A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnàth-fhacal 15



1
Tillidh freagradh mìn corraich; ach dùisgidh briathran garga fearg.
2
Cuiridh teanga nan daoine glice an cèill eòlas gu ceart; ach dòirtidh beul nan amadan a‑mach amaideachd.
3
Tha sùilean an Tighearna anns gach àite, ag amharc air na droch dhaoine agus air na deagh dhaoine.
4
Is craobh beatha teanga fhallain; ach is briseadh spioraid fiaradh innte.
5
Nì amadan tàir air teagasg a athar; ach is ciallach an tì a bheir an aire do achmhasan.
6
Ann an taigh an fhìrein tha mòran ionmhais; ach ann an teachd-a‑steach an aingidh tha buaireas.
7
Sgaoilidh bilean nan daoine glice eòlas; ach cha dèan cridhe nan amadan mar sin.
8
Is gràinealachd don Tighearna ìobairt nan aingidh; ach is i ùrnaigh nan ionraic a thlachd.
9
Is gràinealachd don Tighearna slighe an aingidh; ach is ionmhainn leis an tì a leanas an dèidh fìreantachd.
10
Is searbh smachdachadh dhàsan a thrèigeas an t‑slighe; ach gheibh esan lem fuathach achmhasan, bàs.
11
Tha ifrinn agus sgrios fa chomhair an Tighearna: cia mòr as mò na sin cridheachan clann nan daoine?
12
Cha toigh le fear-fochaid esan a chronaicheas e; agus a dh’ionnsaigh dhaoine glice cha tèid e.
13
Nì cridhe subhach gnùis shuilbhir; ach le bròn a chridhe brisear an spiorad.
14
Iarraidh cridhe an duine thuigsich eòlas; ach beathaichear beul nan amadan le amaideachd.
15
Tha uile làithean an duine thruaigh olc; ach is cuirm a‑ghnàth an cridhe ait.
16
Is fheàrr beagan le eagal an Tighearna na ionmhas mòr agus buaireas leis.
17
Is fheàrr tràth de luibhean, far am bi gràdh, na damh biadhte agus fuath leis.
18
Dùisgidh fear feargach connsachadh; ach esan a tha mall a‑chum feirge, ciùinichidh e aimhreit.
19
Tha slighe an leisgein mar ghàrradh droighinn; ach tha rathad nan ionraic air a dhèanamh rèidh.
20
Nì mac glic athair aoibhneach; ach nì mac amaideach tàir air a mhàthair.
21
Is adhbhar aoibhneis amaideachd dhàsan a tha as eugmhais gliocais; ach imichidh fear na tuigse gu dìreach.
22
Gun chomhairle, thig rùintean gu neoni; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach daingnichear iad.
23
Bidh aoibhneas aig duine le freagradh a bheòil; agus facal na thràth, cia math e!
24
Tha slighe na beatha shuas don duine ghlic, a‑chum dol as o ifrinn shìos.
25
Sgriosaidh an Tighearna taigh nan uaibhreach; ach daingnichidh e crìoch na bantraich.
26
Is gràinealachd don Tighearna smuaintean dhroch dhaoine; ach is briathran taitneach briathran nam fìorghlan.
27
Bheir esan buaireas air a thaigh fhèin a tha sanntach air buannachd, ach bidh esan lem fuathach duais-bhratha, beò.
28
Smaoinichidh cridhe an fhìrein cionnas as còir dha freagradh; ach dòirtidh beul nan aingidh a‑mach droch nithean.
29
Tha an Tighearna fada o na h‑aingidh; ach èisdidh e ri ùrnaigh nam fìrean.
30
Nì solas nan sùl an cridhe aoibhneach; agus bheir deagh chliù smior do na cnàmhan.
31
Gabhaidh a’ chluas a dh’èisdeas ri achmhasan na beatha còmhnaidh am measg nan daoine glice.
32
An tì a dhiùltas fòghlam, nì e tàir air a anam fhèin; ach an tì a dh’èisdeas ri achmhasan, gheibh e tuigse.
33
Is e eagal an Tighearna fòghlam a’ ghliocais; agus ro urram tha irioslachd.











Gnàth-fhacal 15:1
Gnàth-fhacal 15:2
Gnàth-fhacal 15:3
Gnàth-fhacal 15:4
Gnàth-fhacal 15:5
Gnàth-fhacal 15:6
Gnàth-fhacal 15:7
Gnàth-fhacal 15:8
Gnàth-fhacal 15:9
Gnàth-fhacal 15:10
Gnàth-fhacal 15:11
Gnàth-fhacal 15:12
Gnàth-fhacal 15:13
Gnàth-fhacal 15:14
Gnàth-fhacal 15:15
Gnàth-fhacal 15:16
Gnàth-fhacal 15:17
Gnàth-fhacal 15:18
Gnàth-fhacal 15:19
Gnàth-fhacal 15:20
Gnàth-fhacal 15:21
Gnàth-fhacal 15:22
Gnàth-fhacal 15:23
Gnàth-fhacal 15:24
Gnàth-fhacal 15:25
Gnàth-fhacal 15:26
Gnàth-fhacal 15:27
Gnàth-fhacal 15:28
Gnàth-fhacal 15:29
Gnàth-fhacal 15:30
Gnàth-fhacal 15:31
Gnàth-fhacal 15:32
Gnàth-fhacal 15:33






Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1
Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2
Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3
Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4
Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5
Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6
Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7
Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8
Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9
Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10
Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11
Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12
Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13
Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14
Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15
Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16
Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17
Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18
Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19
Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20
Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21
Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22
Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23
Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24
Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25
Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26
Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27
Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28
Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29
Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30
Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31