A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Esra 6



1
An sin thug Darius an rìgh òrdagh seachad, agus rannsaich iad ann an taigh nan leabhraichean, far an robh na h‑ionmhasan air an tasgadh ann am Bàbilon.
2
Agus fhuaireadh ann an Achmeta, anns an lùchairt a tha ann am mòr-roinn nam Mèdach, clàr, agus mar seo bha sgrìobhte ann gu bhith air a chumail air chuimhne:
3
Ann an ciad bhliadhna Chìruis an rìgh, thug Cìrus an rìgh òrdagh seachad a‑thaobh taigh Dhè ann an Ierusalem, Biodh an taigh air a thogail, an t‑àit anns an d’ìobair iad ìobairtean, agus a bhunaitean air an suidheachadh gu làidir: a àirde, trì-fichead làmh-choille; a leud, trì-fichead làmh-choille:
4
Trì sreathan de chlachan mòra, agus sreath de fhiodh nodha: agus ceadaichear an cosdas à taigh an rìgh.
5
Agus mar an ceudna aisigear soithichean òir agus airgid taigh Dhè, a thug Nebuchadnesar as an teampall a tha ann an Ierusalem, agus a thug e leis do Bhàbilon, agus thugar a‑rìs iad don teampall a tha ann an Ierusalem, gach aon da àite fhèin; agus suidhich iad ann an taigh Dhè.
6
A‑nis, a Thatnai, uachdarain air an taobh thall den abhainn, a Shetar-bosnai, maille ri ur cuideachd na h‑Arphasachaich a tha air an taobh thall den abhainn, bithibh-se fada o sin:
7
Leigibh le obair taigh seo Dhè: togadh uachdaran nan Iùdhach, agus seanairean nan Iùdhach, taigh seo Dhè na àite.
8
Agus tha mise a’ toirt òrdaigh a‑thaobh na nì sibh ri seanairean nan Iùdhach sin a‑chum taigh seo Dhè a thogail; eadhon gun tugar de mhaoin an rìgh, den chìs air an taobh thall den abhainn, cosdas air ball do na daoine sin, a‑chum nach cuirear bacadh orra.
9
Agus na tha a dh’easbhaidh orra, araon tairbh òga, agus reitheachan, agus uain, airson ìobairtean-loisgte Dia nèimh, cruithneachd, salann, fìon, agus ola, a rèir òrdagh nan sagart a tha ann an Ierusalem, thugar gu cinnteach dhaibh o là gu là, gun fhàilling;
10
A‑chum gun toir iad seachad tabhartasan deagh-bholaidh do Dhia nèimh, agus gun dèan iad ùrnaigh airson beatha an rìgh agus a mhac.
11
Mar an ceudna thug mi seachad òrdagh, ge bè neach a dh’atharraicheas am facal seo, gun spìonar sìos fiodh as a thaigh, agus nuair a chuirear suas e, gun crochar air e, agus gun dèanar a thaigh na dhùnan airson seo.
12
Agus an Dia a thug air a ainm còmhnaidh a ghabhail an sin, gun sgriosadh esan na rìghrean sin uile, agus an sluagh a shìneas a‑mach an làmh a dh’atharrachadh agus a sgrios taigh Dhè a tha ann an Ierusalem. Thug mise Darius òrdagh seachad; dèanar an nì gu luath.
13
An sin rinn Tatnai, an t‑uachdaran air an taobh seo den abhainn, Setar-bosnai, agus an cuideachd, gun dàil a rèir an fhios a chuir Darius an rìgh uaithe.
14
Agus thog seanairean nan Iùdhach, agus shoirbhich leo a rèir fàidheadaireachd Hagai am fàidh, agus Shechariah mhic Ido; agus thog iad agus chrìochnaich iad, a rèir àithne Dia Israeil, agus a rèir àithne Chìruis agus Dhariuis, agus Artacsercseis rìgh Phersia.
15
Agus chrìochnaicheadh an taigh seo air an treas là den mhìos Adar, a bha anns an t‑siathamh bliadhna de rìoghachadh Dhariuis an rìgh.
16
Agus chùm clann Israeil, na sagartan agus na Lèbhithich, agus a’ chuid eile de chloinn a’ bhraighdeanais, coisrigeadh taigh seo Dhè le gàirdeachas;
17
Agus dh’ìobair iad aig coisrigeadh taigh seo Dhè, ceud tarbh òg, dà cheud reithe, ceithir cheud uan; agus mar ìobairt-pheacaidh airson Israeil uile, dà‑bhoc-dheug goibhre, a rèir àireamh treubhan Israeil.
18
Agus shuidhich iad na sagartan nan roinnean, agus na Lèbhithich nan sealan, airson seirbhis Dhè, a tha ann an Ierusalem; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois.
19
Agus chùm clann a’ bhraighdeanais a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos.
20
Oir ghlanadh na sagartan agus na Lèbhithich le chèile: bha iad uile glan, agus mharbh iad a’ chàisg do chloinn a’ bhraighdeanais uile, agus dam bràithrean, na sagartan, agus dhaibh fhèin.
21
Agus dh’ith clann Israeil a thàinig air an ais on bhraighdeanas, agus iadsan uile a dhealaich iad fhèin dan ionnsaigh o shalchar cinnich na tìre, a dh’iarraidh an Tighearna, Dia Israeil.
22
Agus chùm iad fèill an arain neo-ghortaichte seachd làithean le aoibhneas: oir rinn an Tighearna aoibhinn iad agus thionndaidh e cridhe rìgh Asiria dan ionnsaigh, a neartachadh an làmhan ann an obair taigh Dhè, Dia Israeil.











Esra 6:1

Esra 6:2

Esra 6:3

Esra 6:4

Esra 6:5

Esra 6:6

Esra 6:7

Esra 6:8

Esra 6:9

Esra 6:10

Esra 6:11

Esra 6:12

Esra 6:13

Esra 6:14

Esra 6:15

Esra 6:16

Esra 6:17

Esra 6:18

Esra 6:19

Esra 6:20

Esra 6:21

Esra 6:22







Esra 1 / Esra 1

Esra 2 / Esra 2

Esra 3 / Esra 3

Esra 4 / Esra 4

Esra 5 / Esra 5

Esra 6 / Esra 6

Esra 7 / Esra 7

Esra 8 / Esra 8

Esra 9 / Esra 9

Esra 10 / Esra 10