A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnàth-fhacal 16



1
Tha deasachadh cridhe duine agus freagradh na teangaidh on Tighearna.
2
Tha uile shlighean duine glan na shùilean fhèin; ach cothromaichidh an Tighearna na spioradan.
3
Thoir d’obraichean thairis don Tighearna, agus daingnichear do smuaintean.
4
Rinn an Tighearna gach nì air a shon fhèin, agus mar an ceudna an t‑aingidh airson là an uilc.
5
Is gràinealachd don Tighearna gach neach a tha uaibhreach na chridhe: ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi e gun pheanas.
6
Trìd tròcair agus fìrinn glanar euceart; agus trìd eagal an Tighearna trèigear an t‑olc.
7
Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris.
8
Is fheàrr beagan le ionracas, na teachd-a‑steach mòr gun cheartas.
9
Smaoinichidh cridhe duine air a shlighe; ach is e an Tighearna a stiùras a cheuman.
10
Tha fàistneachd air bilean an rìgh: ann am breitheanas cha dèan a bheul euceart.
11
Is leis an Tighearna tomhaisean agus meidhean cearta: is iad uile chlachan-tomhais a’ mhàla a obair-san.
12
Is gràinealachd do rìghrean aingidheachd a dhèanamh; oir le ionracas daingnichear an rìgh-chathair.
13
Is taitneach do rìghrean bilean an ionracais; agus is ionmhainn leo esan a labhras nithean cearta.
14
Tha fearg rìgh mar theachdairean bàis; ach ciùinichidh duine glic i.
15
Ann an solas gnùis rìgh tha beatha; agus tha a dheagh-ghean mar neul an uisge dheireannaich.
16
Cia mòr as fheàrr gliocas fhaotainn na òr; agus as roghnaiche tuigse fhaotainn na airgead?
17
Is e rathad mòr nan ionraic an t‑olc a thrèigsinn: an tì a choimheadas a shlighe, gleidhidh e a anam.
18
Ro sgrios thèid uabhar; agus ro leagadh, spiorad àrdanach.
19
Is fheàrr a bhith de spiorad iriosal maille riùsan a tha ciùin, na a’ chreach a roinn maille ris na h‑uaibhrich.
20
An tì a nì gnothach gu tuigseach, gheibh e math: agus an tì a dh’earbas as an Tighearna is sona e.
21
Goirear duine crìonna den tì a tha glic na chridhe; agus meudaichidh mìlse nam bilean fòghlam.
22
Is tobar beatha an tuigse don tì aig a bheil i; ach is amaideachd fòghlam nan amadan.
23
Nì cridhe an duine ghlic a bheul tuigseach, agus air a bhilean cuiridh e fòghlam.
24
Mar chìr-mheala tha briathran taitneach, milis don anam agus nan slàinte do na cnàmhan.
25
Tha slighe ann a tha ceart ann an sealladh duine; ach is iad slighean a’ bhàis a crìoch.
26
An tì a shaothraicheas, saothraichidh e air a shon fhèin; oir iarraidh a bheul air e.
27
Cladhaichidh an duine neo-dhiadhaidh olc; agus air a bhilean bidh mar theine loisgeach.
28
Togaidh an duine fiar aimhreit; agus dealaichidh fear na cagarsaich càirdean sònraichte.
29
Meallaidh fear an fhòirneirt a choimhearsnach, agus bheir e air imeachd air slighe nach eil math.
30
Druididh e a shùilean a‑chum smaoineachadh air nithean fiara; a’ gluasad a bhilean, bheir e olc gu crìch.
31
Is coron glòire an ceann liath a gheibhear ann an slighe an ionracais.
32
Is fheàrr an tì a tha mall a‑chum feirge na gaisgeach; agus an tì a riaghlas a spiorad fhèin na esan a ghlacas àrd-bhaile.
33
Anns an uchd tilgear an crannchur; ach is ann on Tighearna a tha a riaghladh gu lèir.











Gnàth-fhacal 16:1

Gnàth-fhacal 16:2

Gnàth-fhacal 16:3

Gnàth-fhacal 16:4

Gnàth-fhacal 16:5

Gnàth-fhacal 16:6

Gnàth-fhacal 16:7

Gnàth-fhacal 16:8

Gnàth-fhacal 16:9

Gnàth-fhacal 16:10

Gnàth-fhacal 16:11

Gnàth-fhacal 16:12

Gnàth-fhacal 16:13

Gnàth-fhacal 16:14

Gnàth-fhacal 16:15

Gnàth-fhacal 16:16

Gnàth-fhacal 16:17

Gnàth-fhacal 16:18

Gnàth-fhacal 16:19

Gnàth-fhacal 16:20

Gnàth-fhacal 16:21

Gnàth-fhacal 16:22

Gnàth-fhacal 16:23

Gnàth-fhacal 16:24

Gnàth-fhacal 16:25

Gnàth-fhacal 16:26

Gnàth-fhacal 16:27

Gnàth-fhacal 16:28

Gnàth-fhacal 16:29

Gnàth-fhacal 16:30

Gnàth-fhacal 16:31

Gnàth-fhacal 16:32

Gnàth-fhacal 16:33







Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1

Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2

Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3

Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4

Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5

Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6

Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7

Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8

Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9

Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10

Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11

Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12

Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13

Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14

Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15

Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16

Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17

Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18

Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19

Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20

Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21

Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22

Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23

Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24

Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25

Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26

Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27

Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28

Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29

Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30

Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31