Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
Ecsodus 30
1
Agus nì thu altair a losgadh tùise oirre: de fhiodh sitim nì thu i:
2
Làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (ceithir-cheàrnach bidh i), agus dà làmh-choille a h‑àirde; bidh a h‑adhaircean den nì cheudna.
3
Agus còmhdaichidh tu thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean: agus nì thu dhi coron òir mun cuairt.
4
Agus dà fhailbheig òir nì thu dhi fo a coron: aig a dà oisinn nì thu iad, air a dà thaobh: agus bidh iad airson àiteachan do na bataichean a‑chum a giùlan leo.
5
Agus nì thu na bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr.
6
Agus cuiridh tu i fa chomhair an roinn-bhrat, a tha làimh ri àirc na Fianais; air beulaibh na cathair-thròcair, a tha os cionn na Fianais, far an coinnich mise thu.
7
Agus loisgidh Aaron tùis chùbhraidh oirre gach madainn: nuair a dheasaicheas e na lòchrain, loisgidh e tùis oirre.
8
Agus nuair a lasas Aaron na lòchrain mu fheasgar, loisgidh e tùis oirre; tùis bhithbhuan an làthair an Tighearna, air feadh ur ginealaichean.
9
Cha loisg sibh tùis choimheach sam bith oirre, no ìobairt-loisgte, no tabhartas-bìdh; cha mhò a dhòirteas sibh tabhartas-dibhe oirre.
10
Agus nì Aaron rèite air a h‑adhaircean aon uair anns a’ bhliadhna, le fuil ìobairt-pheacaidh na rèite: aon uair anns a’ bhliadhna nì e rèite oirre air feadh ur ginealaichean: tha i ro‑naomh don Tighearna.
11
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
12
Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad.
13
Seo bheir iad uapa, gach aon a thèid seachad nam measg-san a dh’àirmhear: leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: (is e secel fichead gerah:) leth seceil mar thabhartas don Tighearna.
14
Bheir gach aon a thèid seachad nam measg-san a dh’àirmhear, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, tabhartas don Tighearna.
15
Cha toir an saoibhir tuilleadh, agus cha toir am bochd nas lugha na leth seceil, nuair a bheir iad tabhartas don Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman.
16
Agus gabhaidh tu airgead na rèite o chloinn Israeil, agus cuiridh tu air leth e fa chomhair seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bidh e na chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman.
17
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
18
Nì thu mar an ceudna soitheach-ionnlaid de umha, agus a chas de umha, a‑chum ionnlaid: agus cuiridh tu e eadar pàillean a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann.
19
Agus ionnlaididh Aaron agus a mhic an làmhan agus an casan as.
20
Nuair a thèid iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail ionnlaididh iad iad fhèin le uisge, a‑chum is nach faigh iad bàs; no nuair a thig iad am fagas don altair a fhrithealadh, a losgadh tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna.
21
Agus ionnlaididh iad an làmhan agus an casan, a‑chum is nach faigh iad bàs: agus bidh e na òrdagh bith-bhuan dhaibh, eadhon dha fhèin agus da shliochd air feadh an ginealaichean.
22
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
23
Gabh-sa dhut fhèin, mar an ceudna, spìosraidh thaghte de mhirr fìorghlan, còig ceud secel, agus de chanal cùbhraidh a leth uiread, eadhon dà cheud agus lethcheud secel, agus de chalamas cùbhraidh dà cheud agus lethcheud secel.
24
Agus de chasia còig ceud secel, a rèir secel an ionaid naoimh, agus hin de ola a’ chroinn-ola.
25
Agus nì thu dheth ola-ungaidh naomh, ola-ungaidh co‑measgte a rèir ealdhain an lèigh; bidh i na h‑ola-ungaidh naoimh.
26
Agus ungaidh tu pàillean a’ choitheanail leatha, agus àirc na Fianais,
27
Agus am bòrd agus a shoithichean uile, agus an coinnleir agus a shoithichean, agus altair na tùise,
28
Agus altair na h‑ìobairt-loisgte agus a soithichean uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas.
29
Agus naomhaichidh tu iad, a‑chum is gum bi iad ro‑naomh: ge bè nì a bheanas riu, bidh e naomh.
30
Agus ungaidh tu Aaron agus a mhic, agus coisrigidh tu iad, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.
31
Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil ag ràdh, Bidh i seo na h‑ola-ungaidh naoimh dhòmhsa, air feadh ur ginealaichean.
32
Air feòil duine cha dòirtear i, cha mhò a nì sibh a leithid, a rèir a measgaidh: tha i naomh, agus naomh bidh i dhuibh.
33
Ge bè neach a mheasgas nì cosmhail rithe, agus ge bè neach a chuireas a’ bheag dhith air coigreach, gu deimhinn gearrar as o a shluagh e.
34
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh dhut spìosraidh chùbhraidh, stacte, agus onicha, agus galbanum; spìosraidh chùbhraidh maille ri tùis fhìorghlain: de gach aon dhiubh bidh an aon tomhas.
35
Agus nì thu boltrachan dheth, air a dhèanamh suas a rèir ealdhain an lèigh, co‑measgte, fìorghlan, naomh.
36
Agus bruthaidh tu cuid dheth ro‑mhìn, agus cuiridh tu cuid dheth fa chomhair na Fianais ann am pàillean a’ choitheanail, far an coinnich mise thu: ro‑naomh bidh e dhuibh.
37
Agus am boltrachan a nì thu, cha dèan sibh a leithid dhuibh fhèin, a rèir a mheasgaidh: bidh e dhutsa naomh don Tighearna.
38
Ge bè neach a nì a choslas, a ghabhail fàile uaithe, gearrar as o a shluagh e.
Ecsodus 30:1
Ecsodus 30:2
Ecsodus 30:3
Ecsodus 30:4
Ecsodus 30:5
Ecsodus 30:6
Ecsodus 30:7
Ecsodus 30:8
Ecsodus 30:9
Ecsodus 30:10
Ecsodus 30:11
Ecsodus 30:12
Ecsodus 30:13
Ecsodus 30:14
Ecsodus 30:15
Ecsodus 30:16
Ecsodus 30:17
Ecsodus 30:18
Ecsodus 30:19
Ecsodus 30:20
Ecsodus 30:21
Ecsodus 30:22
Ecsodus 30:23
Ecsodus 30:24
Ecsodus 30:25
Ecsodus 30:26
Ecsodus 30:27
Ecsodus 30:28
Ecsodus 30:29
Ecsodus 30:30
Ecsodus 30:31
Ecsodus 30:32
Ecsodus 30:33
Ecsodus 30:34
Ecsodus 30:35
Ecsodus 30:36
Ecsodus 30:37
Ecsodus 30:38
Ecsodus 1 / Ecs 1
Ecsodus 2 / Ecs 2
Ecsodus 3 / Ecs 3
Ecsodus 4 / Ecs 4
Ecsodus 5 / Ecs 5
Ecsodus 6 / Ecs 6
Ecsodus 7 / Ecs 7
Ecsodus 8 / Ecs 8
Ecsodus 9 / Ecs 9
Ecsodus 10 / Ecs 10
Ecsodus 11 / Ecs 11
Ecsodus 12 / Ecs 12
Ecsodus 13 / Ecs 13
Ecsodus 14 / Ecs 14
Ecsodus 15 / Ecs 15
Ecsodus 16 / Ecs 16
Ecsodus 17 / Ecs 17
Ecsodus 18 / Ecs 18
Ecsodus 19 / Ecs 19
Ecsodus 20 / Ecs 20
Ecsodus 21 / Ecs 21
Ecsodus 22 / Ecs 22
Ecsodus 23 / Ecs 23
Ecsodus 24 / Ecs 24
Ecsodus 25 / Ecs 25
Ecsodus 26 / Ecs 26
Ecsodus 27 / Ecs 27
Ecsodus 28 / Ecs 28
Ecsodus 29 / Ecs 29
Ecsodus 30 / Ecs 30
Ecsodus 31 / Ecs 31
Ecsodus 32 / Ecs 32
Ecsodus 33 / Ecs 33
Ecsodus 34 / Ecs 34
Ecsodus 35 / Ecs 35
Ecsodus 36 / Ecs 36
Ecsodus 37 / Ecs 37
Ecsodus 38 / Ecs 38
Ecsodus 39 / Ecs 39
Ecsodus 40 / Ecs 40