A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnàth-fhacal 18



1
A reir a thograidh iarraidh esan a sgaras e fhèin, agus buinidh e ris gach gliocas.
2
Chan eil tlachd aig an amadan ann an tuigse, ach gum foillsicheadh a chridhe e fhèin.
3
Nuair a thig an t‑aingidh, thig mar an ceudna tarcais, agus maille ri mì‑chliù masladh.
4
Mar uisgeachan domhain tha briathran beul duine; mar shruth sgaoilteach tha tobar a’ ghliocais.
5
Chan eil e math gabhail ri gnùis an droch dhuine, a‑chum am fìrean a thilgeadh bun-os‑cionn ann am breitheanas.
6
Thèid bilean an amadain ann an aimhreit, agus gairmidh a bheul air buillean.
7
Is e beul amadain a sgrios, agus is iad a bhilean ribe a anama fhèin.
8
Tha briathran fear na cagarsaich mar lotan, agus thèid iad sìos gu ionadan ìochdarach a’ chuim.
9
Mar an ceudna an tì sin a tha leisg na obair, is bràthair e don mhilltear mhòr.
10
Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.
11
Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir, agus mar bhalla àrd na bheachd fhèin.
12
Ro sgrios bidh cridhe duine uaibhreach, agus ro urram bidh irioslachd.
13
An tì a bheir freagradh ann an cùis mun cluinn e i, is amaideachd agus nàire dha e.
14
Giùlainidh spiorad duine a laigse: ach cò as urrainn spiorad briste a ghiùlan?
15
Gheibh cridhe an duine chrìonna eòlas; agus iarraidh cluas nan daoine glice eòlas.
16
Nì tìodhlac duine àite dha, agus bheir e an làthair dhaoine mòra e.
17
Saoilear gu bheil a’ chòir aigesan a tha air thoiseach ann an agairt a chùise; ach thig a choimhearsnach, agus rannsaichidh e e.
18
Bheir an crannchur air aimhreitean sgur, agus roinnidh e eadar na cumhachdaich.
19
Tha bràthair air a bhrosnachadh nas cruaidhe ra chosnadh na cathair làidir; agus tha aimhreitean bhràithrean mar chroinn lùchairt.
20
Le toradh beul duine lìonar a bhrù; agus le toradh a bhilean sàsaichear e.
21
Tha bàs agus beatha ann an cumhachd na teangaidh; agus ithidh esan leis an ionmhainn i de a toradh.
22
An tì a dh’amaiseas air mnaoi, amaisidh e air nì math, agus gheibh e deagh-ghean on Tighearna.
23
Le impidhean labhraidh an duine bochd; ach freagraidh an duine saoibhir gu garbh.
24
Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.











Gnàth-fhacal 18:1

Gnàth-fhacal 18:2

Gnàth-fhacal 18:3

Gnàth-fhacal 18:4

Gnàth-fhacal 18:5

Gnàth-fhacal 18:6

Gnàth-fhacal 18:7

Gnàth-fhacal 18:8

Gnàth-fhacal 18:9

Gnàth-fhacal 18:10

Gnàth-fhacal 18:11

Gnàth-fhacal 18:12

Gnàth-fhacal 18:13

Gnàth-fhacal 18:14

Gnàth-fhacal 18:15

Gnàth-fhacal 18:16

Gnàth-fhacal 18:17

Gnàth-fhacal 18:18

Gnàth-fhacal 18:19

Gnàth-fhacal 18:20

Gnàth-fhacal 18:21

Gnàth-fhacal 18:22

Gnàth-fhacal 18:23

Gnàth-fhacal 18:24







Gnàth-fhacal 1 / ChNg 1

Gnàth-fhacal 2 / ChNg 2

Gnàth-fhacal 3 / ChNg 3

Gnàth-fhacal 4 / ChNg 4

Gnàth-fhacal 5 / ChNg 5

Gnàth-fhacal 6 / ChNg 6

Gnàth-fhacal 7 / ChNg 7

Gnàth-fhacal 8 / ChNg 8

Gnàth-fhacal 9 / ChNg 9

Gnàth-fhacal 10 / ChNg 10

Gnàth-fhacal 11 / ChNg 11

Gnàth-fhacal 12 / ChNg 12

Gnàth-fhacal 13 / ChNg 13

Gnàth-fhacal 14 / ChNg 14

Gnàth-fhacal 15 / ChNg 15

Gnàth-fhacal 16 / ChNg 16

Gnàth-fhacal 17 / ChNg 17

Gnàth-fhacal 18 / ChNg 18

Gnàth-fhacal 19 / ChNg 19

Gnàth-fhacal 20 / ChNg 20

Gnàth-fhacal 21 / ChNg 21

Gnàth-fhacal 22 / ChNg 22

Gnàth-fhacal 23 / ChNg 23

Gnàth-fhacal 24 / ChNg 24

Gnàth-fhacal 25 / ChNg 25

Gnàth-fhacal 26 / ChNg 26

Gnàth-fhacal 27 / ChNg 27

Gnàth-fhacal 28 / ChNg 28

Gnàth-fhacal 29 / ChNg 29

Gnàth-fhacal 30 / ChNg 30

Gnàth-fhacal 31 / ChNg 31