A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnàth-fhacal 10



1
Gnàth-fhacail Sholaimh. Nì mac glic athair subhach; ach is e mac amaideach dubhachas a mhàthar.
2
Chan eil tairbhe ann an ionmhasan aingidheachd; ach saoraidh ionracas on bhàs.
3
Cha leig an Tighearna le anam an ionraic gort fhulang; ach sgaoilidh e maoin nan aingidh.
4
Nì làmh na leisge bochd; ach nì làmh nan dìcheallach beartach.
5
Esan a chruinnicheas anns an t‑samhradh, is mac glic e; ach esan a chaidleas anns an fhogharadh, is mac maslach e.
6
Bidh beannachdan air ceann an fhìrein; ach còmhdaichidh fòirneart beul nan aingidh.
7
Bidh cuimhne an fhìrein beannaichte; ach lobhaidh ainm nan aingidh.
8
Gabhaidh esan a tha glic na chridhe àitheantan; ach tuitidh an t‑amadan bith-bhriathrach.
9
Esan a ghluaiseas ann an ionracas, gluaisidh e gu tèarainte; ach esan a chlaonas a shlighean, aithnichear e.
10
Esan a chaogas le a shùil, bheir e bròn: agus tuitidh an t‑amadan bith-bhriathrach.
11
Is tobar beatha beul an fhìrein; ach còmhdaichidh fòirneart beul nan aingidh.
12
Dùisgidh fuath aimhreitean; ach falaichidh gràdh gach coire.
13
Ann am bilean an duine thuigsich gheibhear gliocas; ach tha slat airson druim an tì a tha as eugmhais tuigse.
14
Ceilidh daoine glice nas aithne dhaibh; ach tha beul an amadain dlùth do sgrios.
15
Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir; is e milleadh nam bochd an uireasbhaidh.
16
Tha saothair an fhìrein a‑chum beatha; teachd-a‑steach an aingidh a‑chum peacaidh.
17
Tha esan a choimheadeas fòghlam anns an t‑slighe gu beatha; ach tha esan a dhiùltas achmhasan air seachran.
18
Esan a cheileas fuath le bilean cealgach, agus esan a labhras mì‑chliù, is amadan e.
19
Ann an lìonmhorachd bhriathar cha bhithear saor o pheacadh; ach tha esan a chaisgeas a bhilean glic.
20
Mar airgead taghte tha teanga an fhìrein; ach tha cridhe nan aingidh mar nì nach fiù.
21
Beathaichidh bilean an fhìrein mòran; ach eugaidh na h‑amadain a dhìth tuigse.
22
Nì beannachadh an Tighearna saoibhir, agus cha chuir e doilgheas na chuideachd.
23
Tha e mar shùgradh don amadan olc a dhèanamh; ach tha gliocas aig fear na tuigse.
24
An nì as eagal leis an aingidh, thig e air; ach deònaichear miann nam fìrean.
25
Mar a thèid an iomaghaoth thairis, mar sin cha bhi an droch dhuine nas mò; ach is bunait sìorraidh am fìrean.
26
Mar fhìon-geur do na fiaclan, agus mar dheataich do na sùilean, mar sin tha leisgean dhaibhsan a chuireas uapa e.
27
Cuiridh eagal an Tighearna ri làithean duine; ach giorraichear bliadhnachan nan aingidh.
28
Bidh dùil nam fìrean na adhbhar aoibhneis; ach thèid as do dhòchas nan aingidh.
29
Is neart do na h‑ionraic slighe an Tighearna; ach thig sgrios air luchd-dèanamh na h‑euceirt.
30
Cha ghluaisear am fìrean gu bràth; ach cha ghabh na h‑aingidh còmhnaidh air an talamh.
31
Bheir beul an fhìrein a‑mach gliocas; ach gearrar as an teanga fhiar.
32
Tha fhios aig bilean an fhìrein air an nì a tha taitneach; ach labhraidh beul nan aingidh nithean fiara.











Gnàth-fhacal 10:1

Gnàth-fhacal 10:2

Gnàth-fhacal 10:3

Gnàth-fhacal 10:4

Gnàth-fhacal 10:5

Gnàth-fhacal 10:6

Gnàth-fhacal 10:7

Gnàth-fhacal 10:8

Gnàth-fhacal 10:9

Gnàth-fhacal 10:10

Gnàth-fhacal 10:11

Gnàth-fhacal 10:12

Gnàth-fhacal 10:13

Gnàth-fhacal 10:14

Gnàth-fhacal 10:15

Gnàth-fhacal 10:16

Gnàth-fhacal 10:17

Gnàth-fhacal 10:18

Gnàth-fhacal 10:19

Gnàth-fhacal 10:20

Gnàth-fhacal 10:21

Gnàth-fhacal 10:22

Gnàth-fhacal 10:23

Gnàth-fhacal 10:24

Gnàth-fhacal 10:25

Gnàth-fhacal 10:26

Gnàth-fhacal 10:27

Gnàth-fhacal 10:28

Gnàth-fhacal 10:29

Gnàth-fhacal 10:30

Gnàth-fhacal 10:31

Gnàth-fhacal 10:32







Gnàth-fhacal 1 / GnFh 1

Gnàth-fhacal 2 / GnFh 2

Gnàth-fhacal 3 / GnFh 3

Gnàth-fhacal 4 / GnFh 4

Gnàth-fhacal 5 / GnFh 5

Gnàth-fhacal 6 / GnFh 6

Gnàth-fhacal 7 / GnFh 7

Gnàth-fhacal 8 / GnFh 8

Gnàth-fhacal 9 / GnFh 9

Gnàth-fhacal 10 / GnFh 10

Gnàth-fhacal 11 / GnFh 11

Gnàth-fhacal 12 / GnFh 12

Gnàth-fhacal 13 / GnFh 13

Gnàth-fhacal 14 / GnFh 14

Gnàth-fhacal 15 / GnFh 15

Gnàth-fhacal 16 / GnFh 16

Gnàth-fhacal 17 / GnFh 17

Gnàth-fhacal 18 / GnFh 18

Gnàth-fhacal 19 / GnFh 19

Gnàth-fhacal 20 / GnFh 20

Gnàth-fhacal 21 / GnFh 21

Gnàth-fhacal 22 / GnFh 22

Gnàth-fhacal 23 / GnFh 23

Gnàth-fhacal 24 / GnFh 24

Gnàth-fhacal 25 / GnFh 25

Gnàth-fhacal 26 / GnFh 26

Gnàth-fhacal 27 / GnFh 27

Gnàth-fhacal 28 / GnFh 28

Gnàth-fhacal 29 / GnFh 29

Gnàth-fhacal 30 / GnFh 30

Gnàth-fhacal 31 / GnFh 31