A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Ecsodus 21



1
A‑nis is iad seo na breitheanais a chuireas tu romhpa.
2
Ma cheannaicheas tu òglach Eabhraidheach, sia bliadhna nì e seirbhis; agus anns an t‑seachdamh thèid e a‑mach saor, an asgaidh.
3
Mas ann a‑mhàin leis fhèin a thàinig e a‑steach, leis fhèin thèid e a‑mach; ma bha bean aige, thèid mar an ceudna a bhean a‑mach maille ris.
4
Ma thug a mhaighistir bean dha, agus gun do rug i dha mic no nigheanan, bidh a’ bhean agus a clann aig a maighistir, agus thèid esan a‑mach leis fhèin.
5
Ach ma their an t‑òglach gu cinnteach, Is toigh leam mo mhaighistir, mo bhean, agus mo chlann, cha tèid mi a‑mach saor:
6
An sin bheir a mhaighistir e a‑chum nam britheamh; bheir e mar an ceudna a‑chum an dorais e, no a‑chum ursann an dorais, agus tollaidh a mhaighistir a chluas le minidh, agus nì e seirbhis dha gu bràth.
7
Agus ma reiceas duine a nighean gu bhith na banoglaich, cha tèid i a‑mach mar a thèid na h‑òglaich.
8
Mura taitinn i ra maighistir, a rinn ceangal-pòsaidh rithe, an sin bheir e fa‑near gum fuasglar i: ri cinneach coimheach cha bhi comas aige a reiceadh, do bhrìgh gun do bhuin e gu cealgach rithe.
9
Agus ma cheangail e ra mhac i, a rèir modh nan nighean nì e rithe.
10
Ma ghabhas e bean eile dha fhèin, a biadh, a h‑aodach, agus a dlighe-pòsaidh, cha lùghdaich e.
11
Agus mura dèan e na trì nithean sin rithe, an sin thèid i a‑mach saor gun airgead.
12
Esan a bhuaileas duine, air chor is gum bàsaich e, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
13
Agus mura do laigh duine am plaid, ach gun tug Dia thairis ga làimh e, an sin sònraichidh mise àite dhut don teich e.
14
Ach ma thig duine gu dàn air a choimhearsnach, ga mharbhadh le ceilg, om altair bheir thu e, a‑chum gum bàsaich e.
15
Agus esan a bhuaileas a athair, no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
16
Agus esan a ghoideas duine, agus a reiceas e, no ma gheibhear na làimh e, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
17
Agus esan a mhallaicheas a athair no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
18
Agus ma nì daoine còmhstri, agus gum buail duine a choimhearsnach le cloich, no le a dhòrn, agus nach faigh e bàs, ach gun gabh e a leabaidh:
19
Ma dh’èireas e, agus gun siubhail e a‑mach air a luirg, an sin saorar esan a bhuail e; a‑mhàin dìolaidh e airson call a ùine, agus bheir e fa‑near a leigheas gu h‑iomlan.
20
Agus ma bhuaileas duine a òglach no a bhanoglach le slait, agus gum bàsaich e fo a làimh, dìolar air gu deimhinn:
21
Ach ma mhaireas e beò là, no dà là, cha dìolar air; oir is e a airgead e.
22
Agus ma nì daoine còmhstri, agus gum buail iad bean thorrach, agus gun dealaich i ra cloinn, ach nach faigh i bàs; cuirear gu cinnteach ùnlagh air, a rèir mar a chuireas fear na mnà air, agus bheir e seachad mar a dh’òrdaicheas na britheamhan.
23
Ach ma gheibh i bàs, an sin bheir thu anam airson anama,
24
Sùil airson sùla, fiacail airson fiacla, làmh airson làimhe, cas airson coise,
25
Losgadh airson losgaidh, lot airson lotaidh, buille airson buille.
26
Agus ma bhuaileas duine sùil a òglaich, no sùil a bhanoglaich, agus gum mill e i, leigidh e as saor e airson a shùla.
27
Agus ma chuireas e fiacail as a òglach, no fiacail as a bhanoglaich, leigidh e as saor e airson a fhiacla.
28
Agus ma reubas damh duine no bean le a adhairc, agus gum faigh e bàs, gu cinnteach clachar an damh, agus chan ithear a fheòil; ach bidh sealbhadair an daimh neochiontach.
29
Ach ma ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus gun do dhearbhadh sin da shealbhadair, agus nach do ghlèidh e a‑staigh e, agus gun do mharbh e duine no bean, clachar an damh, agus cuirear mar an ceudna a shealbhadair gu bàs.
30
Ma chuirear airgead-rèitich air, an sin bheir e mar èirig a anama ge bè nì a chuirear air.
31
Mas mac a reub e le a adhairc, no mas nighean a reub e, a rèir a’ bhreitheanais seo nìthear ris.
32
Ma reubas an damh òglach no banoglach, bheir e deich-secel-ar‑fhichead airgid dam maighistir, agus clachar an damh.
33
Agus ma dh’fhosglas duine sloc, no ma chladhaicheas duine sloc, agus nach còmhdaich e e, agus gun tuit damh no asal ann:
34
Nì esan dom buin an sloc suas an calldachd, bheir e airgead dan sealbhadair, agus is leis fhèin am beathach marbh.
35
Agus ma reubas damh neach air bith damh neach eile, agus gum faigh e bàs, an sin reicidh iad an damh beò, agus roinnidh iad an t‑airgead a fhuaireadh air a shon, agus roinnidh iad mar an ceudna an damh marbh.
36
No ma bha fhios gun do ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus nach do ghlèidh a shealbhadair a‑staigh e, gu cinnteach ìocaidh e damh airson daimh, agus is leis fhèin am marbh.











Ecsodus 21:1
Ecsodus 21:2
Ecsodus 21:3
Ecsodus 21:4
Ecsodus 21:5
Ecsodus 21:6
Ecsodus 21:7
Ecsodus 21:8
Ecsodus 21:9
Ecsodus 21:10
Ecsodus 21:11
Ecsodus 21:12
Ecsodus 21:13
Ecsodus 21:14
Ecsodus 21:15
Ecsodus 21:16
Ecsodus 21:17
Ecsodus 21:18
Ecsodus 21:19
Ecsodus 21:20
Ecsodus 21:21
Ecsodus 21:22
Ecsodus 21:23
Ecsodus 21:24
Ecsodus 21:25
Ecsodus 21:26
Ecsodus 21:27
Ecsodus 21:28
Ecsodus 21:29
Ecsodus 21:30
Ecsodus 21:31
Ecsodus 21:32
Ecsodus 21:33
Ecsodus 21:34
Ecsodus 21:35
Ecsodus 21:36






Ecsodus 1 / Ecs 1
Ecsodus 2 / Ecs 2
Ecsodus 3 / Ecs 3
Ecsodus 4 / Ecs 4
Ecsodus 5 / Ecs 5
Ecsodus 6 / Ecs 6
Ecsodus 7 / Ecs 7
Ecsodus 8 / Ecs 8
Ecsodus 9 / Ecs 9
Ecsodus 10 / Ecs 10
Ecsodus 11 / Ecs 11
Ecsodus 12 / Ecs 12
Ecsodus 13 / Ecs 13
Ecsodus 14 / Ecs 14
Ecsodus 15 / Ecs 15
Ecsodus 16 / Ecs 16
Ecsodus 17 / Ecs 17
Ecsodus 18 / Ecs 18
Ecsodus 19 / Ecs 19
Ecsodus 20 / Ecs 20
Ecsodus 21 / Ecs 21
Ecsodus 22 / Ecs 22
Ecsodus 23 / Ecs 23
Ecsodus 24 / Ecs 24
Ecsodus 25 / Ecs 25
Ecsodus 26 / Ecs 26
Ecsodus 27 / Ecs 27
Ecsodus 28 / Ecs 28
Ecsodus 29 / Ecs 29
Ecsodus 30 / Ecs 30
Ecsodus 31 / Ecs 31
Ecsodus 32 / Ecs 32
Ecsodus 33 / Ecs 33
Ecsodus 34 / Ecs 34
Ecsodus 35 / Ecs 35
Ecsodus 36 / Ecs 36
Ecsodus 37 / Ecs 37
Ecsodus 38 / Ecs 38
Ecsodus 39 / Ecs 39
Ecsodus 40 / Ecs 40