A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnàth-fhacal 19



1
Is fheàrr am bochd a ghluaiseas na ionracas, na esan a tha fiar na bhilean agus e na amadan.
2
Mar an ceudna cha mhath don anam a bhith as eugmhais eòlais; agus an tì a nì cabhag le a chasan, tuislichidh e.
3
Claonaidh amaideachd duine a shlighe, agus an aghaidh an Tighearna nì a chridhe gearan.
4
Nì saoibhreas mòran chàirdean; ach sgarar am bochd o a charaid.
5
Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus an tì a labhras breugan, cha tèid e as.
6
Iarraidh mòran deagh-ghean an duine mhòir; agus bidh gach duine na charaid do fhear nan tìodhlac.
7
Bheir uile bhràithrean an duine bhochd fuath dha: nach mò na sin a thèid a chàirdean am fad uaithe? Leanaidh e iad le briathran, ach tha iad a dhìth air.
8
An tì a gheibh gliocas, gràdhaichidh e a anam fhèin; an tì a ghleidheas tuigse, gheibh e math.
9
Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus sgriosar an tì a labhras breugan.
10
Chan eil aoibhneas iomchaidh do amadan; is lugha na sin do sheirbhiseach riaghladh os cionn uachdaran.
11
Nì tuigse duine mall a‑chum feirge, agus is i a ghlòir amharc thairis air eucoir.
12
Mar bheucaich leòmhainn tha fearg rìgh; ach mar dhrùchd air feur tha a dheagh-ghean.
13
Is adhbhar doilgheis da athair mac amaideach; agus mar shìor-shileadh uisge tha aimhreitean mnà.
14
Is iad oighreachd athraichean taigh agus saoibhreas; ach is ann on Tighearna a tha bean chiallach.
15
Bheir leisg air duine tuiteam ann an trom chadal; agus fuilingidh an t‑anam dìomhanach acras.
16
An tì a ghleidheas an àithne, gleidhidh e a anam fhèin; ach an tì a nì tàir air a shlighean gheibh e bàs.
17
An tì a ghabhas truas den bhochd, bheir e air iasad don Tighearna; agus an nì a bheir e uaithe, ìocaidh e dha a‑rìs.
18
Smachdaich do mhac am feadh a tha dòchas da thaobh, agus na caomhnadh d’anam airson a ghearain.
19
Fuilingidh fear na feirge mòire peanas; oir ma shaoras tu e, feumaidh tu a dhèanamh a‑rìs.
20
Eisd ri comhairle, agus gabh fòghlam, a‑chum gum bi thu glic ann ad làithean deireannach.
21
Is lìonmhor na smuaintean ann an cridhe duine; ach is i comhairle an Tighearna a sheasas.
22
Is e tlachd duine a choibhneas; agus is fheàrr duine bochd na breugaire.
23
Treòraichidh eagal an Tighearna gu beatha, agus gheibh esan a bhios air a lìonadh leis fois; chan fhiosraichear le olc e.
24
Falaichidh an leisgean a làmh na bhroilleach; uiread is a‑chum a bheòil cha tabhair e i a‑rìs.
25
Buail fear-fochaid, agus bidh an duine neo-gheur air a fhaicill; agus cronaich duine tuigseach, agus tuigidh e eòlas.
26
An tì a chreachas a athair, agus a dh’fhògras a mhàthair, is mac a bheir nàire agus masladh e.
27
Sguir, a mhic, a dh’èisdeachd ris an teagasg a chuireas air seachran o bhriathran an eòlais.
28
Nì fianais aingidh tarcais air breitheanas; agus sluigidh beul dhroch dhaoine euceart.
29
Dh’ullaicheadh breitheanais do luchd-fochaid, agus buillean do dhruim nan amadan.











Gnàth-fhacal 19:1

Gnàth-fhacal 19:2

Gnàth-fhacal 19:3

Gnàth-fhacal 19:4

Gnàth-fhacal 19:5

Gnàth-fhacal 19:6

Gnàth-fhacal 19:7

Gnàth-fhacal 19:8

Gnàth-fhacal 19:9

Gnàth-fhacal 19:10

Gnàth-fhacal 19:11

Gnàth-fhacal 19:12

Gnàth-fhacal 19:13

Gnàth-fhacal 19:14

Gnàth-fhacal 19:15

Gnàth-fhacal 19:16

Gnàth-fhacal 19:17

Gnàth-fhacal 19:18

Gnàth-fhacal 19:19

Gnàth-fhacal 19:20

Gnàth-fhacal 19:21

Gnàth-fhacal 19:22

Gnàth-fhacal 19:23

Gnàth-fhacal 19:24

Gnàth-fhacal 19:25

Gnàth-fhacal 19:26

Gnàth-fhacal 19:27

Gnàth-fhacal 19:28

Gnàth-fhacal 19:29







Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1

Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2

Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3

Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4

Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5

Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6

Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7

Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8

Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9

Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10

Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11

Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12

Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13

Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14

Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15

Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16

Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17

Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18

Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19

Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20

Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21

Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22

Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23

Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24

Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25

Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26

Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27

Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28

Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29

Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30

Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31