A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Iob 28



1
Gu cinnteach tha dol a‑mach aig an airgead, agus àit aig an òr anns an leagh iad e.
2
Bheirear iarann as an talamh, agus leaghar a’ chlach na h‑umha.
3
Chuir e crìoch air an dorchadas; agus rannsaichidh e a‑mach gach iomlaine, clachan duibhre agus sgàil a’ bhàis.
4
Brisidh an sruth a‑mach on luchd-àiteachaidh; dearmadar iad leis a’ chois; tiormaichear suas iad; o dhaoine siùbhlaidh iad.
5
A‑thaobh na talmhainn, aisde thig aran; agus foidhpe tionndaidhear suas amhail teine:
6
Is iad a clachan àite na saphir; agus tha duslach òir aice:
7
Ceum nach aithne don eunlaith, agus nach faca sùil na fainge.
8
Cha do shaltair cuileanan an leòmhainn air, agus cha deachaidh an leòmhann garg seachad air.
9
Air a’ charraig cuiridh e a‑mach a làmh: tilgidh e bun-os‑cionn na beanntan.
10
Anns na creagan bheir e air aibhnichean briseadh a‑mach; agus chì a shùil gach nì luachmhor.
11
Ceanglaidh e na h‑aibhnichean o dhol thairis; agus an nì a tha falaichte bheir e gu solas.
12
Ach cia as a gheibhear gliocas? Agus càit a bheil ionad na tuigse?
13
Chan aithne do dhuine a luach; agus chan fhaighear i ann an tìr nam beò.
14
Their an doimhne, Chan eil i annamsa; agus their a’ mhuir, Chan eil i maille riumsa.
15
Cha toirear òr air a son, agus cha tomhaisear airgead mar a luach.
16
Cha mheasar i le òr na h‑Ophir, leis an onics luachmhoir, no leis an t‑saphir.
17
Cha choimeasar òr no leug rithe; agus cha bhi a malairt le seudan den òr fhìorghlan.
18
Air coireal no neamhnaidean cha luaidhear; oir tha luach gliocais os cionn nan clach as uaisle.
19
Cha choimeasar topas na h‑Etiopia rithe: leis an òr fhìorghlan cha mheasar i.
20
Cia as, matà, a thig gliocas? Agus càit a bheil ionad na tuigse?
21
Oir tha i am falach o shùilean nan uile bheò; agus o eunlaith an adhair tha i an cleith.
22
Thubhairt lèirsgrios agus am bàs, Le ar cluasan chuala sinn a cliù.
23
Tuigidh Dia a slighe, agus is aithne dha a h‑àite:
24
Oir gu crìochan na talmhainn amhaircidh esan; fo na nèamhan uile chì e:
25
A‑chum gun dèan e cudthrom den ghaoith, agus gun tomhais e na h‑uisgeachan le tomhas.
26
Nuair a rinn e reachd don uisge, agus slighe do dhealanach na tàirneanaich;
27
An sin chunnaic e i, agus dh’fhoillsich e i; dheasaich e i, seadh, agus rannsaich e a‑mach i.
28
Agus thubhairt e ris an duine, Feuch, eagal an Tighearna, is e sin gliocas; agus an t‑olc a thrèigsinn, tuigse.











Iob 28:1
Iob 28:2
Iob 28:3
Iob 28:4
Iob 28:5
Iob 28:6
Iob 28:7
Iob 28:8
Iob 28:9
Iob 28:10
Iob 28:11
Iob 28:12
Iob 28:13
Iob 28:14
Iob 28:15
Iob 28:16
Iob 28:17
Iob 28:18
Iob 28:19
Iob 28:20
Iob 28:21
Iob 28:22
Iob 28:23
Iob 28:24
Iob 28:25
Iob 28:26
Iob 28:27
Iob 28:28






Iob 1 / Iob 1
Iob 2 / Iob 2
Iob 3 / Iob 3
Iob 4 / Iob 4
Iob 5 / Iob 5
Iob 6 / Iob 6
Iob 7 / Iob 7
Iob 8 / Iob 8
Iob 9 / Iob 9
Iob 10 / Iob 10
Iob 11 / Iob 11
Iob 12 / Iob 12
Iob 13 / Iob 13
Iob 14 / Iob 14
Iob 15 / Iob 15
Iob 16 / Iob 16
Iob 17 / Iob 17
Iob 18 / Iob 18
Iob 19 / Iob 19
Iob 20 / Iob 20
Iob 21 / Iob 21
Iob 22 / Iob 22
Iob 23 / Iob 23
Iob 24 / Iob 24
Iob 25 / Iob 25
Iob 26 / Iob 26
Iob 27 / Iob 27
Iob 28 / Iob 28
Iob 29 / Iob 29
Iob 30 / Iob 30
Iob 31 / Iob 31
Iob 32 / Iob 32
Iob 33 / Iob 33
Iob 34 / Iob 34
Iob 35 / Iob 35
Iob 36 / Iob 36
Iob 37 / Iob 37
Iob 38 / Iob 38
Iob 39 / Iob 39
Iob 40 / Iob 40
Iob 41 / Iob 41
Iob 42 / Iob 42