A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Salm 107



1
O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.
2
Mar seo abradh iadsan a shaoradh leis an Tighearna, a shaor e o làimh an nàmhaid;
3
Agus a chruinnich e as na tìrean, on àird an ear agus on àird an iar, on àird a tuath agus on àird a deas.
4
Chaidh iad air seachran anns an fhàsach, ann an ionad uaigneach; slighe gu baile tàimh cha d’fhuair iad.
5
Acrach agus tartmhor, dh’fhàilnich an anam annta.
6
An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad;
7
Agus threòraich e iad air slighe cheirt, a‑chum gun rachadh iad gu baile tàimh.
8
O gum moladh daoine Dia airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine!
9
Oir shàsaich e an t‑anam cìocrach, agus lìon e an t‑anam acrach le math.
10
Iadsan a shuidh ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, ceangailte ann an truaighe agus ann an iarann,
11
A chionn gun do rinn iad ceannairc an aghaidh briathran Dhè, agus gun do rinn iad tàir air comhairle an Tì as àirde,
12
Aig an do leagadh sìos an cridhe le anshocair; thuit iad, agus cha robh fear-cuideachaidh ann.
13
An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad.
14
Thug e iad à dorchadas, agus à sgàil a’ bhàis, agus bhris e o chèile an cuibhreach.
15
O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine!
16
Oir bhris e na geatachan umha, agus gheàrr e sìos na croinn iarainn.
17
Bha amadain, airson an easaontais agus airson an euceartan, fo àmhghar.
18
De gach biadh ghabh an anam gràin, agus thàinig iad dlùth do gheatachan bàis.
19
An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad.
20
Chuir e a fhacal uaithe, agus shlànaich e iad; agus shaor e iad o sgrios.
21
O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine!
22
Agus gun ìobradh iad ìobairtean buidheachais, agus gun cuireadh iad an cèill a ghnìomharan le luathghaire!
23
Iadsan a thèid sìos don fhairge air longan, a nì obair air uisgeachan mòra,
24
Chì iadsan gnìomharan an Tighearna, agus a bheartan iongantach anns an doimhne;
25
Oir labhraidh e, agus dùisgidh e a’ ghaoth dhoineannach, agus togaidh i a tonnan.
26
Thèid iad suas do na nèamhan, thèid iad sìos do na doimhneachdan; le àmhghar leaghaidh an anam.
27
Thèid iad thuige agus uaithe, agus tuislichidh iad mar dhuine air mhisg; agus thèid as dan cèill uile.
28
An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan bheir e iad.
29
Cuiridh e an doineann gu fèith, agus bidh a tonnan nan tàmh.
30
An sin bidh iad ait, a chionn gum bi iad sàmhach; agus bheir e iad don chaladh as miannach leo.
31
O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine!
32
Agus gun àrdaicheadh iad e ann an coitheanal an t‑sluaigh, agus ann a àite-suidhe nan seanairean gum moladh iad e!
33
Nì e aibhnichean nam fàsach, agus tobraichean uisge nan talamh tartmhor.
34
Fearann beartach nì e fàs airson aingidheachd a luchd-àiteachaidh.
35
Nì e fàsach na linne uisge, agus fearann tioram na thobraichean uisge.
36
Agus an sin bheir e air na h‑acraich còmhnaidh a ghabhail, agus deasaichidh iad baile tàimh;
37
Agus sìol-chuiridh iad achaidhean, agus suidhichidh iad fìonliosan, agus bheir iad toradh pailt uapa.
38
Agus beannaichidh e iad, agus fàsaidh iad ro‑lìonmhor; agus cha lùghdaich e an sprèidh.
39
Ach ma pheacaicheas iad, lùghdaichear agus leigear sìos iad le fòirneart, olc agus doilgheas.
40
Dòirtidh e tarcais air àrd-uaislean, agus cuiridh e air seachran iad ann am fàsach as eugmhais slighe.
41
Agus togaidh e suas am bochd o thruaighe, agus nì e teaghlaichean dha mar threud.
42
Chì na fìreanan seo, agus bidh iad ait, agus druididh gach euceart a beul.
43
Cò a tha glic, agus a bheir fa‑near na nithean sin? Tuigidh esan coibhneas gràdhach an Tighearna.











Salm 107:1

Salm 107:2

Salm 107:3

Salm 107:4

Salm 107:5

Salm 107:6

Salm 107:7

Salm 107:8

Salm 107:9

Salm 107:10

Salm 107:11

Salm 107:12

Salm 107:13

Salm 107:14

Salm 107:15

Salm 107:16

Salm 107:17

Salm 107:18

Salm 107:19

Salm 107:20

Salm 107:21

Salm 107:22

Salm 107:23

Salm 107:24

Salm 107:25

Salm 107:26

Salm 107:27

Salm 107:28

Salm 107:29

Salm 107:30

Salm 107:31

Salm 107:32

Salm 107:33

Salm 107:34

Salm 107:35

Salm 107:36

Salm 107:37

Salm 107:38

Salm 107:39

Salm 107:40

Salm 107:41

Salm 107:42

Salm 107:43







Salm 1 / Sal 1

Salm 2 / Sal 2

Salm 3 / Sal 3

Salm 4 / Sal 4

Salm 5 / Sal 5

Salm 6 / Sal 6

Salm 7 / Sal 7

Salm 8 / Sal 8

Salm 9 / Sal 9

Salm 10 / Sal 10

Salm 11 / Sal 11

Salm 12 / Sal 12

Salm 13 / Sal 13

Salm 14 / Sal 14

Salm 15 / Sal 15

Salm 16 / Sal 16

Salm 17 / Sal 17

Salm 18 / Sal 18

Salm 19 / Sal 19

Salm 20 / Sal 20

Salm 21 / Sal 21

Salm 22 / Sal 22

Salm 23 / Sal 23

Salm 24 / Sal 24

Salm 25 / Sal 25

Salm 26 / Sal 26

Salm 27 / Sal 27

Salm 28 / Sal 28

Salm 29 / Sal 29

Salm 30 / Sal 30

Salm 31 / Sal 31

Salm 32 / Sal 32

Salm 33 / Sal 33

Salm 34 / Sal 34

Salm 35 / Sal 35

Salm 36 / Sal 36

Salm 37 / Sal 37

Salm 38 / Sal 38

Salm 39 / Sal 39

Salm 40 / Sal 40

Salm 41 / Sal 41

Salm 42 / Sal 42

Salm 43 / Sal 43

Salm 44 / Sal 44

Salm 45 / Sal 45

Salm 46 / Sal 46

Salm 47 / Sal 47

Salm 48 / Sal 48

Salm 49 / Sal 49

Salm 50 / Sal 50

Salm 51 / Sal 51

Salm 52 / Sal 52

Salm 53 / Sal 53

Salm 54 / Sal 54

Salm 55 / Sal 55

Salm 56 / Sal 56

Salm 57 / Sal 57

Salm 58 / Sal 58

Salm 59 / Sal 59

Salm 60 / Sal 60

Salm 61 / Sal 61

Salm 62 / Sal 62

Salm 63 / Sal 63

Salm 64 / Sal 64

Salm 65 / Sal 65

Salm 66 / Sal 66

Salm 67 / Sal 67

Salm 68 / Sal 68

Salm 69 / Sal 69

Salm 70 / Sal 70

Salm 71 / Sal 71

Salm 72 / Sal 72

Salm 73 / Sal 73

Salm 74 / Sal 74

Salm 75 / Sal 75

Salm 76 / Sal 76

Salm 77 / Sal 77

Salm 78 / Sal 78

Salm 79 / Sal 79

Salm 80 / Sal 80

Salm 81 / Sal 81

Salm 82 / Sal 82

Salm 83 / Sal 83

Salm 84 / Sal 84

Salm 85 / Sal 85

Salm 86 / Sal 86

Salm 87 / Sal 87

Salm 88 / Sal 88

Salm 89 / Sal 89

Salm 90 / Sal 90

Salm 91 / Sal 91

Salm 92 / Sal 92

Salm 93 / Sal 93

Salm 94 / Sal 94

Salm 95 / Sal 95

Salm 96 / Sal 96

Salm 97 / Sal 97

Salm 98 / Sal 98

Salm 99 / Sal 99

Salm 100 / Sal 100

Salm 101 / Sal 101

Salm 102 / Sal 102

Salm 103 / Sal 103

Salm 104 / Sal 104

Salm 105 / Sal 105

Salm 106 / Sal 106

Salm 107 / Sal 107

Salm 108 / Sal 108

Salm 109 / Sal 109

Salm 110 / Sal 110

Salm 111 / Sal 111

Salm 112 / Sal 112

Salm 113 / Sal 113

Salm 114 / Sal 114

Salm 115 / Sal 115

Salm 116 / Sal 116

Salm 117 / Sal 117

Salm 118 / Sal 118

Salm 119 / Sal 119

Salm 120 / Sal 120

Salm 121 / Sal 121

Salm 122 / Sal 122

Salm 123 / Sal 123

Salm 124 / Sal 124

Salm 125 / Sal 125

Salm 126 / Sal 126

Salm 127 / Sal 127

Salm 128 / Sal 128

Salm 129 / Sal 129

Salm 130 / Sal 130

Salm 131 / Sal 131

Salm 132 / Sal 132

Salm 133 / Sal 133

Salm 134 / Sal 134

Salm 135 / Sal 135

Salm 136 / Sal 136

Salm 137 / Sal 137

Salm 138 / Sal 138

Salm 139 / Sal 139

Salm 140 / Sal 140

Salm 141 / Sal 141

Salm 142 / Sal 142

Salm 143 / Sal 143

Salm 144 / Sal 144

Salm 145 / Sal 145

Salm 146 / Sal 146

Salm 147 / Sal 147

Salm 148 / Sal 148

Salm 149 / Sal 149

Salm 150 / Sal 150