A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Ecsodus 29



1
Agus seo an nì a nì thu riu a‑chum an coisrigeadh, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt: Gabh aon tarbh òg, agus dà reithe gun ghaoid,
2
Agus aran neo-ghortaichte, agus breacagan neo-ghortaichte, coimeasgte le ola, agus gearragan neo-ghortaichte, ungte le ola; de fhlùr a’ chruithneachd nì thu iad.
3
Agus cuiridh tu iad ann an aon bhasgaid, agus bheir thu iad leat anns a’ bhasgaid, maille ris an tarbh òg agus an dà reithe.
4
Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras pàillean a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge.
5
Agus gabhaidh tu an t‑èideadh, agus cuiridh tu an còta air Aaron, agus fallaing na h‑èphoid, agus an èphod, agus an t‑uchd-èideadh, agus crioslaichidh tu e le crios rìomhach na h‑èphoid.
6
Agus cuiridh tu an crùn-sagairt air a cheann, agus an crùn naomh air a’ chrùn-shagairt.
7
Agus gabhaidh tu an ola-ungaidh, agus dòirtidh tu air a cheann i, agus ungaidh tu e.
8
Agus bheir thu leat a mhic, agus cuiridh tu còtaichean orra.
9
Agus crioslaichidh tu iad le criosan (Aaron agus a mhic), agus cuiridh tu na bonaidean orra: agus is leòsan dreuchd an t‑sagairt le reachd bith-bhuan: agus coisrigidh tu Aaron agus a mhic.
10
Agus bheir thu fa‑near an tarbh a thoirt gu beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh.
11
Agus marbhaidh tu an tarbh an làthair an Tighearna, làimh ri doras pàillean a’ choitheanail.
12
Agus gabhaidh tu de fhuil an tairbh, agus cuiridh tu i air adhaircean na h‑altarach led mheur, agus dòirtidh tu an fhuil uile aig bonn na h‑altarach.
13
Agus gabhaidh tu an t‑saill uile a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus loisgidh tu iad air an altair.
14
Ach feòil an tairbh agus a sheiche, agus a aolach loisgidh tu le teine an taobh a‑muigh den champ: is tabhartas-peacaidh e.
15
Gabhaidh tu mar an ceudna aon reithe, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.
16
Agus marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu a fhuil, agus crathaidh tu i mun cuairt air an altair.
17
Agus gearraidh tu an reithe na mhìrean, agus nighidh tu a mhionach, agus a chasan, agus cuiridh tu iad air a mhìrean, agus air a cheann.
18
Agus loisgidh tu an reithe uile air an altair; is tabhartas-loisgte e don Tighearna; fàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.
19
Agus gabhaidh tu an reithe eile, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.
20
An sin marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu de a fhuil, agus cuiridh tu i air bàrr cluas dheas Aaroin, agus air bàrr cluas dheas a mhac, agus air òrdaig an làimhe deise, agus air òrdaig an coise deise; agus crathaidh tu an fhuil air an altair mun cuairt.
21
Agus gabhaidh tu den fhuil a tha air an altair, agus den ola-ungaidh, agus crathaidh tu iad air Aaron, agus air a èideadh, agus air a mhic, agus air èideadh a mhac maille ris: agus coisrigear e fhèin, agus a èideadh, agus a mhic, agus èideadh a mhac maille ris.
22
Mar an ceudna, gabhaidh tu den reithe an t‑saill, agus bun an earbaill, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus sgairt nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus an slinnean deas; oir is reithe coisrigidh e.
23
Agus aon bhuileann arain, agus aon bhreacag arain le ola, agus aon ghearrag à basgaid an arain neo-ghortaichte a tha an làthair an Tighearna.
24
Agus cuiridh tu iad uile ann an làmhan Aaroin, agus ann an làmhan a mhac; agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna.
25
Agus gabhaidh tu iad bhàrr an làmh, agus loisgidh tu iad air an altair mar thabhartas-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh an làthair an Tighearna: is tabhartas e air a thoirt suas le teine don Tighearna.
26
Agus gabhaidh tu an t‑uchd o reithe coisrigeadh Aaroin, agus luaisgidh tu e mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna: agus bidh sin agadsa mar chuibhreann.
27
Agus naomhaichidh tu uchd an tabhartais-luaisgte agus slinnean an tabhartais-thogte, a chaidh a luasgadh, agus a thogail suas de reithe a’ choisrigidh, eadhon den nì sin as le Aaron, agus den nì sin a bhuineas da mhic.
28
Agus bidh e le Aaron agus le a mhic le reachd bithbhuan o chloinn Israeil; oir is tabhartas-togte e: agus bidh e na thabhartas-togte o chloinn Israeil de ìobairtean an tabhartasan-sìthe, eadhon an tabhartas-togte don Tighearna.
29
Agus is le mic Aaroin a èideadh naomh-san na dhèidh gu bhith air an ungadh ann, agus gu bhith air an coisrigeadh ann.
30
Seachd làithean cuiridh esan de a mhic air e, a bhios na shagart na àite, a thèid a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a fhrithealadh anns an ionad naomh.
31
Agus gabhaidh tu reithe a’ choisrigidh, agus bruithidh tu a fheòil anns an ionad naomh.
32
Agus ithidh Aaron agus a mhic feòil an reithe, agus an t‑aran a tha anns a’ bhasgaid, aig doras pàillean a’ choitheanail.
33
Agus ithidh iad na nithean sin leis an do rinneadh an rèite, a‑chum an coisrigeadh agus an naomhachadh: ach chan ith coigreach dhiubh, do bhrìgh gu bheil iad naomh.
34
Agus ma dh’fhàgar a’ bheag de fheòil a’ choisrigidh, no a’ bheag den aran, gus a’ mhadainn, an sin loisgidh tu am fuidheall le teine: chan ithear e, do bhrìgh gu bheil e naomh.
35
Agus nì thu mar seo ri Aaron, agus ra mhic, a rèir nan uile nithean a dh’àithn mise dhut: seachd làithean coisrigidh tu iad.
36
Agus bheir thu seachad gach là tarbh òg mar thabhartas-peacaidh, a‑chum rèite: agus glanaidh tu an altair, nuair a nì thu rèite air a son, agus ungaidh tu i a‑chum a naomhachadh.
37
Seachd làithean nì thu rèite airson na h‑altarach, agus naomhaichidh tu i; agus bidh i na h‑altair ro‑naomh: gach nì a bheanas ris an altair, naomhaichear e.
38
Agus seo an nì a bheir thu seachad air an altair; dà uan a dh’aois bliadhna, o là gu là an còmhnaidh.
39
Agus uan bheir thu seachad anns a’ mhadainn, agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar.
40
Agus maille ris an aon uan, an deicheamh cuid de fhlùr mìn measgte leis a’ cheathramh cuid de hin de ola bhrùite; agus an ceathramh cuid de hin de fhìon, mar thabhartas-dibhe.
41
Agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar, agus nì thu ris a rèir tabhartas-bìdh na maidne, agus a rèir a tabhartais-dibhe, mar fhàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.
42
Bidh seo na thabhartas-loisgte bithbhuan air feadh ur ginealaichean, aig doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna, far an coinnich mise sibh, a labhairt riutsa an sin.
43
Agus an sin coinnichidh mise clann Israeil, agus naomhaichear am pàillean lem ghlòir.
44
Agus naomhaichidh mi pàillean a’ choitheanail, agus an altair: naomhaichidh mi, mar an ceudna, Aaron agus a mhic, gu frithealadh dhomh ann an dreuchd an t‑sagairt.
45
Agus gabhaidh mi còmhnaidh am measg chloinn Israeil, agus bidh mi am Dhia aca.
46
Agus bidh fhios aca gur mise an Tighearna an Dia, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, a‑chum is gun gabh mi còmhnaidh nam measg: Is mise an Tighearna an Dia.











Ecsodus 29:1

Ecsodus 29:2

Ecsodus 29:3

Ecsodus 29:4

Ecsodus 29:5

Ecsodus 29:6

Ecsodus 29:7

Ecsodus 29:8

Ecsodus 29:9

Ecsodus 29:10

Ecsodus 29:11

Ecsodus 29:12

Ecsodus 29:13

Ecsodus 29:14

Ecsodus 29:15

Ecsodus 29:16

Ecsodus 29:17

Ecsodus 29:18

Ecsodus 29:19

Ecsodus 29:20

Ecsodus 29:21

Ecsodus 29:22

Ecsodus 29:23

Ecsodus 29:24

Ecsodus 29:25

Ecsodus 29:26

Ecsodus 29:27

Ecsodus 29:28

Ecsodus 29:29

Ecsodus 29:30

Ecsodus 29:31

Ecsodus 29:32

Ecsodus 29:33

Ecsodus 29:34

Ecsodus 29:35

Ecsodus 29:36

Ecsodus 29:37

Ecsodus 29:38

Ecsodus 29:39

Ecsodus 29:40

Ecsodus 29:41

Ecsodus 29:42

Ecsodus 29:43

Ecsodus 29:44

Ecsodus 29:45

Ecsodus 29:46







Ecsodus 1 / Ecs 1

Ecsodus 2 / Ecs 2

Ecsodus 3 / Ecs 3

Ecsodus 4 / Ecs 4

Ecsodus 5 / Ecs 5

Ecsodus 6 / Ecs 6

Ecsodus 7 / Ecs 7

Ecsodus 8 / Ecs 8

Ecsodus 9 / Ecs 9

Ecsodus 10 / Ecs 10

Ecsodus 11 / Ecs 11

Ecsodus 12 / Ecs 12

Ecsodus 13 / Ecs 13

Ecsodus 14 / Ecs 14

Ecsodus 15 / Ecs 15

Ecsodus 16 / Ecs 16

Ecsodus 17 / Ecs 17

Ecsodus 18 / Ecs 18

Ecsodus 19 / Ecs 19

Ecsodus 20 / Ecs 20

Ecsodus 21 / Ecs 21

Ecsodus 22 / Ecs 22

Ecsodus 23 / Ecs 23

Ecsodus 24 / Ecs 24

Ecsodus 25 / Ecs 25

Ecsodus 26 / Ecs 26

Ecsodus 27 / Ecs 27

Ecsodus 28 / Ecs 28

Ecsodus 29 / Ecs 29

Ecsodus 30 / Ecs 30

Ecsodus 31 / Ecs 31

Ecsodus 32 / Ecs 32

Ecsodus 33 / Ecs 33

Ecsodus 34 / Ecs 34

Ecsodus 35 / Ecs 35

Ecsodus 36 / Ecs 36

Ecsodus 37 / Ecs 37

Ecsodus 38 / Ecs 38

Ecsodus 39 / Ecs 39

Ecsodus 40 / Ecs 40