1 |
O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair. |
2 |
Mar seo abradh iadsan a shaoradh leis an Tighearna, a shaor e o làimh an nàmhaid; |
3 |
Agus a chruinnich e as na tìrean, on àird an ear agus on àird an iar, on àird a tuath agus on àird a deas. |
4 |
Chaidh iad air seachran anns an fhàsach, ann an ionad uaigneach; slighe gu baile tàimh cha d’fhuair iad. |
5 |
Acrach agus tartmhor, dh’fhàilnich an anam annta. |
6 |
An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad; |
7 |
Agus threòraich e iad air slighe cheirt, a‑chum gun rachadh iad gu baile tàimh. |
8 |
O gum moladh daoine Dia airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine! |
9 |
Oir shàsaich e an t‑anam cìocrach, agus lìon e an t‑anam acrach le math. |
10 |
Iadsan a shuidh ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, ceangailte ann an truaighe agus ann an iarann, |
11 |
A chionn gun do rinn iad ceannairc an aghaidh briathran Dhè, agus gun do rinn iad tàir air comhairle an Tì as àirde, |
12 |
Aig an do leagadh sìos an cridhe le anshocair; thuit iad, agus cha robh fear-cuideachaidh ann. |
13 |
An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad. |
14 |
Thug e iad à dorchadas, agus à sgàil a’ bhàis, agus bhris e o chèile an cuibhreach. |
15 |
O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine! |
16 |
Oir bhris e na geatachan umha, agus gheàrr e sìos na croinn iarainn. |
17 |
Bha amadain, airson an easaontais agus airson an euceartan, fo àmhghar. |
18 |
De gach biadh ghabh an anam gràin, agus thàinig iad dlùth do gheatachan bàis. |
19 |
An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad. |
20 |
Chuir e a fhacal uaithe, agus shlànaich e iad; agus shaor e iad o sgrios. |
21 |
O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine! |
22 |
Agus gun ìobradh iad ìobairtean buidheachais, agus gun cuireadh iad an cèill a ghnìomharan le luathghaire! |
23 |
Iadsan a thèid sìos don fhairge air longan, a nì obair air uisgeachan mòra, |
24 |
Chì iadsan gnìomharan an Tighearna, agus a bheartan iongantach anns an doimhne; |
25 |
Oir labhraidh e, agus dùisgidh e a’ ghaoth dhoineannach, agus togaidh i a tonnan. |
26 |
Thèid iad suas do na nèamhan, thèid iad sìos do na doimhneachdan; le àmhghar leaghaidh an anam. |
27 |
Thèid iad thuige agus uaithe, agus tuislichidh iad mar dhuine air mhisg; agus thèid as dan cèill uile. |
28 |
An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan bheir e iad. |
29 |
Cuiridh e an doineann gu fèith, agus bidh a tonnan nan tàmh. |
30 |
An sin bidh iad ait, a chionn gum bi iad sàmhach; agus bheir e iad don chaladh as miannach leo. |
31 |
O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine! |
32 |
Agus gun àrdaicheadh iad e ann an coitheanal an t‑sluaigh, agus ann a àite-suidhe nan seanairean gum moladh iad e! |
33 |
Nì e aibhnichean nam fàsach, agus tobraichean uisge nan talamh tartmhor. |
34 |
Fearann beartach nì e fàs airson aingidheachd a luchd-àiteachaidh. |
35 |
Nì e fàsach na linne uisge, agus fearann tioram na thobraichean uisge. |
36 |
Agus an sin bheir e air na h‑acraich còmhnaidh a ghabhail, agus deasaichidh iad baile tàimh; |
37 |
Agus sìol-chuiridh iad achaidhean, agus suidhichidh iad fìonliosan, agus bheir iad toradh pailt uapa. |
38 |
Agus beannaichidh e iad, agus fàsaidh iad ro‑lìonmhor; agus cha lùghdaich e an sprèidh. |
39 |
Ach ma pheacaicheas iad, lùghdaichear agus leigear sìos iad le fòirneart, olc agus doilgheas. |
40 |
Dòirtidh e tarcais air àrd-uaislean, agus cuiridh e air seachran iad ann am fàsach as eugmhais slighe. |
41 |
Agus togaidh e suas am bochd o thruaighe, agus nì e teaghlaichean dha mar threud. |
42 |
Chì na fìreanan seo, agus bidh iad ait, agus druididh gach euceart a beul. |
43 |
Cò a tha glic, agus a bheir fa‑near na nithean sin? Tuigidh esan coibhneas gràdhach an Tighearna.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Salm 107:1 |
Salm 107:2 |
Salm 107:3 |
Salm 107:4 |
Salm 107:5 |
Salm 107:6 |
Salm 107:7 |
Salm 107:8 |
Salm 107:9 |
Salm 107:10 |
Salm 107:11 |
Salm 107:12 |
Salm 107:13 |
Salm 107:14 |
Salm 107:15 |
Salm 107:16 |
Salm 107:17 |
Salm 107:18 |
Salm 107:19 |
Salm 107:20 |
Salm 107:21 |
Salm 107:22 |
Salm 107:23 |
Salm 107:24 |
Salm 107:25 |
Salm 107:26 |
Salm 107:27 |
Salm 107:28 |
Salm 107:29 |
Salm 107:30 |
Salm 107:31 |
Salm 107:32 |
Salm 107:33 |
Salm 107:34 |
Salm 107:35 |
Salm 107:36 |
Salm 107:37 |
Salm 107:38 |
Salm 107:39 |
Salm 107:40 |
Salm 107:41 |
Salm 107:42 |
Salm 107:43 |
|
|
|
|
|
|
Salm 1 / Sal 1 |
Salm 2 / Sal 2 |
Salm 3 / Sal 3 |
Salm 4 / Sal 4 |
Salm 5 / Sal 5 |
Salm 6 / Sal 6 |
Salm 7 / Sal 7 |
Salm 8 / Sal 8 |
Salm 9 / Sal 9 |
Salm 10 / Sal 10 |
Salm 11 / Sal 11 |
Salm 12 / Sal 12 |
Salm 13 / Sal 13 |
Salm 14 / Sal 14 |
Salm 15 / Sal 15 |
Salm 16 / Sal 16 |
Salm 17 / Sal 17 |
Salm 18 / Sal 18 |
Salm 19 / Sal 19 |
Salm 20 / Sal 20 |
Salm 21 / Sal 21 |
Salm 22 / Sal 22 |
Salm 23 / Sal 23 |
Salm 24 / Sal 24 |
Salm 25 / Sal 25 |
Salm 26 / Sal 26 |
Salm 27 / Sal 27 |
Salm 28 / Sal 28 |
Salm 29 / Sal 29 |
Salm 30 / Sal 30 |
Salm 31 / Sal 31 |
Salm 32 / Sal 32 |
Salm 33 / Sal 33 |
Salm 34 / Sal 34 |
Salm 35 / Sal 35 |
Salm 36 / Sal 36 |
Salm 37 / Sal 37 |
Salm 38 / Sal 38 |
Salm 39 / Sal 39 |
Salm 40 / Sal 40 |
Salm 41 / Sal 41 |
Salm 42 / Sal 42 |
Salm 43 / Sal 43 |
Salm 44 / Sal 44 |
Salm 45 / Sal 45 |
Salm 46 / Sal 46 |
Salm 47 / Sal 47 |
Salm 48 / Sal 48 |
Salm 49 / Sal 49 |
Salm 50 / Sal 50 |
Salm 51 / Sal 51 |
Salm 52 / Sal 52 |
Salm 53 / Sal 53 |
Salm 54 / Sal 54 |
Salm 55 / Sal 55 |
Salm 56 / Sal 56 |
Salm 57 / Sal 57 |
Salm 58 / Sal 58 |
Salm 59 / Sal 59 |
Salm 60 / Sal 60 |
Salm 61 / Sal 61 |
Salm 62 / Sal 62 |
Salm 63 / Sal 63 |
Salm 64 / Sal 64 |
Salm 65 / Sal 65 |
Salm 66 / Sal 66 |
Salm 67 / Sal 67 |
Salm 68 / Sal 68 |
Salm 69 / Sal 69 |
Salm 70 / Sal 70 |
Salm 71 / Sal 71 |
Salm 72 / Sal 72 |
Salm 73 / Sal 73 |
Salm 74 / Sal 74 |
Salm 75 / Sal 75 |
Salm 76 / Sal 76 |
Salm 77 / Sal 77 |
Salm 78 / Sal 78 |
Salm 79 / Sal 79 |
Salm 80 / Sal 80 |
Salm 81 / Sal 81 |
Salm 82 / Sal 82 |
Salm 83 / Sal 83 |
Salm 84 / Sal 84 |
Salm 85 / Sal 85 |
Salm 86 / Sal 86 |
Salm 87 / Sal 87 |
Salm 88 / Sal 88 |
Salm 89 / Sal 89 |
Salm 90 / Sal 90 |
Salm 91 / Sal 91 |
Salm 92 / Sal 92 |
Salm 93 / Sal 93 |
Salm 94 / Sal 94 |
Salm 95 / Sal 95 |
Salm 96 / Sal 96 |
Salm 97 / Sal 97 |
Salm 98 / Sal 98 |
Salm 99 / Sal 99 |
Salm 100 / Sal 100 |
Salm 101 / Sal 101 |
Salm 102 / Sal 102 |
Salm 103 / Sal 103 |
Salm 104 / Sal 104 |
Salm 105 / Sal 105 |
Salm 106 / Sal 106 |
Salm 107 / Sal 107 |
Salm 108 / Sal 108 |
Salm 109 / Sal 109 |
Salm 110 / Sal 110 |
Salm 111 / Sal 111 |
Salm 112 / Sal 112 |
Salm 113 / Sal 113 |
Salm 114 / Sal 114 |
Salm 115 / Sal 115 |
Salm 116 / Sal 116 |
Salm 117 / Sal 117 |
Salm 118 / Sal 118 |
Salm 119 / Sal 119 |
Salm 120 / Sal 120 |
Salm 121 / Sal 121 |
Salm 122 / Sal 122 |
Salm 123 / Sal 123 |
Salm 124 / Sal 124 |
Salm 125 / Sal 125 |
Salm 126 / Sal 126 |
Salm 127 / Sal 127 |
Salm 128 / Sal 128 |
Salm 129 / Sal 129 |
Salm 130 / Sal 130 |
Salm 131 / Sal 131 |
Salm 132 / Sal 132 |
Salm 133 / Sal 133 |
Salm 134 / Sal 134 |
Salm 135 / Sal 135 |
Salm 136 / Sal 136 |
Salm 137 / Sal 137 |
Salm 138 / Sal 138 |
Salm 139 / Sal 139 |
Salm 140 / Sal 140 |
Salm 141 / Sal 141 |
Salm 142 / Sal 142 |
Salm 143 / Sal 143 |
Salm 144 / Sal 144 |
Salm 145 / Sal 145 |
Salm 146 / Sal 146 |
Salm 147 / Sal 147 |
Salm 148 / Sal 148 |
Salm 149 / Sal 149 |
Salm 150 / Sal 150 |