Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
Gnàth-fhacal 21
1
Mar shruthan uisgeachan tha cridhe rìgh ann an làimh an Tighearna: ge bè taobh as àill leis, tionndaidhidh e e.
2
Tha uile shlighean duine ceart na shùilean fhèin; ach measaidh an Tighearna na cridheachan.
3
Ceartas a dhèanamh agus breitheanas, is roghnaiche leis an Tighearna na ìobairt.
4
Is peacach sealladh àrd, agus cridhe uaibhreach, lòchran nan aingidh.
5
Bheir gu deimhinn smuaintean an duine dhìcheallaich gu pailteas; ach thig gach neach a tha gun fhoighidinn da‑rìribh gu dìth.
6
Ionmhasan fhaotainn le teangaidh bhreugaich, is dìomhanas e air a luasgadh a‑null agus a‑nall aig an dream a dh’iarras am bàs.
7
Sgriosaidh reubainn nan aingidh iad, a chionn gun diùlt iad breitheanas a dhèanamh.
8
Fiar agus coimheach tha slighe duine; ach a‑thaobh an fhìorghlain, tha a dhèanadas dìreach.
9
Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann an oisinn-mullaich taighe na maille ri mnaoi aimhreitich ann an taigh farsaing.
10
Miannaichidh anam an aingidh olc: chan fhaigh a choimhearsnach deagh-ghean na shùilean.
11
Nuair a nìthear peanas air fear-fochaid, fàsaidh am baoghalta glic; agus nuair a theagaisgear an duine glic, gheibh e eòlas.
12
Bheir am fìrean an aire gu glic do thaigh an aingidh: tilgear na h‑aingidh bun-os‑cionn airson an aingidheachd.
13
An tì a dhruideas a chluas ri glaodh an duine bhochd, glaodhaidh e fhèin mar an ceudna, ach chan èisdear ris.
14
Ciùinichidh tìodhlac ann an diamhaireachd fearg; agus duais anns an uchd, corraich dhian.
15
Is aoibhneas don fhìrean breitheanas a dhèanamh; ach thig sgrios air luchd-dèanamh na h‑euceirt.
16
An duine a thèid air seachran o shlighe na tuigse, fanaidh e ann an coitheanal nam marbh.
17
Bidh esan na dhuine bochd a ghràdhaicheas sògh; an tì a ghràdhaicheas fìon agus ola chan fhàs e saoibhir.
18
Na èirig airson an fhìrein bidh an t‑aingidh, agus airson nan ionraic an duine fealltach.
19
Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann am fàsach na maille ri mnaoi aimhreitich agus fheargaich.
20
Tha ionmhas taitneach agus ola ann an àite-còmhnaidh an duine ghlic; ach caithidh an t‑amadan e.
21
An tì a leanas fìreantachd agus tròcair, gheibh e beatha, fìreantachd, agus urram.
22
Do chathair nan daoine treuna sreapaidh an duine glic, agus leagaidh e sìos neart a h‑earbsa.
23
An tì a ghleidheas a bheul agus a theanga, gleidhidh e a anam o theanntachdan.
24
Fear-magaidh uaibhreach àrdanach is ainm dhàsan a ghiùlaineas e fhèin ann an corraich an uabhair.
25
Marbhaidh miann an leisgein e; oir diùltaidh a làmhan obair a dhèanamh.
26
Air feadh an là sanntaichidh e gu mòr; ach bheir am fìrean uaithe, agus cha chaomhain e.
27
Is gràinealachd ìobairt nan aingidh: cia mòr as mò, nuair a bheirear suas i le droch rùn?
28
Sgriosar fianais bhreugach; ach an tì a dh’èisdeas, labhraidh e a‑chum deagh chrìche.
29
Cruadhaichidh an droch dhuine a aodann; ach nì esan a tha ionraic a shlighe dìreach.
30
Chan eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna.
31
Deasaichear an t‑each fa chomhair là a’ chatha; ach is ann on Tighearna a tha tèarainteachd.
Gnàth-fhacal 21:1
Gnàth-fhacal 21:2
Gnàth-fhacal 21:3
Gnàth-fhacal 21:4
Gnàth-fhacal 21:5
Gnàth-fhacal 21:6
Gnàth-fhacal 21:7
Gnàth-fhacal 21:8
Gnàth-fhacal 21:9
Gnàth-fhacal 21:10
Gnàth-fhacal 21:11
Gnàth-fhacal 21:12
Gnàth-fhacal 21:13
Gnàth-fhacal 21:14
Gnàth-fhacal 21:15
Gnàth-fhacal 21:16
Gnàth-fhacal 21:17
Gnàth-fhacal 21:18
Gnàth-fhacal 21:19
Gnàth-fhacal 21:20
Gnàth-fhacal 21:21
Gnàth-fhacal 21:22
Gnàth-fhacal 21:23
Gnàth-fhacal 21:24
Gnàth-fhacal 21:25
Gnàth-fhacal 21:26
Gnàth-fhacal 21:27
Gnàth-fhacal 21:28
Gnàth-fhacal 21:29
Gnàth-fhacal 21:30
Gnàth-fhacal 21:31
Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1
Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2
Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3
Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4
Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5
Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6
Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7
Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8
Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9
Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10
Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11
Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12
Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13
Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14
Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15
Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16
Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17
Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18
Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19
Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20
Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21
Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22
Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23
Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24
Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25
Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26
Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27
Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28
Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29
Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30
Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31