A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnàth-fhacal 14



1
Cuiridh gach bean ghlic a taigh suas; ach leagaidh a’ bhean amaideach sìos e le a làmhan fhèin.
2
Esan a ghluaiseas na ionracas bidh eagal an Tighearna air; ach esan a tha fiar na shlighean nì e tàir air.
3
Ann am beul an amadain tha slat uabhair; ach gleidhidh bilean nan daoine glice iad.
4
Far nach bi daimh, bidh a’ phrasach glan; ach bidh fàs mòr le neart an daimh.
5
Cha dèan an fhianais dhìleas breug; ach labhraidh an fhianais chealgach breugan.
6
Iarraidh fear na fochaid gliocas, agus chan fhaigh e; ach don tì a thuigeas tha eòlas furasda.
7
Imich à làthair an duine amaidich, nuair nach mothaich thu ann bilean an eòlais.
8
Is e gliocas an duine chiallaich a shlighe a thuigsinn; ach is cealg amaideachd nan amadan.
9
Nì amadain magadh den pheacadh; ach am measg nam fìrean tha deagh-ghean.
10
Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.
11
Tilgear taigh nan aingidh bun-os‑cionn; ach thig pàillean nan ionraic fo bhlàth.
12
Tha slighe ann a chìthear dìreach le duine; ach is iad a crìoch slighean a’ bhàis.
13
Ann an gàire fhèin bidh an cridhe brònach; agus is e deireadh an t‑subhachais sin tùirse.
14
Le a shlighean fhèin lìonar esan a thionndaidh air ais na chridhe; agus uaithe fhèin sàsaichear an duine math.
15
Creididh an duine baoghalta gach facal; ach bheir an duine ciallach an aire da cheum.
16
Bidh eagal air an duine ghlic; agus trèigidh e an t‑olc; ach tha an t‑amadan borb agus dàn.
17
An tì air am bi fearg gu h‑obann, nì e gu h‑amaideach; agus fuathaichear fear nan droch innleachd.
18
Sealbhaichidh daoine baoghalta amaideachd mar oighreachd; ach crùnar na daoine ciallach le eòlas.
19
Cromaidh droch dhaoine an làthair dhaoine matha, agus na h‑aingidh aig geatachan an fhìrein.
20
Eadhon le a choimhearsnach fhèin fuathaichear duine bochd; ach is lìonmhor iad leis an ionmhainn an duine saoibhir.
21
An tì a nì tàir air a choimhearsnach, peacaichidh e; ach is sona an tì a ghabhas truas de na bochdan.
22
Nach tèid iadsan air seachran a dhealbhas an t‑olc? Ach bidh tròcair agus fìrinn acasan a dhealbhas am math.
23
Anns gach saothair bidh tairbhe; ach thig cainnt nam bilean a‑mhàin gu uireasbhaidh.
24
Is e crùn nan daoine glice an saoibhreas; ach is amaideachd amaideachd nan amadan.
25
Saoraidh fianais fhìor anaman; ach labhraidh fianais chealgach breugan.
26
Ann an eagal an Tighearna tha adhbhar earbsa làidir; agus aig a chloinn bidh dìdean.
27
Is e eagal an Tighearna tobar na beatha, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis.
28
Ann an lìonmhorachd sluaigh tha urram an rìgh; ach ann an dìth sluaigh tha milleadh an uachdarain.
29
An tì a tha mall a‑chum feirge, tha e pailt ann an tuigse; ach esan a tha dian na spiorad, àrdaichidh e amaideachd.
30
Is e beatha na feòla cridhe fallain; ach is e lobhadh nan cnàmh am farmad.
31
An tì a shàraicheas am feumach, maslaichidh e a Chruithear; ach bheir an tì sin urram dha, a ghabhas truas den bhochd.
32
Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs.
33
Ann an cridhe an duine thuigsich gabhaidh gliocas tàmh; ach aithnichear an nì a tha an taobh a‑staigh nan amadan.
34
Ardaichidh fìreantachd cinneach; ach is e am peacadh masladh sluaigh air bith.
35
Bidh deagh-ghean an rìgh aig seirbhiseach glic; ach bidh a fhearg na aghaidh-san a bhios na adhbhar nàire.











Gnàth-fhacal 14:1
Gnàth-fhacal 14:2
Gnàth-fhacal 14:3
Gnàth-fhacal 14:4
Gnàth-fhacal 14:5
Gnàth-fhacal 14:6
Gnàth-fhacal 14:7
Gnàth-fhacal 14:8
Gnàth-fhacal 14:9
Gnàth-fhacal 14:10
Gnàth-fhacal 14:11
Gnàth-fhacal 14:12
Gnàth-fhacal 14:13
Gnàth-fhacal 14:14
Gnàth-fhacal 14:15
Gnàth-fhacal 14:16
Gnàth-fhacal 14:17
Gnàth-fhacal 14:18
Gnàth-fhacal 14:19
Gnàth-fhacal 14:20
Gnàth-fhacal 14:21
Gnàth-fhacal 14:22
Gnàth-fhacal 14:23
Gnàth-fhacal 14:24
Gnàth-fhacal 14:25
Gnàth-fhacal 14:26
Gnàth-fhacal 14:27
Gnàth-fhacal 14:28
Gnàth-fhacal 14:29
Gnàth-fhacal 14:30
Gnàth-fhacal 14:31
Gnàth-fhacal 14:32
Gnàth-fhacal 14:33
Gnàth-fhacal 14:34
Gnàth-fhacal 14:35






Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1
Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2
Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3
Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4
Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5
Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6
Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7
Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8
Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9
Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10
Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11
Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12
Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13
Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14
Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15
Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16
Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17
Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18
Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19
Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20
Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21
Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22
Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23
Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24
Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25
Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26
Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27
Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28
Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29
Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30
Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31