1 |
Mar shruthan uisgeachan tha cridhe rìgh ann an làimh an Tighearna: ge bè taobh as àill leis, tionndaidhidh e e. |
2 |
Tha uile shlighean duine ceart na shùilean fhèin; ach measaidh an Tighearna na cridheachan. |
3 |
Ceartas a dhèanamh agus breitheanas, is roghnaiche leis an Tighearna na ìobairt. |
4 |
Is peacach sealladh àrd, agus cridhe uaibhreach, lòchran nan aingidh. |
5 |
Bheir gu deimhinn smuaintean an duine dhìcheallaich gu pailteas; ach thig gach neach a tha gun fhoighidinn da‑rìribh gu dìth. |
6 |
Ionmhasan fhaotainn le teangaidh bhreugaich, is dìomhanas e air a luasgadh a‑null agus a‑nall aig an dream a dh’iarras am bàs. |
7 |
Sgriosaidh reubainn nan aingidh iad, a chionn gun diùlt iad breitheanas a dhèanamh. |
8 |
Fiar agus coimheach tha slighe duine; ach a‑thaobh an fhìorghlain, tha a dhèanadas dìreach. |
9 |
Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann an oisinn-mullaich taighe na maille ri mnaoi aimhreitich ann an taigh farsaing. |
10 |
Miannaichidh anam an aingidh olc: chan fhaigh a choimhearsnach deagh-ghean na shùilean. |
11 |
Nuair a nìthear peanas air fear-fochaid, fàsaidh am baoghalta glic; agus nuair a theagaisgear an duine glic, gheibh e eòlas. |
12 |
Bheir am fìrean an aire gu glic do thaigh an aingidh: tilgear na h‑aingidh bun-os‑cionn airson an aingidheachd. |
13 |
An tì a dhruideas a chluas ri glaodh an duine bhochd, glaodhaidh e fhèin mar an ceudna, ach chan èisdear ris. |
14 |
Ciùinichidh tìodhlac ann an diamhaireachd fearg; agus duais anns an uchd, corraich dhian. |
15 |
Is aoibhneas don fhìrean breitheanas a dhèanamh; ach thig sgrios air luchd-dèanamh na h‑euceirt. |
16 |
An duine a thèid air seachran o shlighe na tuigse, fanaidh e ann an coitheanal nam marbh. |
17 |
Bidh esan na dhuine bochd a ghràdhaicheas sògh; an tì a ghràdhaicheas fìon agus ola chan fhàs e saoibhir. |
18 |
Na èirig airson an fhìrein bidh an t‑aingidh, agus airson nan ionraic an duine fealltach. |
19 |
Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann am fàsach na maille ri mnaoi aimhreitich agus fheargaich. |
20 |
Tha ionmhas taitneach agus ola ann an àite-còmhnaidh an duine ghlic; ach caithidh an t‑amadan e. |
21 |
An tì a leanas fìreantachd agus tròcair, gheibh e beatha, fìreantachd, agus urram. |
22 |
Do chathair nan daoine treuna sreapaidh an duine glic, agus leagaidh e sìos neart a h‑earbsa. |
23 |
An tì a ghleidheas a bheul agus a theanga, gleidhidh e a anam o theanntachdan. |
24 |
Fear-magaidh uaibhreach àrdanach is ainm dhàsan a ghiùlaineas e fhèin ann an corraich an uabhair. |
25 |
Marbhaidh miann an leisgein e; oir diùltaidh a làmhan obair a dhèanamh. |
26 |
Air feadh an là sanntaichidh e gu mòr; ach bheir am fìrean uaithe, agus cha chaomhain e. |
27 |
Is gràinealachd ìobairt nan aingidh: cia mòr as mò, nuair a bheirear suas i le droch rùn? |
28 |
Sgriosar fianais bhreugach; ach an tì a dh’èisdeas, labhraidh e a‑chum deagh chrìche. |
29 |
Cruadhaichidh an droch dhuine a aodann; ach nì esan a tha ionraic a shlighe dìreach. |
30 |
Chan eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna. |
31 |
Deasaichear an t‑each fa chomhair là a’ chatha; ach is ann on Tighearna a tha tèarainteachd.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Gnàth-fhacal 21:1 |
Gnàth-fhacal 21:2 |
Gnàth-fhacal 21:3 |
Gnàth-fhacal 21:4 |
Gnàth-fhacal 21:5 |
Gnàth-fhacal 21:6 |
Gnàth-fhacal 21:7 |
Gnàth-fhacal 21:8 |
Gnàth-fhacal 21:9 |
Gnàth-fhacal 21:10 |
Gnàth-fhacal 21:11 |
Gnàth-fhacal 21:12 |
Gnàth-fhacal 21:13 |
Gnàth-fhacal 21:14 |
Gnàth-fhacal 21:15 |
Gnàth-fhacal 21:16 |
Gnàth-fhacal 21:17 |
Gnàth-fhacal 21:18 |
Gnàth-fhacal 21:19 |
Gnàth-fhacal 21:20 |
Gnàth-fhacal 21:21 |
Gnàth-fhacal 21:22 |
Gnàth-fhacal 21:23 |
Gnàth-fhacal 21:24 |
Gnàth-fhacal 21:25 |
Gnàth-fhacal 21:26 |
Gnàth-fhacal 21:27 |
Gnàth-fhacal 21:28 |
Gnàth-fhacal 21:29 |
Gnàth-fhacal 21:30 |
Gnàth-fhacal 21:31 |
|
|
|
|
|
|
Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1 |
Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2 |
Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3 |
Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4 |
Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5 |
Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6 |
Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7 |
Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8 |
Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9 |
Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10 |
Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11 |
Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12 |
Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13 |
Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14 |
Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15 |
Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16 |
Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17 |
Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18 |
Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19 |
Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20 |
Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21 |
Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22 |
Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23 |
Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24 |
Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25 |
Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26 |
Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27 |
Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28 |
Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29 |
Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30 |
Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31 |