1 |
A reir a thograidh iarraidh esan a sgaras e fhèin, agus buinidh e ris gach gliocas. |
2 |
Chan eil tlachd aig an amadan ann an tuigse, ach gum foillsicheadh a chridhe e fhèin. |
3 |
Nuair a thig an t‑aingidh, thig mar an ceudna tarcais, agus maille ri mì‑chliù masladh. |
4 |
Mar uisgeachan domhain tha briathran beul duine; mar shruth sgaoilteach tha tobar a’ ghliocais. |
5 |
Chan eil e math gabhail ri gnùis an droch dhuine, a‑chum am fìrean a thilgeadh bun-os‑cionn ann am breitheanas. |
6 |
Thèid bilean an amadain ann an aimhreit, agus gairmidh a bheul air buillean. |
7 |
Is e beul amadain a sgrios, agus is iad a bhilean ribe a anama fhèin. |
8 |
Tha briathran fear na cagarsaich mar lotan, agus thèid iad sìos gu ionadan ìochdarach a’ chuim. |
9 |
Mar an ceudna an tì sin a tha leisg na obair, is bràthair e don mhilltear mhòr. |
10 |
Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte. |
11 |
Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir, agus mar bhalla àrd na bheachd fhèin. |
12 |
Ro sgrios bidh cridhe duine uaibhreach, agus ro urram bidh irioslachd. |
13 |
An tì a bheir freagradh ann an cùis mun cluinn e i, is amaideachd agus nàire dha e. |
14 |
Giùlainidh spiorad duine a laigse: ach cò as urrainn spiorad briste a ghiùlan? |
15 |
Gheibh cridhe an duine chrìonna eòlas; agus iarraidh cluas nan daoine glice eòlas. |
16 |
Nì tìodhlac duine àite dha, agus bheir e an làthair dhaoine mòra e. |
17 |
Saoilear gu bheil a’ chòir aigesan a tha air thoiseach ann an agairt a chùise; ach thig a choimhearsnach, agus rannsaichidh e e. |
18 |
Bheir an crannchur air aimhreitean sgur, agus roinnidh e eadar na cumhachdaich. |
19 |
Tha bràthair air a bhrosnachadh nas cruaidhe ra chosnadh na cathair làidir; agus tha aimhreitean bhràithrean mar chroinn lùchairt. |
20 |
Le toradh beul duine lìonar a bhrù; agus le toradh a bhilean sàsaichear e. |
21 |
Tha bàs agus beatha ann an cumhachd na teangaidh; agus ithidh esan leis an ionmhainn i de a toradh. |
22 |
An tì a dh’amaiseas air mnaoi, amaisidh e air nì math, agus gheibh e deagh-ghean on Tighearna. |
23 |
Le impidhean labhraidh an duine bochd; ach freagraidh an duine saoibhir gu garbh. |
24 |
Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Gnàth-fhacal 18:1 |
Gnàth-fhacal 18:2 |
Gnàth-fhacal 18:3 |
Gnàth-fhacal 18:4 |
Gnàth-fhacal 18:5 |
Gnàth-fhacal 18:6 |
Gnàth-fhacal 18:7 |
Gnàth-fhacal 18:8 |
Gnàth-fhacal 18:9 |
Gnàth-fhacal 18:10 |
Gnàth-fhacal 18:11 |
Gnàth-fhacal 18:12 |
Gnàth-fhacal 18:13 |
Gnàth-fhacal 18:14 |
Gnàth-fhacal 18:15 |
Gnàth-fhacal 18:16 |
Gnàth-fhacal 18:17 |
Gnàth-fhacal 18:18 |
Gnàth-fhacal 18:19 |
Gnàth-fhacal 18:20 |
Gnàth-fhacal 18:21 |
Gnàth-fhacal 18:22 |
Gnàth-fhacal 18:23 |
Gnàth-fhacal 18:24 |
|
|
|
|
|
|
Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1 |
Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2 |
Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3 |
Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4 |
Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5 |
Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6 |
Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7 |
Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8 |
Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9 |
Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10 |
Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11 |
Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12 |
Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13 |
Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14 |
Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15 |
Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16 |
Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17 |
Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18 |
Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19 |
Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20 |
Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21 |
Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22 |
Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23 |
Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24 |
Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25 |
Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26 |
Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27 |
Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28 |
Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29 |
Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30 |
Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31 |