1 |
Don àrd-fhear-ciùil, airson mic Chòrah. Maschil. A Dhè, le ar cluasan chuala sinn, dh’innis ar n‑athraichean dhuinn an obair a rinn thu nan làithean-san, anns na làithean o shean. |
2 |
Led làimh thilg thu a‑mach na cinnich, ach shuidhich thu iadsan; chlaoidh thu na slòigh, ach thug thu orrasan soirbheachadh. |
3 |
Oir chan ann len claidheamh fhèin a fhuair iad sealbh anns an tìr, agus chan e an gàirdean fhèin a shaor iad, ach do dheaslàmh agus do ghàirdean-sa agus solas do ghnùise, a chionn gu robh deagh-ghean agad dhaibh. |
4 |
Is tu fhèin mo Rìgh, a Dhè; àithn thusa saorsa do Iàcob. |
5 |
Tromhadsa buailidh sinn air naimhdean; trìd d’ainme-sa saltraidh sinn orrasan a dh’èireas nar naghaidh. |
6 |
Oir as mo bhogha chan earb mi, agus cha saor mo chlaidheamh mi. |
7 |
Ach shaor thusa sinn o ar naimhdean, agus nàraich thu iadsan aig an robh fuath dhuinn. |
8 |
A Dia nì sinne uaill air feadh an là, agus d’ainm-sa molaidh sinn gu sìorraidh. Selah. |
9 |
Ach a‑nis thilg thu uat sinn, agus nàraich thu sinn, agus chan eil thu a’ dol a‑mach le ar n‑armailtean. |
10 |
Thug thu oirnn tionndadh air ar n‑ais on nàmhaid, agus tha iadsan lem fuathach sinn gar creachadh. |
11 |
Thug thu sinn mar chaoraich airson bìdh, agus am measg nan cinneach sgap thu sinn. |
12 |
Reic thu do shluagh gun fhiach, agus cha do mheudaich thu do mhaoin len luach. |
13 |
Rinn thu sinn nar masladh dar coimhearsnaich, nar ball-fanaid agus magaidh dhaibhsan a tha mun cuairt oirnn. |
14 |
Rinn thu gnàth-fhacal dhinn am measg nan cinneach, adhbhar crathadh cinn am measg an t‑sluaigh. |
15 |
Fad an là tha m’amhluadh am fhianais, agus chòmhdaich nàire mo ghnùise mi, |
16 |
Airson guth an fhir a bheir masladh agus toibheum, airson fianais an nàmhaid agus an dìoghaltaich. |
17 |
Thàinig seo uile oirnn; gidheadh, cha do dhìochuimhnich sinn thu, agus cha do rinn sinn cealg ann ad choicheangal. |
18 |
Cha do thionndaidh ar cridhe air ais, agus cha do chlaon ar cas od shlighe, |
19 |
Ged mhìn-phronn thu sinn ann an ionad dhràgon, agus ged chòmhdaich thu sinn le sgàil a’ bhàis. |
20 |
Ma dhìochuimhnich sinn ainm ar Dè, no ma shìn sinn ar làmhan gu Dia coimheach, |
21 |
Nach rannsaich Dia seo a‑mach, oir tha fhios aigesan air nithean diamhair a’ chridhe? |
22 |
Ach air do shonsa mharbhadh sinn rè an là gu lèir; mheasadh sinn mar chaoraich a‑chum casgraidh. |
23 |
Mosgail! Carson a chaidleas tu, a Thighearna? Dùisg; na tilg sinn uat gu bràth. |
24 |
Carson a dh’fhalaicheas tu do ghnùis, a dhìochuimhnicheas tu ar n‑àmhghar agus ar fòirneart? |
25 |
Oir chromadh sìos ar n‑anam don ùir; dhlùth-lean ar com ris an talamh. |
26 |
Eirich, cuidich leinn, agus saor sinn air sgàth do thròcair.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Salm 44:1 |
Salm 44:2 |
Salm 44:3 |
Salm 44:4 |
Salm 44:5 |
Salm 44:6 |
Salm 44:7 |
Salm 44:8 |
Salm 44:9 |
Salm 44:10 |
Salm 44:11 |
Salm 44:12 |
Salm 44:13 |
Salm 44:14 |
Salm 44:15 |
Salm 44:16 |
Salm 44:17 |
Salm 44:18 |
Salm 44:19 |
Salm 44:20 |
Salm 44:21 |
Salm 44:22 |
Salm 44:23 |
Salm 44:24 |
Salm 44:25 |
Salm 44:26 |
|
|
|
|
|
|
Salm 1 / Sal 1 |
Salm 2 / Sal 2 |
Salm 3 / Sal 3 |
Salm 4 / Sal 4 |
Salm 5 / Sal 5 |
Salm 6 / Sal 6 |
Salm 7 / Sal 7 |
Salm 8 / Sal 8 |
Salm 9 / Sal 9 |
Salm 10 / Sal 10 |
Salm 11 / Sal 11 |
Salm 12 / Sal 12 |
Salm 13 / Sal 13 |
Salm 14 / Sal 14 |
Salm 15 / Sal 15 |
Salm 16 / Sal 16 |
Salm 17 / Sal 17 |
Salm 18 / Sal 18 |
Salm 19 / Sal 19 |
Salm 20 / Sal 20 |
Salm 21 / Sal 21 |
Salm 22 / Sal 22 |
Salm 23 / Sal 23 |
Salm 24 / Sal 24 |
Salm 25 / Sal 25 |
Salm 26 / Sal 26 |
Salm 27 / Sal 27 |
Salm 28 / Sal 28 |
Salm 29 / Sal 29 |
Salm 30 / Sal 30 |
Salm 31 / Sal 31 |
Salm 32 / Sal 32 |
Salm 33 / Sal 33 |
Salm 34 / Sal 34 |
Salm 35 / Sal 35 |
Salm 36 / Sal 36 |
Salm 37 / Sal 37 |
Salm 38 / Sal 38 |
Salm 39 / Sal 39 |
Salm 40 / Sal 40 |
Salm 41 / Sal 41 |
Salm 42 / Sal 42 |
Salm 43 / Sal 43 |
Salm 44 / Sal 44 |
Salm 45 / Sal 45 |
Salm 46 / Sal 46 |
Salm 47 / Sal 47 |
Salm 48 / Sal 48 |
Salm 49 / Sal 49 |
Salm 50 / Sal 50 |
Salm 51 / Sal 51 |
Salm 52 / Sal 52 |
Salm 53 / Sal 53 |
Salm 54 / Sal 54 |
Salm 55 / Sal 55 |
Salm 56 / Sal 56 |
Salm 57 / Sal 57 |
Salm 58 / Sal 58 |
Salm 59 / Sal 59 |
Salm 60 / Sal 60 |
Salm 61 / Sal 61 |
Salm 62 / Sal 62 |
Salm 63 / Sal 63 |
Salm 64 / Sal 64 |
Salm 65 / Sal 65 |
Salm 66 / Sal 66 |
Salm 67 / Sal 67 |
Salm 68 / Sal 68 |
Salm 69 / Sal 69 |
Salm 70 / Sal 70 |
Salm 71 / Sal 71 |
Salm 72 / Sal 72 |
Salm 73 / Sal 73 |
Salm 74 / Sal 74 |
Salm 75 / Sal 75 |
Salm 76 / Sal 76 |
Salm 77 / Sal 77 |
Salm 78 / Sal 78 |
Salm 79 / Sal 79 |
Salm 80 / Sal 80 |
Salm 81 / Sal 81 |
Salm 82 / Sal 82 |
Salm 83 / Sal 83 |
Salm 84 / Sal 84 |
Salm 85 / Sal 85 |
Salm 86 / Sal 86 |
Salm 87 / Sal 87 |
Salm 88 / Sal 88 |
Salm 89 / Sal 89 |
Salm 90 / Sal 90 |
Salm 91 / Sal 91 |
Salm 92 / Sal 92 |
Salm 93 / Sal 93 |
Salm 94 / Sal 94 |
Salm 95 / Sal 95 |
Salm 96 / Sal 96 |
Salm 97 / Sal 97 |
Salm 98 / Sal 98 |
Salm 99 / Sal 99 |
Salm 100 / Sal 100 |
Salm 101 / Sal 101 |
Salm 102 / Sal 102 |
Salm 103 / Sal 103 |
Salm 104 / Sal 104 |
Salm 105 / Sal 105 |
Salm 106 / Sal 106 |
Salm 107 / Sal 107 |
Salm 108 / Sal 108 |
Salm 109 / Sal 109 |
Salm 110 / Sal 110 |
Salm 111 / Sal 111 |
Salm 112 / Sal 112 |
Salm 113 / Sal 113 |
Salm 114 / Sal 114 |
Salm 115 / Sal 115 |
Salm 116 / Sal 116 |
Salm 117 / Sal 117 |
Salm 118 / Sal 118 |
Salm 119 / Sal 119 |
Salm 120 / Sal 120 |
Salm 121 / Sal 121 |
Salm 122 / Sal 122 |
Salm 123 / Sal 123 |
Salm 124 / Sal 124 |
Salm 125 / Sal 125 |
Salm 126 / Sal 126 |
Salm 127 / Sal 127 |
Salm 128 / Sal 128 |
Salm 129 / Sal 129 |
Salm 130 / Sal 130 |
Salm 131 / Sal 131 |
Salm 132 / Sal 132 |
Salm 133 / Sal 133 |
Salm 134 / Sal 134 |
Salm 135 / Sal 135 |
Salm 136 / Sal 136 |
Salm 137 / Sal 137 |
Salm 138 / Sal 138 |
Salm 139 / Sal 139 |
Salm 140 / Sal 140 |
Salm 141 / Sal 141 |
Salm 142 / Sal 142 |
Salm 143 / Sal 143 |
Salm 144 / Sal 144 |
Salm 145 / Sal 145 |
Salm 146 / Sal 146 |
Salm 147 / Sal 147 |
Salm 148 / Sal 148 |
Salm 149 / Sal 149 |
Salm 150 / Sal 150 |