A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Salm 18



1
Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh, òglach an Tighearna, a labhair ris an Tighearna briathran na laoidh seo anns an là air an do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean uile agus à làimh Shauil. Thubhairt e: Gràdhaichidh mi thu, a Thighearna mo neart.
2
Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear-saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd.
3
Gairmidh mi air an Tighearna as airidh air cliù, agus om naimhdean saorar mi.
4
Chuartaich piantan a’ bhàis mi, agus chuir tuiltean dhroch dhaoine eagal orm.
5
Chuartaich piantan ifrinn mi; ghabh lìontan a’ bhàis romham.
6
Am èiginn ghairm mi air an Tighearna, agus rim Dhia ghlaodh mi; chuala e as a theampall mo ghuth, agus thàinig mo ghlaodh na làthair da chluasan.
7
An sin chrathadh agus chriothnaich an talamh, agus ghluaiseadh bunaitean nam beann agus chrathadh iad, a chionn gu robh corraich air.
8
Chaidh deatach suas as a shròin, agus dhian-loisg teine as a bheul; lasadh èibhlean leis.
9
Agus lùb e na nèamhan, agus thùirling e a‑nuas, agus bha dorchadas fo a chasan.
10
Agus mharcaich e air cerub, agus chaidh e air iteig, agus dh’itealaich e air sgiathan na gaoithe.
11
Chuir e dorchadas mar ionad diamhair mun cuairt air; bu phàillean dha duibhre uisgeachan, neòil nan speur.
12
On dealradh a bha fa chomhair chaidh a neòil thairis, clachan-meallain agus èibhlean teine.
13
Agus rinn an Tighearna tàirneanaich anns na speuran, agus chuir an Tì as àirde a‑mach a ghuth.
14
Agus chuir e a‑mach a shaighdean, agus sgap e iad, agus thilg e mòran tein-adhair, agus chlaoidh e iad.
15
Agus chunnacas aigean nan uisgeachan, agus nochdadh bunaitean an domhain led achmhasan, a Thighearna, le sèideadh anail d’fheirge.
16
Chuir e a‑nuas on àirde, ghlac e mi, tharraing e mi à uisgeachan lìonmhor.
17
Shaor e mi om nàmhaid làidir, agus uapasan a dh’fhuathaich mi, oir bu treasa iad na mise.
18
Ghabh iad romham ann an là m’àmhghair, ach bha an Tighearna na chùl-taice dhomh.
19
Agus thug e a‑mach mi gu ionad farsaing; shaor e mi, a chionn gun do ghabh e tlachd annam.
20
Thug an Tighearna luigheachd dhomh a rèir m’ionracais; a rèir glaine mo làmh dhìol e dhomh.
21
Oir ghlèidh mi slighean an Tighearna, agus cha do chlaon mi gu h‑aingidh om Dhia.
22
Oir bha a bhreitheanais uile am fhianais, agus a reachdan cha do chuir mi uam.
23
Agus bha mi ionraic na fhianais, agus ghlèidh mi mi fhèin om aingidheachd.
24
Uime sin dhìol an Tighearna dhomh a rèir m’ionracais, a rèir glaine mo làmh ann an sealladh a shùl.
25
Don duine thròcaireach nochdaidh tu thu fhèin tròcaireach; don duine ionraic nochdaidh tu thu fhèin ionraic.
26
Don duine ghlan nochdaidh tu thu fhèin glan; agus don duine reasgach nochdaidh tu thu fhèin reasgach.
27
Oir saoraidh tu an sluagh a tha fo àmhghar; ach na sùilean àrda bheir thu a‑nuas.
28
Oir lasaidh tusa mo lòchran, a Thighearna; soillsichidh mo Dhia mo dhorchadas.
29
Oir leatsa ruith mi tro bhuidhinn, agus lem Dhia leum mi thar balla.
30
A‑thaobh Dhè tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh; is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.
31
Oir cò as Dia ann ach an Tighearna? Agus cò as carraig ann ach ar Dia-ne?
32
Is e Dia a tha gam chrioslachadh le neart agus a’ dèanamh mo shlighe iomlan.
33
Tha e a’ dèanamh mo chas mar chasan èilde, agus gam shocrachadh air m’àitean àrda.
34
Tha e ag ionnsachadh mo làmh gu cath, air chor is gum brisear bogha umha lem ghàirdeanan.
35
Agus thug thu dhomh sgiath do shlàinte; agus chùm do dheaslàmh suas mi, agus rinn do choibhneas mòr mi.
36
Rinn thu mo cheuman farsaing fodham, air chor is nach do shleamhnaich mo chasan.
37
Lean mi mo naimhdean, agus rug mi orra, agus cha do thill mi air m’ais gus an do chuir mi as dhaibh.
38
Lot mi iad, agus cha bhi e an comas dhaibh èirigh; thuit iad fom chasan.
39
Oir chrioslaich thu mi le neart a‑chum catha; leag thu sìos fodham iadsan a dh’èireas suas am aghaidh.
40
Agus thug thu dhomh mo naimhdean air mhuineal, iadsan a dh’fhuathaich mi, agus gheàrr mi as iad.
41
Ghlaodh iad, ach cha robh fear-saoraidh ann; eadhon air an Tighearna, ach cha do fhreagair e iad.
42
An sin mhìn-phronn mi iad mar dhuslach fa chomhair na gaoithe; mar chlàbar na sràide bhrùth mi iad.
43
Shaor thu mi o chòmhstri an t‑sluaigh; rinn thu mi am cheann air na cinnich; nì sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh.
44
Cho luath is a chluinneas iad, gèillidh iad dhomh; strìochdaidh coigrich dhomh.
45
Seargaidh coigrich as, agus bidh eagal orra a‑mach as an àitean-daingeann.
46
Is beò an Tighearna, agus guma beannaichte mo charraig-sa, agus air àrdachadh gu robh Dia mo shlàinte!
47
Is e Dia a nì dìoghaltas air mo shon, agus a chuireas an sluagh fodham;
48
A shaoras mi om naimhdean. Seadh, os an cionn-san a dh’èireas suas am aghaidh togaidh tusa suas mi; o fhear an ainneirt saoraidh tu mi.
49
Uime sin cliùthaichidh mi thu, a Thighearna, am measg nan cinneach, agus seinnidh mi dod ainm.
50
Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh agus da shliochd gu bràth.











Salm 18:1
Salm 18:2
Salm 18:3
Salm 18:4
Salm 18:5
Salm 18:6
Salm 18:7
Salm 18:8
Salm 18:9
Salm 18:10
Salm 18:11
Salm 18:12
Salm 18:13
Salm 18:14
Salm 18:15
Salm 18:16
Salm 18:17
Salm 18:18
Salm 18:19
Salm 18:20
Salm 18:21
Salm 18:22
Salm 18:23
Salm 18:24
Salm 18:25
Salm 18:26
Salm 18:27
Salm 18:28
Salm 18:29
Salm 18:30
Salm 18:31
Salm 18:32
Salm 18:33
Salm 18:34
Salm 18:35
Salm 18:36
Salm 18:37
Salm 18:38
Salm 18:39
Salm 18:40
Salm 18:41
Salm 18:42
Salm 18:43
Salm 18:44
Salm 18:45
Salm 18:46
Salm 18:47
Salm 18:48
Salm 18:49
Salm 18:50






Salm 1 / Sal 1
Salm 2 / Sal 2
Salm 3 / Sal 3
Salm 4 / Sal 4
Salm 5 / Sal 5
Salm 6 / Sal 6
Salm 7 / Sal 7
Salm 8 / Sal 8
Salm 9 / Sal 9
Salm 10 / Sal 10
Salm 11 / Sal 11
Salm 12 / Sal 12
Salm 13 / Sal 13
Salm 14 / Sal 14
Salm 15 / Sal 15
Salm 16 / Sal 16
Salm 17 / Sal 17
Salm 18 / Sal 18
Salm 19 / Sal 19
Salm 20 / Sal 20
Salm 21 / Sal 21
Salm 22 / Sal 22
Salm 23 / Sal 23
Salm 24 / Sal 24
Salm 25 / Sal 25
Salm 26 / Sal 26
Salm 27 / Sal 27
Salm 28 / Sal 28
Salm 29 / Sal 29
Salm 30 / Sal 30
Salm 31 / Sal 31
Salm 32 / Sal 32
Salm 33 / Sal 33
Salm 34 / Sal 34
Salm 35 / Sal 35
Salm 36 / Sal 36
Salm 37 / Sal 37
Salm 38 / Sal 38
Salm 39 / Sal 39
Salm 40 / Sal 40
Salm 41 / Sal 41
Salm 42 / Sal 42
Salm 43 / Sal 43
Salm 44 / Sal 44
Salm 45 / Sal 45
Salm 46 / Sal 46
Salm 47 / Sal 47
Salm 48 / Sal 48
Salm 49 / Sal 49
Salm 50 / Sal 50
Salm 51 / Sal 51
Salm 52 / Sal 52
Salm 53 / Sal 53
Salm 54 / Sal 54
Salm 55 / Sal 55
Salm 56 / Sal 56
Salm 57 / Sal 57
Salm 58 / Sal 58
Salm 59 / Sal 59
Salm 60 / Sal 60
Salm 61 / Sal 61
Salm 62 / Sal 62
Salm 63 / Sal 63
Salm 64 / Sal 64
Salm 65 / Sal 65
Salm 66 / Sal 66
Salm 67 / Sal 67
Salm 68 / Sal 68
Salm 69 / Sal 69
Salm 70 / Sal 70
Salm 71 / Sal 71
Salm 72 / Sal 72
Salm 73 / Sal 73
Salm 74 / Sal 74
Salm 75 / Sal 75
Salm 76 / Sal 76
Salm 77 / Sal 77
Salm 78 / Sal 78
Salm 79 / Sal 79
Salm 80 / Sal 80
Salm 81 / Sal 81
Salm 82 / Sal 82
Salm 83 / Sal 83
Salm 84 / Sal 84
Salm 85 / Sal 85
Salm 86 / Sal 86
Salm 87 / Sal 87
Salm 88 / Sal 88
Salm 89 / Sal 89
Salm 90 / Sal 90
Salm 91 / Sal 91
Salm 92 / Sal 92
Salm 93 / Sal 93
Salm 94 / Sal 94
Salm 95 / Sal 95
Salm 96 / Sal 96
Salm 97 / Sal 97
Salm 98 / Sal 98
Salm 99 / Sal 99
Salm 100 / Sal 100
Salm 101 / Sal 101
Salm 102 / Sal 102
Salm 103 / Sal 103
Salm 104 / Sal 104
Salm 105 / Sal 105
Salm 106 / Sal 106
Salm 107 / Sal 107
Salm 108 / Sal 108
Salm 109 / Sal 109
Salm 110 / Sal 110
Salm 111 / Sal 111
Salm 112 / Sal 112
Salm 113 / Sal 113
Salm 114 / Sal 114
Salm 115 / Sal 115
Salm 116 / Sal 116
Salm 117 / Sal 117
Salm 118 / Sal 118
Salm 119 / Sal 119
Salm 120 / Sal 120
Salm 121 / Sal 121
Salm 122 / Sal 122
Salm 123 / Sal 123
Salm 124 / Sal 124
Salm 125 / Sal 125
Salm 126 / Sal 126
Salm 127 / Sal 127
Salm 128 / Sal 128
Salm 129 / Sal 129
Salm 130 / Sal 130
Salm 131 / Sal 131
Salm 132 / Sal 132
Salm 133 / Sal 133
Salm 134 / Sal 134
Salm 135 / Sal 135
Salm 136 / Sal 136
Salm 137 / Sal 137
Salm 138 / Sal 138
Salm 139 / Sal 139
Salm 140 / Sal 140
Salm 141 / Sal 141
Salm 142 / Sal 142
Salm 143 / Sal 143
Salm 144 / Sal 144
Salm 145 / Sal 145
Salm 146 / Sal 146
Salm 147 / Sal 147
Salm 148 / Sal 148
Salm 149 / Sal 149
Salm 150 / Sal 150