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnàth-fhacal 23



1
Nuair a shuidheas tu a dh’ithe maille ri uachdaran, thoir an ro‑aire do na bheil fad chomhair;
2
Agus cuir sgian rid sgòrnan, mas duine thu air do thabhairt do chraos.
3
Na miannaich a nithean milis; oir is biadh mealltach iad.
4
Na saothraich gu fàs saoibhir; leig dhìot do ghliocas fhèin.
5
An cuir thu do shùilean air an nì nach eil ann? Oir gu cinnteach nì saoibhreas sgiathan dha fhèin, mar iolair a dh’itealaicheas a‑chum nan nèamh.
6
Na ith aran an tì aig a bheil droch shùil, agus na miannaich a nithean milis.
7
Oir mar a smaoinicheas e na anam, mar sin bidh e: Ith agus òl, their e riut, ach cha bhi a chridhe leat.
8
An greim a dh’ith thu, sgeithidh tu a‑nìos, agus caillidh tu do bhriathran milis.
9
Na labhair ann an cluasan amadain; oir nì e tàir air gliocas do bhriathar.
10
Na atharraich an seann chomharradh-crìche; agus air achaidhean nan dìlleachdan na bris a‑steach:
11
Oir tha am fear-saoraidh cumhachdach; tagraidh e an cùis ad aghaidh.
12
Aom do chridhe ri fòghlam, agus do chluasan ri briathran eòlais.
13
Na cùm smachdachadh o leanabh; oir ma bhuaileas tu e le slait, chan fhaigh e bàs.
14
Buailidh tu e le slait, agus saoraidh tu a anam o ifrinn.
15
A mhic, ma bhios do chridhe glic, nì mo chridhe-sa gàirdeachas, eadhon mo chridhe-sa:
16
Seadh, nì m’àirnean gàirdeachas, nuair a labhras do bhilean nithean cearta.
17
Na gabhadh do chridhe farmad ri peacaich: ach bi ann an eagal an Tighearna air feadh an là uile.
18
Oir gu deimhinn tha crìoch ann; ach cha ghearrar as do dhòchas.
19
Eisd thusa, a mhic, agus bi glic, agus treòraich do chridhe anns an t‑slighe.
20
Na bi am measg phòitearan fìona; am measg luchd co‑ithidh geòcach feòla.
21
Oir thig am misgear agus an geòcaire gu bochdainn; agus èidichidh turra-chadal duine le luideagan.
22
Eisd rid athair a ghin thu, agus na dèan tàir air do mhàthair nuair a bhios i aosda.
23
Ceannaich an fhìrinn, agus na reic i; mar an ceudna gliocas, agus fòghlam, agus tuigse.
24
Nì athair an fhìrein mòr-ghàirdeachas; agus nì esan a ghineas mac glic aoibhneas ann.
25
Nì d’athair agus do mhàthair aoibhneas, agus nì ise a rug thu gàirdeachas.
26
A mhic, thoir dhòmhsa do chridhe, agus coimheadadh do shùilean mo shlighean.
27
Oir is staing dhomhain strìopach; agus is sloc cumhang ban-choigreach.
28
Tha i mar an ceudna ri feall-fheitheamh mar chreachadair, agus cuiridh i luchd-dòbheairt an lìonmhorachd am measg dhaoine.
29
Cò dom buin truaighe? Cò a tha ri bròn? Cò aig a bheil connsachadh? Cò a tha ri gearan? Cò aig a bheil lotan gun adhbhar? Cò aig a bheil deirge shùl?
30
Iadsan a dh’fhanas fad aig an fhìon; iadsan a thèid a dh’iarraidh fìona measgte.
31
Na amhairc thusa air an fhìon nuair a bhios e dearg, nuair a bheir e a dhath anns a’ chupan, a thèid e sìos dìreach.
32
Mu dheireadh teumaidh e mar nathair, agus mar an rìgh-nathair sàthaidh e a‑ghath.
33
Amhaircidh do shùilean air mnathan coimheach, agus cuiridh do chridhe an cèill nithean claona:
34
Agus bidh tu mar an tì a laigheas sìos ann am meadhon na fairge, no mar esan a laigheas air bàrr croinn-siùil.
35
Bhuail iad mi, their thu, agus cha robh mi tinn; ghabh iad orm, agus cha do mhothaich mi: cuin a dhùisgeas mi? An sin iarraidh mi fhathast e.











Gnàth-fhacal 23:1
Gnàth-fhacal 23:2
Gnàth-fhacal 23:3
Gnàth-fhacal 23:4
Gnàth-fhacal 23:5
Gnàth-fhacal 23:6
Gnàth-fhacal 23:7
Gnàth-fhacal 23:8
Gnàth-fhacal 23:9
Gnàth-fhacal 23:10
Gnàth-fhacal 23:11
Gnàth-fhacal 23:12
Gnàth-fhacal 23:13
Gnàth-fhacal 23:14
Gnàth-fhacal 23:15
Gnàth-fhacal 23:16
Gnàth-fhacal 23:17
Gnàth-fhacal 23:18
Gnàth-fhacal 23:19
Gnàth-fhacal 23:20
Gnàth-fhacal 23:21
Gnàth-fhacal 23:22
Gnàth-fhacal 23:23
Gnàth-fhacal 23:24
Gnàth-fhacal 23:25
Gnàth-fhacal 23:26
Gnàth-fhacal 23:27
Gnàth-fhacal 23:28
Gnàth-fhacal 23:29
Gnàth-fhacal 23:30
Gnàth-fhacal 23:31
Gnàth-fhacal 23:32
Gnàth-fhacal 23:33
Gnàth-fhacal 23:34
Gnàth-fhacal 23:35






Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1
Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2
Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3
Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4
Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5
Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6
Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7
Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8
Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9
Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10
Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11
Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12
Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13
Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14
Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15
Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16
Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17
Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18
Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19
Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20
Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21
Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22
Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23
Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24
Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25
Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26
Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27
Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28
Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29
Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30
Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31